This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Fear Mhealastaidh

Fear Mhealastaidh

 

Bho chionn fhada an t-saoghail, bha baile beag ris an canar Mealastadh ann an sgìre Ùig air taobh siar Leòdhais. Faisg air a’ chladach, bha dhà no thrì thaighean fosgailte dhan fhairge, 's an cuan mòr gan siabadh gun abhsadh.

 

B' e talamh creagach a bh' ann,'s cha robh fasgadh far am fàsadh craobh no eile. Bha e na chleachdadh aca a bhith a’ toirt luchd fiodha bho tìr mòr, airson cabraichean nan taighean.

 

Bha nighean òg air an robh Màiri a’ suirghe air fear a bha ag iasgach a-mach mu na h-àitichean iasgach ris an canar Lèantan Mòra Hiort. Fhad ’s a bhiodh iad aig muir, bhiodh i a’ cur seachad nam feasgaran a’ fighe geansaidhean agus stocainnean snàth dha, mar a bu dual dha na boireannaich aig an àm sin.  

 

Rè ùine phòs iad, agus thòisich e fhèin agus a bhràithrean a togail ballachan an dachaigh a bhiodh aca dhaibh pèin. Nuair a bha an aimsir air a shon, dh'fhalbh e an cois feadhainn eile, a dh'iarraidh luchd fiodha gu coilltean tìr mòr, airson mullach a chur air an dachaigh.

 

Sheòl iad sìos mu bheul Loch Thàmnabhaigh, Loch Reasort, seachad air Sgarp, tro Chaolas na Hearadh,'s tarsainn an Cuan Sgìth gu coilltean na tìr mòra faisg air Geàrrloch.

 

Chuir i seachdainnean seachad,'s cha do thill an t-eathar. Chaidh dithis de mhuinntir Mhealastaidh gu baile nan coilltean, 's chaidh a ràdh riutha gun do ràinig bàta Mhealastaidh, 's gun do dh'fhalbh i gun teagamh, le luchd fiodha.

 

Ach gun tàinig stoirm an dearbh oidhche sin, agus bha na maraichean a’ dèanamh a-mach gum biodh an t-eathar air na h-Eileanan Mòra a ruighinn airson acarsaid, no air a char as fhaide sgìre na Pàirce.

 

Chaidh fir Mhealastaidh gu na h-Eileanan Mòra agus chaidh iad a-steach beul nan lochan-mara ann an sgìre na Pàirce.

 

Ach cha robh an t-eathar no na fir ri fhaighinn an àite sam bith.

 

Thill na balaich dhachaigh a Mhealastadh, leis an naidheachd nach robh for air an eathar no air na gillean.

 

Bha cridhe Màiri briste agus cianalas a leannain a’ tighinn oirre, an uair a ghabhadh i fois aig àm laighe.

 

An oidhche a bha seo, thàinig e thuice ann am bruadar. Dhùisg i anns a' mhadainn agus earrannan de rannan aice air a teanga. Bha Màiri ag obair an cois nam boireannaich eile, a’ tarraing leis a’ chliabh, mòine, feamainn, talamh agus todhar, agus seo mar a thug i seachad an t-òran.  

 

            'S e nighean mo ghaoil a nighean donn òg

            Nam bithinn ri taobh cha bhithinn fo leòn

            Tha mo chuideachd am bliadhna gam shireadh ’s gam iarraidh

            'S tha mise am Bàgh Chiarach an ìochdar an lòin.

           

            Tha fearaibh na Pàirce a’ tomadh nan làmh-thuagh

            'S e sinne a bhith gun tàmhachd, dh'fhàg iadsan gun leòn

            Bha Donnchadh gam faire, fear-siubhail nam beannaimh

            Tha an saoghal seo cho carach,'s gur meallach an t-òr.

 

            'S ann a’ dìreadh a’ bhruthaich a chaill mi mo lùths

            'S fo leacan an rubha tha fear buidhe ga leòn.

 

Siud na rannan a dh’fhàg e aice ann am bruadar.

 

Chaidh na mìosan seachad, agus air Latha na Dròbh, a’ chiad Dimàirt ann an July, chaidh Màiri chun an achadh aig crìochan baile Steòrnabhaigh far a bheil Beinn na Dròbh an-diugh. Bha daoine a’ cruinneachadh bho air feadh an eilein. Ann an àird an fheasgair, theab i dhol à cochall a cridhe, nuair a chunnaic i air druim fear eile geansaidh, a bha i fhèin air fhighe dha a leannan.

 

Am feasgar sin air Latha na Dròbh, thuig Màiri gun robh an rud a chunnaic i na cadal ag innse dhi gun deach na fir a mharbhadh airson an luchd fiodha, nuair a chaidh iad air tìr ann am fear de lochan-mara Sgìre na Pàirce.

 

(Oir tha an òran ag ainmeachadh Bàgh Chiarach, àite ann an Sgìre na Pàirce).

 

 

Air aithris le Magaidh Nic a’ Ghobhainn 2019 (Thog mi an seanchas seo à beul-aithris ann an Ùig agus Sgìre nan Loch).

 

 

Short url:   http://multidict.net/cs/7349