This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Muirsgein

Tha Ailig Peuton, a tha air a’ chùrsa ann an Sgilean Beatha air a ruith le Cothrom ann an Uibhist a Deas, a’ dèanamh deiseil airson muirsgein a thogail, agus airson sealltainn do chàch mar a thèid a dhèanamh. Tha iad ga leantail dhan àite àbhaisteach aige aig Rubha Ghaisinis air taobh an ear an eilein.

Tha iad air a bhith a’ feitheamh ris an tràghadh, agus a-nist tòisichidh Ailig a’ sealg. Nuair a bhios a’ ghaoth ann faodaidh e a bhith doirbh an rud a tha thu a’ lorg fhaicinn. Ach tha Ailig a’ faicinn fear agus ga ghlacadh. Fhad ’s a tha e a’ fàs cleachdte ris an obair tòisichidh e air grunnd mhath de mhuirsgein a ghlacadh.

Tha maorach de gach seòrsa pailt ann an Uibhist. Tha srùbain agus feusgain rim faighinn gu furasta, agus gheibhear creachain cuideachd, ach tha an t-àite seo glè mhath airson muirsgein. Ach uaireannan nam measg gheibh thu grèim air rud eile ris nach biodh tu an dùil.

As dèidh dha coimhead airson greiseag gheibh Seonaidh Ailig leasan air mar a lorgar muirsgein agus mar a thèid an togail. Tha an leasan soirbheachail – mu dheireadh thall. Agus tha Tommy a’ faighinn air adhart gu ìre mhath cuideachd. Chan eil sin dona airson a’ chiad oidhirp – cha bhiodh tu an dùil a bhith soirbheachail gach triop.

’S toil le Ailig grunn a thogail aig an aon àm agus an uair sin am fàgail airson duine eile a chuireas iad sa bhucaid. San dòigh seo tha e a’ creidsinn nach bi for aig na muirsgein gu bheil iad ann an cunnart, agus mar sin cha bhi iad gam falach fhèin gu domhainn sa ghainmhich.

Nuair a tha a bhucaid làn thig an sgioba air ais far an tràigh. Tha iad air tòrr a thogail – fiù ’s ma ’s e Ailig a fhuair a’ chuid as mòtha dhiubh. Chan eil an còrr ri dhèanamh ach a h-uile duine an cuid fhèin a ghabhail, agus an uair sin ’s urrainn dhaibh coimhead air adhart ri maorach ùr airson an dìnneir.

Short url:   http://multidict.net/cs/730