This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Aonghas Dòmhnallach

’S ann air an taobh an ear a bhiodh ann an sheo – ’s ann a b’ àbhaist a bhith a’ dèanamh feannagan a’ bhuntàta ’s mar sin. Agus bhiodh, ’s e na bodaich a bhiodh a’ dèanamh na feannagan agus ’s e na boireannaich, ’s iad a bhiodh a’ cur a’ bhuntàta. Agus ’s e na boireannaich a dh’fheumadh am buntàta a thogail. Agus bha rud ach an canadh iad cas-chrom agus ’s ann leis an sin a bhiodh iad a’ tionndadh an talamh son dèanamh na feannagan. ’S bha iad an uair sin a’ faighinn na spaide agus a’ lìonadh eadar an dà phloc leis a’ mhòine agus an uair sin gus an tiormaicheadh am buntàta o chionn’s bha, an taobh an ear, bha e cho fliuch. Dh’fheumadh iad an togail àrd airson, gus nach biodh am buntàta aca a’grodadh orra. Sin mar a bha gnothaichean a’ dol.

Agus ’s e mo sheanair a sheall dhomhsa ciamar a dhèanainn an toiseach iad, agus on uair sin bhithinn ag obair còmhla ri m’ athair nuair a bhiodh e ga dèanamh, agus rud eile, well, bhiodh sinn a’ dol chun a chladaich agus nuair a bha thu a’ lìonadh a-staigh dhan a meadhan e agus am ploc bha thu a’ sgaoileadh todhar a-mach air an talamh. Bha thu an uair sin a’ lìonadh a-staigh agus an uair sin a’ cur am buntàta an lùib an todhar a bha sin. Ach ’s e todhar an taobh an ear a bhiodh aca, ach, air sàilleabh bha todhar an taobh an iar, bha e cho làidir. Loisgeadh e am buntàta sàilleabh ris a’ mhòintich. Agus, ach air an taobh an iar ’s e todhar an taobh an iar fhèin a bhiodh iad a’ cur san treabhadh airson bha a’ ghainmhich, bha i a’ sùghadh an leithid, eh, bha i a’ sùghadh às an todhar.

Cas-chrom – ’s e, bèist dìreach – seòrsa de chrom a bh’ ann agus cas fhada ann. Agus bha cipean a-mach air an aon taobh, ’s bha thu a’ cur do chas air, ’s ga phutadh air an talamh. Agus an uair sin bha thu a’ cur car dheth. Oh dhèanadh tu aon phloc – tha mi cinnteach gum biodh trì troimhean a dh’fhad ann mun cuireadh tu car dheth, ma bha duine math leatha.

Short url:   http://multidict.net/cs/728