This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Is Daor a Cheannaich mi Fiadhachd

Clach Bhess: ‘Is Daor a Cheannaich mi Fiadhachd’.

 

Bho chionn trì ceud bliadhna, bha triùir bhràithrean de Chlann ’Ic Amhlaidh anns an t-Strùim. Àite fasgach air mòinteach Sgealasgro ann an Ùig. Bha na bràithrean math math air sealg, agus chaidh iad an latha seo gu ruige Langabhat aig crìoch na Hearadh. Latha brèagha samhraidh, ’s e Diciadain a bh’ ann.

 

Thug iad greiseag a’ breacach air bruaich an loch, agus chunnaic fear aca (ris an canadh Iain) fiadh geal air eilean air an loch. Nise, cha robh a bhràithrean a’ faicinn an fhèidh idir, ach shnàmh Iain chun an eilein. Dh’fhalbh fear de a bhràithrean às a dhèidh.

 

Nuair a ràinig iad an eilean, chaidh iad nan sìneadh anns a’ fhraoch gus an nochdadh am fiadh. An dèidh ùine, thòisich a bhràthair a’ tarraing à Iain nach robh fiadh donn no geal no eile air an eilean. Shnàmh iad air ais gu far an do dh’fhàg iad am bràthair a’ breacach.

 

An dèidh greiseig, chunnaic Iain am fiadh geal a-rithist, agus a-mach leis air an t-snàmh, tarsainn air an loch. Leum a dhithis bràithrean a-mach, cinnteach gun robh fiadh ann dha an trup-sa.

 

Nuair a chaidh an dithis air tìr air an eilean, cha robh sgeul air Iain. Bha e air a dhol à fianais. Chaidh Iain a bhàthadh.

 

Chaidh a ràdh gum faca e a thàbharachd.

 

Thathas a cumail a-mach gun do thachair seo mu 1720.

 

Agus a-rèir eachdraidh, ’s e ban-Sgitheanach air an robh Bess, bu mhàthair dha Iain, agus tha leac a-muigh air bruaich Langabhat air am biodh ‘Clach Bhess’ aca uaireigin. Bhiodh Bess a’ dol chun an leac sin gach Diciadain, agus seo na rannan a rinn Bess, màthair Iain, bho chionn trì ceud bliadhna.

 

’S daor a cheannaich mi fiadhachd

A rinn Iain Diciadain

Rinn an t-Eilean Dubh riabhach mo leòn.

 

 

Bu domhainn an linne

San robh na fir ga do shireadh

San d’ fhuair iad mo chion ’s gun e beò.

 

Nuair a thug iad a-steach thu

Bha do ghruaidhean air seacadh

O ’s e m’ eudail a bh’ aca, gun a dheò.

 

A Dhòmhnaill mhic Iain

A-nochd ’s cruaidh leat mo naidheachd

’S ann a tha iad gun aighear san t-Strùim.

 

Gur e mise th’ air mo chreachadh

Dol a dh’ionnsaidh do leapa

’S gun mo làmh air do chraiceann geal òg.

 

Tha do pheathraichean truagh dheth

Air droch cheangal tha an gruagach

O, ’s e an losgadh a fhuair iad san leòn.

 

Cas a shiubhal nam fuar bheann

Ghabh thu roghainn bha uasal

’S tu gun treabhadh nam buailtean air dòigh.

 

Gur e h-iomadh bian bèiste

Chunnaic mise mu do rèidhlean

’S e mo chreach, nach b’ fheud’ thu bhith beò.

 

Is gur h-iomadh duine uasal

Leis am bu duilich mar chual’ iad

Bhon An Teist gus am buail iad an t-Strùim.

 

Gum bu lìonmhor dhut caraid

Eadar Leòdhas ’s na Hearadh

Fir nach trèigeadh am barail gan deòin

 

Cumha dha Iain MacAmhlaidh (c 1700-1720).

 

Air aithris le Magaidh Nic a’ Ghobhainn 2019 (Thog mi an seanchas seo à beul-aithris ann an Ùig agus Sgìre nan Loch).

Short url:   http://multidict.net/cs/7350