This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Uilleam Lamb

Well, Thòisich mise dìreach o chionn dà bhliadhna, tha mi a’ smaoineachadh. Ged a bha mi a’surfadh ann an dòigh nuair a bha mi, uh, na b’ òige. Cha robh ann ach dìreach – chan eil fhiosam dè a’ Ghàidhlig a bhiodh air – ’s cinnteach nach eil facal sam bith air a shon – ach co-dhiù, um, “bodyboard” a bh’ ann. Agus, um, so bha e rud beag diofraichte ach bha e furasta gu leòr dhomhsa tòiseachadh, agus ’s e àite air leth a th’ ann an Uibhist ann an iomadach dòigh airson tòiseachadh, agus eadhon airson an fheadhainn a tha car siùbhlach neo math air surfadh.

Um, tha diofar àite ann, em, agus a rèir na gaoitheadh agus cò às a tha na stuadhan a’ tighinn tha aon tràigh nas fheàrr na, nan fheadhainn eile. Um, mar as trice bidh mi dìreach a’dol – um, tha mi a’fuireach ann an Solas – agus tràigh Sholais, well sin agad an tràigh as fheàrr ’s dòcha ann an Uibhist – em airson feadhainn a tha a’ tòiseachadh agus ann an iomadach dòigh airson a h-uile duine. Tha na stuadhan nas, um – tha iad nas glaine ann an shin, seach na h-àitean eile – mar as trice co-dhiù. So, ma tha stuadhan mòra a’ tighinn a-staigh bhon an Iar, well, tha fhios gum bi stuadhan ann an Solas, agus gum bi iad glan. Ann an àitean eile, leithid Hòsta, neo anns a’ Bhaile Shear, feumaidh tu dìreach a dhol ann agus checkadh a bheil e ceart neo ’s dòcha nach bi iad uamhasach math.

Tha e doirbh ri ràdh. Um, tha Uibhist, coltach ris a h-uile h-àite eile, ged a leughas tu rudeigin air an eadar-lìon, chan eil dad nas fheàrr na dìreach a bhith a’ dol sios dhan tràigh agus dìreach a bhith a’ faicinn dè tha a’ dol le do shùilean fhèin.

Bidh mi a’ feuchainn ri dhol a-mach, can, ma tha an surfadh math ann a h-uile latha dhen t-seachdain, thèid mise a-mach, ’s dòcha, uaireannan dà latha, uaireannan ceithir latha ma tha mi uamhasach fortanach. Bidh mo bheatha dìreach a’ stad, nuair a bhios na stuadhan a’ tighinn a-staigh.

Um anns a’ gheamhradh chan eil e idir cho tric ris an àm seo dhen bhliadhna. Seo, seo agad àm an fhoghair agus seo – bidh sinn fad na bliadhna dìreach a’ coimhead air adhart ri àm an fhoghair on a tha an t-uisge fhathast blàth, agus, an rud as cudromaiche, tha na stuadhan a’ tighinn a-staigh – dìreach taobh a-staigh na trì seachdainean a dh’fhalbh tha sinn air diofar mòr mòr fhaicinn a thaobh sin.

Anns a’ gheamhradh bidh mi fortanach, well mar a bha cùisean an uiridh co-dhiù um, bha mi fortanach ma bha mi a’ dol a-mach ’s dòcha dà thriop sa mhìos eadhon. Anns an Fhaoilleach trì triopan sa mhìos. Uaireannan na bu trice na sin, ach, um, tha na laitheachan a’ fàs goirid agus chan fhaod mi a dhol ann an dèidh na h-obrach. Sin an rud as miosa ma dheidhinn. Agus gu math tric ged a bhios na stuadhan ann, bidh a’ ghaoth dìreach a’ dol nad aghaidh, agus chan fhaigh thu seansa a dhol a-mach.

Uh, san earrach, um, mar as trice tha e math. Um as t-earrach sa chaidh cha robh e uamhasach math. Um bha e math fad a’ gheamhraidh agus aon uair ’s gun tàinig an t-sìde bhlàth a-staigh dh’fhalbh na stuadhan. Agus, um, bha mi a’ faicinn diofar mòr seach mar a bha cùisean an uiridh agus a’ bhòn-uiridh. Ach sin agad e.

Bha, bha an sàmhradh uamhasach math, um a thaobh blàthas na grèine agus a h-uile sian, ach cha robh – bha an t-sìde uamhasach seatlaichte. Agus tha sin a’ dèanamh diofar. Tha sinn feumach air stoirm, um, anns a’ chuan, agus fad air falbh, ach mura faigh sinn sin cha bhi dad a’ tachairt. Um feumaidh sin a bhith mìltean – can trì mìle mìle air falbh – sin an rud a tha thu ag iarraidh, rud ris an can iad anns a’ Bheurla “fetch”. Ma tha fetch mòr fada agus stoirm mhòr fad air falbh gheibh thu stuadhan math. Sin an rud a th’ air a bhith againn ann am beagan – laitheachan sa chaidh.

Well, anns a’ gheamhradh cha bhi mòran a’ dol ann. Bidh uaireannan dìreach mi-fhèin, uaireannan dithis, uaireannan triùir. Um chan fhaicinn barrachd na sin, an uiridh co-dhiù. Em, tha feadhainn air tighinn a-staigh ge-tà, agus um, so tha mi a’ creidsinn, ’s dòcha, bidh ceathrar no còigear ann bho àm gu àm. Em, sin chanainn-sa an àireamh as mòtha a chì thu, mar as trice, ’s dòcha triùir no ceathrar.

Em an-dè nuair a bha sinn shìos aig an tràigh bha, tha mi a’ smuaintinn, seachdar a’ surfadh, agus tha mi a’ smuaintinn gur e record tha sin airson tràigh Sholais. Um, so mar as trice dithis no triùir, rudeigin mar sin.

’S e an rud a tha math mu dheidhinn surfadh, dhomhsa co-dhiù – tha an t-sìde ann an sheo gu math mì-chinnteach – chan eil thu cinnteach dè bhios a’ tachairt bho latha gu latha. Um fhad’s a tha a’ ghaoth anns an àite cheart chan eil e gu diofar ma bhios an t-uisge ann – bidh thu fliuch co-dhiù, so faodaidh tu a dhèanamh fad na bliadhna. Agus um tha e cho math a bhith a-muigh, can eadhon nuair a bhios an sneachd ann. Um tha thu a-muigh anns a’ ghrèin neo rudeigin – tha thu a-muigh agus solas timcheall ort co-dhiù. Agus tha thu a’ dèanamh rudeigin. Agus tha e – gu math tric – bidh sinn anns a’ gheamhradh an seo dìreach a’ fantail san taigh agus a’ coimhead an telebhisein no rudeigin mar sin, nuair a b’ urrainn dhuinn a dhol a-mach agus a bhith a’ dèanamh rudeigin coltach ri surfadh. So mholainn fhèin surfadh mar eacarsaich agus dìreach cur-seachad math.

Short url:   http://multidict.net/cs/734