This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Feannagan

Ann an Uibhist a Deas bidh a’ bhuidheann trèanaidh Cothrom a’ ruith cùrsa air a bheil “Sgilean Beatha”. Bidh na daoine air a’ chùrsa a’ togail chleachdaidhean a bhuineas dhan dùthaich, nam measg feadhainn a dh’fhaodadh a dhol a-mach à bith san latha an-diugh.

San leasan an-diugh seallaidh Aonghas Dòmhnallach mar a nì thu feannagan buntàta. Mar a b’ àbhaist chaidh an dèanamh air an talamh bhochd air taobh an ear an eilein, ach thathar a’ toirt seachad an taisbeanadh an-diugh air talamh nas fhasa air an taobh an iar aig Tobh Mòr.

An toiseach, thèid meudachd is cumadh na feannaige a chomharrachadh. A’ cleachdadh sreang airson stiùireadh gearraidh Aonghas loidhne san talamh le spaide.

An uair sin bidh thu a’ tionndadh nam ploc dhan mheadhan. Bho chionn fhada bhiodh sin air a dhèanamh le cas-chrom, ach an-diugh tha Aonghas ga dhèanamh leis an spaide.

Aig an aon àm tha Seonaidh Ailig ag obair air loidhne air an taobh eile. Tha an talamh furasta gu leòr agus cha toir an dithist dhiubh cus ùine airson an dà thaobh fhaighinn deiseil.

’S e an ath-cheum a bhith a’ lìonadh meadhan na feannaige. Tha i an uair sin deiseil, fiù ’s mura h-eil i a’ coimhead buileach ceart air a’ mhachair air taobh an iar an eilein.

Tha an t-ionad trèanaidh fhèin aig Cothrom nas fhaide gu taobh an ear an eilein. Tha an talamh garbh le clachan gu leòr, ach chaidh aca air feannagan a dhèanamh ri taobh an togalaich. Agus chuir iad buntàta ann na bu tràithe sa bhliadhna.

Tha pròiseact eile aig sgioba Sgilean Beatha airson planntaichean a chur air làrach an ionaid. Tha seo airson eunlaith agus cuileagan is biastagan eile a bhrosnachadh, gus taic a thoirt do bhìth-iomadachd san sgìre, no “biodiversity” mar a chanas iad sa Bheurla. Leis mar a tha an talamh cho cruaidh chan eil an obair seo furasta.

Nas fhaide air adhart sa bhliadhna tha am buntàta air fàs. Tha iad deiseil airson an togail. ’S dòcha nach eil cus dhiubh ann, ach chan eil iad dona nuair a chuimhnicheas tu an talamh san deach an cur, gun todhar sam bith. Tha fear no dhà ann a tha mòr, agus tha gu leòr ann airson a h-uile duine a bhiadhadh - an luchd-obrach aig Cothrom agus na h-oileanaich gu lèir.

Short url:   http://multidict.net/cs/727