This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Eairdsidh Caimbeul (Cleachdaidhean)

Well, ’s e, ’s e latha mòr a bh’ ann a bhith, em, a bhith a’ buain agus tha cuimhne agam nuair, nuair a bha mi fhìn, em, na b’ òige bhiodh ’s dòcha ceathrar againn a’ buain còmhla. Agus bhiodh tòrr characters mar gum bitheadh ga dhèanamh agus bha thu daonnan a’ faighinn tòrr, uh, tòrr stòraidhean is rudan mar sin, tòrr, tòrr, tòrr fealla-dhà bho daoine le bhith, em, a’ buain còmhla fad an latha. Bhiodh tu a’ faighinn iomadach, uh, iomadach stòraidh, iomadach ròlaist mar gum bitheadh bho feadhainn mar a b’ aithne dhuinn mar Ridseard an Ìlich agus feadhainn mar sin. Bha iad, bha iad, bha iad, math air stòraidhean innse so bha thu a’ faighinn tòrr, tòrr, um, well, tòrr, tòrr fealla-dhà leotha, uh, le bhith a’ buain mhònadh.

Agus an uair sin cuideachd, cuideachd, an dèidh latha buain bhiomaid uile a’ gabhail biadh còmhla. An uair sin bhiomaid a’ tighinn dhachaidh an seo agus bhiodh biadh mòr gar feitheamh. Agus cuideachd dram, agus cnogan làgair, agus sin cuideachd – bha sin mar pàirt dhan, uh, an latha. Bha sibh ag obair còmhla, agus an uair sin tighinn, tighinn dhachaidh, agus a’ gabhail biadh còmhla.

Well, an fheadhainn a bh’ againne bhiodh iad a’ faighinn pàigheadh airson na h-obrach, ach cuideachd a’ faighinn am biadh. Agus bha biadh riamh mar phàirt dhan “deal” mar gum bitheadh. Bhiodh tu, bhiodh tu a’ pàigheadh dhaoine airson, airson an latha obrach, ach cuideachd a’ toirt dhaibh am biadh cuideachd, ’s dòcha biadh anns a’ mhadainn, ’s dòcha bracaist, agus an uair sin cuideachd ’s dòcha biadh meadhan-latha agus cuideachd biadh, biadh, eh, feasgair, eh, dìnnear. Agus ’s dòcha gu robh sin, um, a’ coimhead air ais gu àm far am biodh daoine dìreach ag obair còmhla agus gun phàigheadh, ach bhiodh iad a’ faighinn am biadh, ach an uair sin bhiodh daoine a’ faighinn am pàigheadh agus am biadh.

Uair no uairegin bhiodh daoine ag obair còmhla gu mòr air obair fearainn agus obair, obair mhònadh, agus a h-uile seòrsa obrach, ach tha mi a’ smuaintinn an uair sin gun do dh’atharraich cùisean far, far an robh daoine ’s dòcha ag obair aca fhèin barrachd is nach robh ùine aca a bhith ag obair còmhla ri nàbaidhean is rudan mar sin – no, no gu robh iad dìreach cho trang le, le obair, obair pàighte. Tha mi a’ smuaintinn gun e sin a rinn, rinn atharrachadh mòr ann an Uibhist, eh, gun d’ fhuair daoine barrachd cothroman obrach, obrach pàighte, agus gu robh iad cho feumach air cuideachadh, em, bho chèile mar a bha iad uair no uairegin, ach tha fios agam gun do dh’atharraich gnothaichean ’s dòcha as dèidh a’ chogadh, uh, as dèidh a’ chogaidh far am biodh daoine, ’s dòcha, ag obair barrachd airson, airson, son ’s dòcha, eh, aig an airm no aig a’ phort-adhair no rudeigin mar sin, an àite a bhith ag obair, uh, air a’ chroit fad an t-siubhail agus a’ cuideachadh a’ chèile mar a, mar a bha iad. Ach tha fios agam, gum biodh, gum biodh, eh, daoine a’ faighinn am pàigheadh nuair a bha mise a’ fàs suas. Bhiodh daoine a’ faighinn am pàigheadh son bhiodh, em, gum biodh rate ann airson latha, latha mònadh, ach cuideachd bha, bha biadh agus an deoch cuideachd mar, mar phàirt dhan, dhan deal.

Em, mar a thuirt mi, tha ola, tha ola, tha prìs an ola a’ tuiteam agus ag èiridh. Eh, feumaidh gu bheil prìs an ola, eh, beagan nas ìsle an-dràsta ach mar a, eh, mar a thuirt mi faodaidh sin atharrachadh gu math luath a-rèir dè tha a’ tachairt, uh, anns an t-saoghal. Agus cò aige a tha fios nach bi daoine, um ’s dòcha, a’ toirt, a’ cur barrachd suim ann an dòighean mar, mar seo le bhith a’ buain a’ mhòine aca fhèin agus, em – ’s e an rud a th’ ann – tha thu a’ cosg ùine air, ach ’s e sàbhaladh a th’ ann a thaobh airgid. Sin an rud. So, ’s e an rud a bheil thu ag iarraidh a bhith a’ sàbhaladh airgid no a’ sàbhaladh ùine? Agus, agus sin an rud ach, uh, ’s e, ’s e glè bheag a chì thu, feumar a ràdh, a’ buain anns an latha an-diugh. Tha cuimhne agam, aig aon àm bhiodh tòrr dhaoine a’ buain còmhla, eh, air a’ mhòinteach a bhiodh làn dhaoine. Ach saoilidh mi an latha an-diugh ’s e, ’s e glè bheag a chì thu an seo co-dhiù a-muigh far an robh, eh, sinne a’ buain.

Cò aige a tha fios? Tha, tha e doirbh a ràdh ach – dìreach dòigh eile a th’ ann co-dhiù son a bhith a’ faighinn, a’ faighinn, um, rud a chuireas tu dhan teine is a chumas blàth thu. Agus uh, ach obair, obair laghach air deagh latha, saoilidh mi – a bhith am measg dhaoine agus a bhith a-muigh. Agus ’s e obair fallain a th’ ann agus ’s e, ’s e rud a bha sinn eòlach air, agus bha, bha, eh, m’ athair ga dhèanamh ’s mo sheanair ’s.. So ’s e rud a bha a’ ruith air ais fad iomadach ginealach.

Short url:   http://multidict.net/cs/726