This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Nighean Dhòmhnaill Bàin an t-Strùim

Nighean Dhòmhnaill Bàin an t-Strùim

Uaireigin, bha Iseabail nighean Dhòmhnaill Bàin an t-Strùim a’ fuireach ann am baile beag air mointeach Sgealasgro.

Bhiodh i a’ buachailleachd a’ chruidh a-muigh a’s Na Beannaimh. Fhad ’s a bha i buachailleachd, choinnich i ri fear air an robh Calum. Calum MacAmhlaigh, fear de mhuinntir Na Hearadh. Thug iad an t-earrach a’ suirghe agus aig deireadh an t-samhraidh rinn iad an-àirde gun robh iad a’ dol a phòsadh.

Nis, chan aithnicheadh pàrantan Iseabail Calum idir. Chan fhaca iad a-riamh e. Agus a’ chiad lorg a bha aca air, ’s ann nuair a thuirt i gun robh i a’ dol a phòsadh am fear a bha seo às Na Hearadh. Agus thuirt iad rithe nach robh, ach gum feumadh i fear do mhuinntir Ùig a phòsadh.

Agus chuir iad casg air Iseabail a dhol thairis air Na Beannaimh airson a dh’fhaicinn Caluim a-chaoidh tuilleadh.

Bha Iseabail le cridhe briste, ach bha i fada na ceann agus chuir i fios gu càirdean a bha aig Calum ann am Barraglom. Iad fios a chur gu Calum e a bhith aig an eathar a’s an t-Strùim a leithid seo an latha.

Thàinig an latha sin, Latha na Bainnse agus bha Iseabail aig an taigh agus i a’ dèanamh deiseil, nuair a bu chòir dhi a bhith a’s an Eaglais. Eaglais Baile na Cille. Thug i a h-uile mionaid a b’ urrainn dhi, bhon bha aig Calum ri thighinn astar mòr.

Mu dheireadh, nuair nach b’ urrainn dhi a bhith a’ feitheamh na b’ fhaide, dh’fhàg i miotagan a’ phòsaidh am broinn an taighe. ’S chaidh i sìos chun a’ chladaich, ’s cha robh Calum anns an eathar.

Thuirt i ri a h-athair “Dh’fhàg mi na miotagan am broinn an taighe”. ’S chaidh a h-athair às a chiall. Thuirt e rithe “Thèid mi fhìn gan iarraidh”.

“Cha tèid” ars ise, “’S ann agamsa a bha iad mu dheireadh agus ’s ann agam a tha fios ca’ bheil iad”.

Ghabh i air ais suas chun an taighe agus thug i a h-uile mionaid a b’ urrainn dhi, mus b’ fheudar dhi tilleadh a-nuas chun an eathair.

Nuair a ràinig i a’ chladach airson an dàrna h-uair, cha robh Calum a’s an eathar.

Agus ’s ann le cridhe gu math trom a chaidh i dhan  eathar agus iad air an t-slighe suas a dh’Ùig.

Ach bha Iseabail a’ cumail a sùil air a’ bheinn.

Agus nach ann a chunnaic i Calum air an fhàire. ’S thuirt i ri a h-athair “Nach leig sibh mise air tìr ann an-seo, ach am faigh mi deoch bhùirn às an fhuaran, a bhiodh agam nuair a bhithinn a-muigh an-seo leis a’ chrodh”.

Chuir a h-athair air tìr i, agus shreap i an-àirde chun an fhuarain agus dh’fhuirich i ann an-sin gun tàinig Calum.

Thuirt i ris “Theirig sìos chun a’ chladaich agus iarr aiseag a dh’Ùig. Chan aithnich thu mis’ chan fhaca thu a-riamh mi”.

Dh’fhalbh Calum sìos chun an eathair ’s dh’iarr e aiseag a dh’Ùig.

Thill Iseabail a-nuas an leathad an uairsin agus thuirt i “Tha strainnsear agaibh bho dh’fhalbh mi”.

“Tha” ars a h-athair “Fear de mhuinntir Na Hearadh agus e ag iarraidh aiseag a dh’Ùig’”.

“Uill” ars Iseabail “Duine sam bith a tha dol a dh’Ùig an-diugh, feumaidh e a thighinn chun a’ bhanais agamsa”.

“A, is mise a nì sin”, ars an Hearach.

Ràinig iad Meàbhaig agus choisich iad suas An Gleann gu Eaglais Baile na Cille.

Chaidh Iseabail na seasamh air beulaibh a’ mhinisteir an cois fear Ùig.

Nis, bha cleachdadh aig na ministearan an uairsin, aig seirbheis pòsaidh, gum biodh iad a’ faighneachd dhan fhear a bha a’ pòsadh agus an tè a bha a’ pòsadh “An e seo do roghainn?”.

Nuair a dh fhaighnich am ministear do dh’Iseabail “An e seo do roghainn?”

Thuirt i “Chan e”.

Chaidh an t-àite sàmhach agus chaidh a h-uile duine balbh.

Nuair a thàinig am ministear thuige fhèin, thuirt e “Ma tha e an làthair, thoir a-nuas e.”

Agus sheas Calum às Na Hearadh an-àirde a’s an t-suidheachan

Le na h-oilisginn, agus thàinig e a-nuas agus sheas e air beulaibh a’ mhinisteir còmhla ri Iseabail.

 Agus phòs am ministear iad agus chaidh iad air ais an oidhche sin thar Na Beannaimh, agus stad iad ann an àite air a bheil an Luachair.

Agus tha na daoine aca a’s Na Hearadh chun an latha an-diugh.

Air aithris le Magaidh Nic a’ Ghobhainn 2019. Thog mi an seanchas seo bho DHM MacÌomhair ann an 2006 agus chuir a bhràthair Fionnlagh na h-uibhir rithe ann an 2017. Bha Iseabail nighean Dhòmhnaill Bàin an t-Strùim an càirdeas dhaibh. ’S ann do chlann ’Ic Iomhair a bha i.

Short url:   http://multidict.net/cs/7333