This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Màiri Anna NicAoidh

Is mise Màiri Anna NicAoidh. Tha mi a’ fuireach ann an Gèirinis ann an Uibhist a Deas.

’S toil leam a bhith a’ còcaireachd. Tha, tha e gu math inntinneach ag obair le rudan diofraichte, so ’s toil leam a bhith ag obair le rudan diofraichte a’ còcaireachd.

’S toil leam a bhith a’ fuine, ’s toil leam a bhith a’ còcaireachd, ach a’ còcaireachd rudan a gheibh thu às an àite seo fhèin. ’S tha tòrr de ghnothaichean ann a gheibh thu ann an sheo fhèin airson a chòcaireachd ma choimheadas tu air a shon. Tha, tha an t-uamhas ann a dh’fhaodadh tu fhaighinn ann an Uibhist nach, ’s dòcha, nach eil sinn a’ smuaintinn mu dheidhinn, ach tha an t-uamhas ann a dh’fhaodas tu a dhèanamh. Chan eil agad ach ri dhol sios chun a’ chladach ’s gheibh thu maorach gu leòr, no a dhol – tha bùithean ann a tha a’ reic èisg ’s a’ reic salmon ’s a’ reic a h-uile seòrsa maorach ma tha thu ag iarraidh sin. So maorach sam bith a tha thu ag iarraidh son a bhith a’ còcaireachd gheibh thu air an eilean fhèin e. No feòil, gheibh thu feòil a bha às an àite seo fhèin aig, aig daoine mu chuairt agus aig a bheil caoraich ’s rudan mar sin, ’s gheibh thu feòil mar sineach.

’S toil leam a h-uile seòrsa maorach. ’S toil leam na creachainn. ’S iad as fheàrr leam, fhios agad. ’S toil leam muirsgein, ’s toil leam srùbain, ’s toil leam feusgain. ’S toil leam a h-uile seòrsa maorach.

Tha mi a’ smaoineachadh gur e maorach an rud a - ’s ann – an rud a th’ ann as fhasa chòcaireachd air fad o chionn chan eil e ag iarraidh mòran còcaireachd. Mar a tha a’ chuid as mòtha de mhaorach chan eil e dìreach ag iarraidh ach a ghoil airson a thoirt às an t-slige agus às a dheidh sineach faodaidh tu rud sam bith a dhèanamh a tha thu airson leis.

Well, na muirsgein – nam biodh sinn a’ faighinn muirsgein cha bhiodh sinn ach dìreach ga, ga glanadh leis an t-slige ’s ga cur ann am poit, dìreach ga goil gus am fosgail an t-slige, is aon uair ’s gum fosgail an t-slige tha iad bruich chionn chan eil iad ag iarraidh mòran bruich. So ma bhruicheas tu ro mhòr iad tha iad a’ fàs cho righinn, tha mise a’ smuaintinn. So chan eil iad ach ag iarraidh dìreach an t-slige fhosgladh is tha iad a’ bruich aig an sineach.

’S faodaidh tu an ithe mar sineach ma tha thu airson – ach faodaidh tu cuideachd leigeil leotha fàs fuar ’s am fryeadh ann an ìm no sliceadh suas ’s dh’fhaodadh tu an cur ann an chowder no, còmhla ri maorach eile mar sineach. ’S e sin an rud a bhithinnsa a’ dèanamh leotha.

Well, cuide le muirsgean leis fhèin, nam bithinn a’ dol ga ithe airson – well ma dh’ithinnsa e ’s ann air a fhryeadh ann an ìm còmhla ri aran no còmhla ri toast, nam bithinn a’ dol ga ithe leis fhèin. Ach tha iad ga chur am measg rud eile, chuirinn am measg srùbain no feusgain no maorach sam bith airson chowder a dhèanamh, dìreach ga chur anns a’ phoit ’s stock a chur air ’s cream a chur air. Dh’fhaodadh tu buntàta a chur ann ’s dhèanadh sin biadh dha fhèin, leis fhèin dhut.

Well, tha mi a’ smuaintinn gur e, gur e maorach am biadh a b’ fheàrr leam is iasg. ’S e sin, ’s e sin am biadh as fheàrr leam. Chan eil mi idir - ’s suarach cho keen ’s a tha mi air feòil mar sin, feòil dhearg co-dhiù. Ach, ach biadh sam bith, ’s toil leam biadh sam bith ach ’s e mo roghainn, ’s e maorach a bhiodh ann. Ach ’s toil leam biadh sam bith, còcaireachd le biadh sam bith.

Well, man a chaidh mo thogail suas ’s ann le biadh iasg is buntàta a bu trice a bhiodh againn, mar a tha rionnach saillte. Tha cuimhne agam air mo mhàthair a bhith a’ faighinn baraill de rionnach ’s bhiodh sinn ga chur air dòigh shìos san t-sàl air a’ chladach ’s ga ghlanadh ’s ga shailleadh ’s bhiodh sin againn fad a’ gheamhraidh. No sgadan ’s buntàta, no feòil shaillte ’s buntàta bu trice a bhiodh againn chionn anns an àm seo cha robh deep freezes ann, so bha iad a’ sailleadh a h-uile sìon an uair sin. So mar sin, bha mi cleachdte ris a h-uile seòrsa de bhiadh agus mar sin ’s toil leam a h-uile seòrsa de bhiadh. Ach a-nis tha deep freezes agad, chan eil thu a’ faighinn mòran de rud shaillte ann, ’s tha a h-uile sìon, mar gum biodh, fresh from frozen a-nist. So, tha, ach ’s toil leam feòil uan no feòil mart no, och ’s toil leam a h-uile seòrsa feòil ’s bruichidh mi a h-uile seòrsa feòil no, o chionn gabhaidh diofar rudan dèanamh leis a h-uile sìon.

Short url:   http://multidict.net/cs/732