This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Ailig Peuton

Dh’ionnsaich mise dìreach on seann daoine a-muigh on taobh agam fhìn, nuair a shioft mi à Glaschu. Cha robh mi ach sia bliadhna dh’aois nuair a shioft sinn à Glaschu – mi-fhìn ’s m’ athair ’s mo mhàthair ’s an còrr, ceathrar dhen teaghlach againn – Aonghas, Nìall, Peter agus Donaidh – còigear againn, sorry – agus coltach gun do ghabh mi interest ann – falbh a-mach a’ watcheadh na seann daoine togail nam muirsgean. Agus ’s e novelty, novelty cianail a bh’ ann an uair sin dhomhsa, novelty sgràthail ga faicinn. So cha do rinn mi-fhìn ach aon latha dh’fheuch mi agus, uh, bha m’ athair ann ’s crowd aca ’s thuirt m’ athair rium “Shin thu a bhalaich, fhuair thu fear”. “Fhuair.” “Agus tha sin ann, fear snog. Cùm a’ faighinn iad sin agus nì thu glè mhath.” Well, chun an lath an-diugh tha mi still ag obair ann. Bha sin ann nuair a bha mi sia bliadhna – an dèidh tighinn às a’ bhaile mhòr.

O chan eil secret sam bith ann, dìreach (gum) feum thu dìreach watcheadh mar a tha sùil. Càil an t-sùil aca agus watcheadh ciamar a chuireas tu do chorragan. Mar a bha mi a’ ràdh ’s gun do chorragan a chur sios direct idir thuca, rud a tha gu leòr a dèanamh, no, well, tha thu gearradh pàirt de chorragan dhiot. Feumaidh tu tighinn thuca ann an, aig angle, agus an uair sin aon uair is gu suath na corragan agadsa an t-slige acasan cha ghluais iad. ’S d’ òrdag fhaighinn sios an uair sin agus a’ slaodadh às an tràghadh dìreach cho math ’s a ’s urrainn dhut no fàgaidh iad am biadh aca ann. Feumaidh tu an uair sin tòiseachadh air cladhach ma tha thu airson – ach cha bhi mise uair sam bith a’ bodraigeadh leis an sin, cha bhi mi ach ga fhàgail o chionn ’s bidh mi a’ ràdh rium fhìn “there’s plenty more fish in the sea”, an àite tòiseachadh air cladhach son biadh, ’s ’s dòcha thu fhèin a ghearradh.

Ach, tha, air an oidhche, tha e cunnartach air an oidhche co-dhiù a dhol ann leat fhèin. Dh’fhaodadh tu a dhol air chall, gu math furasta a dhol air chall. Ma tha thu a’ dol ann air an oidhche daonnan daonnan fàg solas air tìr far a bheil thu a’ cromadh dhan a’ chladach son ’s gu bheil fhios agad càil thu a’ coiseachd air an tràigh. Dh’fhaodadh tu bhith a’ coiseachd air an tràigh mìltean ’s gun sìon a dh’fhor agad dè an t-astar a tha thu a’ dol air an oidhche. Air an latha tha thu a’ faicinn a h-uile sìon mu chuairt ort. Ach ma tha daoine a’ dol chun an tràigh idir idir air an oidhche – b’ àbhaist dhuinn a bhith a’ fàgail Tilley air a’ chladach. Chaidh an uair sin gu torch – bhathar a’ fàgail torch specially air a’ chladach airson guide faighinn air ais far an do chrom thu dhan chladach dìreadh às a’ chladach.

Tha e a’ còrdadh riumsa taghta togail nam muirsgean. ’S toil leam togail nam muirsgean. Chan iarrainn an còrr a bhith ann. Bhithinn ann an-dràsta nam biodh an tràigh ann. Chan eil ann ach obair natural dìreach. Tha tòrr de dhaoine ann – thachair mise le feadhainn ann an shin a thàinig dhachaidh à Lunnainn. ’S bha mi-fhìn ’s mo bhràthair Aonghas air an tràigh sin latha is thàinig an dithis a bha sin thugamsa. “Are you Alec?” “Yes, I’m Alec. Who are you?” “I’m Billy, and this is Becks.” “And what do you want?” “We want you to show us how to lift razor-fish.” Well, triop no dhà b’ fheudar dhomh shealltainn dhaibh, agus shioft iad bhuam ’s bha iad fhèin gan togail – perfect. Three, four dozen – trì no ceithir a dhusain anns an aon treiseag a bha iad ann, for the first, airson a’ chiad triop.

Bidh mise a h-uile triop as urrainn dhomhsa a bhios tràigh ann bidh mi ann. Tha fhios aig a h-uile duine air sin. Bidh m’ athair a tha a’ fuireach a-muigh faisg air an tràigh ann an shin, Peter mo bhràthair ’s Angus, ’s bidh iad ag ràdh “Tha e neònach mura bi Ailig air an tràigh an-diugh. Cha mhiss am fear sin an tràigh co-dhiù”. Agus bidh mi sin.

Short url:   http://multidict.net/cs/731