This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Sabaid Mhor Wick

Sabaid Mhòr Wick

 

An cuala sibh mu dheidhinn an t-sabaid mhòir a bha am measg nan iasgairean ann an Wick, bho chionn ceud gu leth bliadhna?

Uill bha balach òg, à Baile Ailein agus e ceithir bliadhna deug a dh’aois, bha e ag obair air bata-iasgaich athar. Anns na làithean ud, bhiodh na h-eathraichean a’ leantainn nan cliathan mòra sgadain.

Air feasgar Disathairne, an dèidh do Dhòmhnall agus athair am bàta a cheangal an àirde, thug athair dha sgillinn leis an ceannaicheadh e rudeigin dha fhèin anns na bùithtean. Leis an airgead cheannaich e ubhal, rud a bha ùr is annasach anns na làithean ud.

Air a shlighe air ais chun an eathair, dh’fheuch balach òg à Inbhir Ùige ris an ubhal a thoirt bhuaithe. Cha robh Dòmhnall a’ leigeil seo leis idir, agus thug e racaidean air a’ bhalach eile. Ann an diog, bha sabaid mhòr air briseadh a-mach, le athraichean nam balach a’ dol an sàs, sgioba nam bàtaichean acasan, agus muinntir Inbhir Ùige fhèin.

Mu dheireadh, chaidh fios a chuir air feachdan an airm, agus ’s e iadsan a chuir rian air a’ bhaile, agus chaidh falbh le cuid de bhalaich Leòdhais dhan a’ phrìosan.

Am feasgar sin, dh’fhalbh Dòmhnall MacLeòid (Dòmhnall Ruairidh) à Lacasaigh, agus e feargach le cho mì-chothromach ’s a bha tachartasan an latha air a bhith. Thug e an crann far a’ bhàta-siùil aige fhèin. Dh’fhalbh e fhèin is an criutha a thoirt ionnsaigh air doras a’ phrìosain, gus an saoradh iad na Leòdhasaich a bha aca an greim.

Nise, a-rèir beul-aithris na sgìre, sheas an aimhreit an t-seachdain air a claigeann, bho Disathairne gu Disathairne, agus cha do dh’fhàg bàta an cala ann an Inbhir Ùige anns an ùine sin.

Bha aon fhear ann a fhuair air falbh bho làmhan an lagha. B’ esan duine òg, calma à Ceòs, leis an ainm Rob. Rinn na poilis an dìcheall a chur an greim, ach chuir e aghaidh orra, agus theich e a Loch an Inbhir. Air an t-slighe, tha e coltach gun deach cupal òg ann an each agus cairt seachad air. Dh’fheuch Rob ri stad a chur orra, ach cha stadadh.

An dèidh dhaibh a dhol seachad, rug Rob às, às dèidh na cairte, shreap e suas agus phut e an cupal òg a-mach air a’ chliathaich. Dh’fhalbh na h-eich mar a’ ghaoith, agus iad a’ dèanamh air Loch an Inbhir.

Astar bhon bhaile, stad na h-eich leis an sgìths. Mar a tha eich co-dhiù, cho righinn! Cha charaicheadh iad às na làraich anns an robh iad, ged a sheasadh Rob air a cheann. Is thàinig air an truaghan coiseachd an còrr den t-slighe a Loch an Inbhir.

À sin, fhuair e aiseag a Chrò Mòr, far an do dh’fhuirich e gus an deach cùisean socair às dèidh na h-ùpraide. Nuair a shocraich cùisean as t-fhoghar, thill e dhachaigh a Cheòs agus ’s e bha air a dhòigh.

Chuir e fhèin ’s a charaidean seachad gach oidhche a’ cluiche chairtean ann am Mansa Cheòis còmhla ri na searbhantan.

Ach aon oidhche, nach do bhris dà phoileas a-steach, chaidh glas-làimhe a chur air Rob eadar an dithis aca, agus iad a’ dèanamh air Steòrnabhagh.

Chaidh Rob às a rian. A’ dol seachad air Loch nan Ritheanan, dh’iarr e air na poileis a leigeil às. Gu nàdarrach, dhiùlt iad agus ma bha na h-eich a tighinn à Loch an Inbhir fada nan ceann, bha Rob na bu righinne buileach!

Rinn e às sìos chun an locha, le poileas air gach taobh dheth agus thoisich e a’ coiseachd a-mach dhan a’ bhùrn. A-rithist, dh’iarr e air na poilis a leigeil às. A- rithist, dhiùlt iad.

Mu dheireadh, rinn e a’ chùis air fear aca a bhogadh fon uisge, ’s chum e ann an-sin e gus an do dh’iarr an dà phoileas tròcair, agus leig iad às e. Rinn Rob às na ruith, agus an oidhche sin bha e air an Tairbeart a ruighinn, far an deach e air bòrd soitheach, agus ’s ann an Lunnainn a stad e. Fhuair e cosnadh ann an-sin anns a’ Chabhlachd Cheannaiche.

Chaidh na bliadhnaichean seachad. Aon oidhche, bha Rob ann an taigh-òsta ann an Lunnainn. Bhris sabaid a-mach agus a-rithist, bha Rob na teis-meadhan. A chionn ’s gun robh e cho làidir, bha làmh an uachdair aige air na fir a bha na aghaidh - gus an do leum cuideigin air, bho chùlaibh. Thuirt Rob na ghuth làidir, Leòdhasach, “Cha dèanadh duine a’ chùis ormsa ann an sabaid mar siud ach mo bhràthair Calum.”

 

Fhreagair a nàmhaid le iognadh mòr “An tu a th’ ann a Rob?”

 

Rinn an dithis bhràithrean (nach robh air a chèile fhaicinn bho chionn iomadach bliadhna) toileachas mòr ri chèile. Abair gun do chuir an sealladh seo iongnadh mòr air luchd an taigh-òsta, a bha air a bhith a’ coimhead na bha a’ dol air adhart. Gu mì-fhortanach, ’s e deireadh gu math duilich a chaidh air Rob. Chaidh a bhàthadh anns an Thames.

 

 

(Fear de sheòid nan Loch a bh’ ann an Sabaid Mhòr Wick).

 

Air aithris le Magaidh Nic a’ Ghobhainn 2019 (Thog mi an seanchas seo à beul- aithris ann an Sgìre nan Loch).

 

Short url:   http://multidict.net/cs/7351