This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Tommy Dòmhnallach

Tha, tha mise ag obair an seo aig Cothrom dìreach aon latha san t-seachdain air, um, cùrsa, eh, “life skills”. Agus, tha, tha deannan againn a tha – tha sinn a’ cuir planntaichean is craobhan is flùraichean is gnothaichean mun cuairt air a’ – air an àite – air an togalach ùr a th’ aig Cothrom an seo.

Agus, uh, pàirt dhan scheme seo – thàinig cuidegin suas le, le uh, leis an idea, uh, feannagan a dhèanamh. Agus, uh, thòisich sinn air feadhainn, feannagan a dhèanamh aig ceann an iar na togalaich far a bheil dùil aca gàradh a dhèanamh a bhios aig a’ chlann a tha sa chròileagan.

Agus, uh, tha sinn fortanach gun robh cuidegin againn air a’, air a’ chùrsa, tha, a bh’ air a, a bha cleachdte ri, ri bhith a’ dèanamh feannagan. Agus, uh, bha – tha cuimhne agam gun do rinn mi fhìn feadhainn airson bliadhnaichean air ais ach bha, bha e a’ tòiseachadh air falbh às mo chuimhne, so, uh, tha, bha fhios aig Angaidh mar thèid thu mun cuairt air a’ ghnothach.

Uh, tha mi cinnteach, an fheadhainn, na feannagan a th’ againn an seo, nach eil iad buileach mar a, mar a tha na seann fheadhainn chionn’s tha, tha, tha an talamh caran briste far an robhar a’, mun cuairt air an togalach ùr cha robh, cha robh feur air is bha e làn chlachan is ghnothaichean, so bha barrachd, beagan a bharrachd obair ann na tha àbhaisteach ann a bhith a’ dèanamh, dèanamh feannagan, ach tha sinn gu math toilichte leis an obair an sin.

Aidh, chanainn gun robh àite aig feannagan fhathast. Uh, ’s e dòigh, tha e nas fhasa airson a bhith a’ tòiseachadh air gàradh às ùr. Chan eil agad ach, uh, an dàrna, chan eil thu ach a’ tionndadh an dàrna leth dhan, dhan talamh. So chanainn nach eil uiread de dh’obair ann ri bhith cladhach a h-uile, a h-uile grèim dheth. Agus, uh, tha thu a’ faighinn – còir agad beagan buntàta fhaighinn aig deireadh na bliadhna – agus uh – an dèidh ’s am buntàta a bhith a’ fàs anns an talamh tha – tha e gus a bhith nas freagaraiche airson lusan is gnothaichean eile a chur ann a – sna bliadhnaichean ri tighinn.

Fhuair sinn, fhuair sinn grant airgid o scheme aca son biodiversity aig SNH. Agus, uh, tha sinn air planntaichean is craobhan beaga fhaighinn an-diugh a bhios sinn a’ cuir mun cuairt. So cumaidh sin a’ dol sinn airson, airson uh butterflies is na h-eòin a thoirt, a thàladh dhan, dhan àite-sa.

Short url:   http://multidict.net/cs/729