This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Surfadh leis a’ ghaoith

Air an Tràigh Iar ann an Solas tha sealladh brèagha ann air Eilean Bhàllaidh. ’S e sgìre àlainn a th’ ann, ann an Uibhist a Tuath. Agus tha e ainmeil cuideachd le daoine a bhios a’ surfadh leis a’ ghaoith, daoine mar Aonghas MacIain.

Ged nach fàs na h-Eileanan Siar uabhasach fuar sa gheamhradh bidh iad a’ faighinn gaoth gu leòr fad na bliadhna. ’S toil le Aonghas a bhith a’ dol a-mach ann an gaoth sam bith suas gu gèile aig Beaufort neart 9.

Tha e air a bhith ris a’ chur-seachad seo fad iomadh bliadhna a-nist. Mar sin tha e air grunn bhùird is siùil a chruinneachadh – a tha a’ ciallachadh gu bheil an uidheam aige airson sìde de gach seòrsa.

Leis na tha de stuth ri chur ri chèile mus tèid thu a-steach dhan mhuir bheir thu beagan ùine a bharrachd a’ faighinn deiseil na bheireadh tu airson surfadh àbhaisteach. Feumaidh tu crann agus seòl ceart a thaghadh airson na gaoithe, agus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile dad ceart agus sàbhailte.

Ach aon uair ’s gu bheil thu anns an uisge chan eil do spòrs a’ crochadh air na stuadhan. Tha thu ris a’ ghnothach anns a’ bhad, fiù ’s ma tha a’ mhuir buileach ciùin. Agus le gaoth làidir air do dhruim ’s urrain dhut sèoladh gu math luath, aon uair ’s gu bheil thu air na sgilean sònraichte ionnsachadh.

Airson daoine a tha dìreach a’ tòiseachadh, ’s dòcha gu bheil muir chiùin nas fheàrr na stuadhan stoirmeil. Agus air tràigh mar seo chan eil i ro dhomhainn ma thuiteas tu far do bhòrd.

Ach cha chuir stuadhan dragh sam bith air neach-surfaidh mar Aonghas. Gu dearbh, bheir iad cothrom dha sgilean nas dorra a chleachdadh, leithid leumadaich mar eisimpleir.

An uair sin, nuair a tha e deiseil cuiridh Aonghas an stuth aige air falbh. A bharrachd air surfadh leis a’ ghaoith ’s toil le Aonghas tòrr spòrsan eile air an taobh a-muigh. Rugadh e ann an teaghlach Uibhisteach agus thogadh e an seo cuideachd, ach tha e air siubhal gu farsaing anns an Roinn Eòrpa agus New Zealand. Ged a chòrd na cothroman sin gu mòr ris tha e an-còmhnaidh toilichte tilleadh dhachaidh a dh’Uibhist, far an tèid aige air na cur-seachadan gu lèir aige a leantail ann an àrainneachd eireachdail.

Short url:   http://multidict.net/cs/735