This is a Clilstore unit. You can .
An t-Seann Fhiadh
An latha bha siud, bha Fear Langabhat agus a dheàgh charaid Ruairidh, nan suidhe aig gualainn na Beinn Mhòire. ’S iad a’ gabhail greim-bìdhe agus a’ leigeil an anail bho bhith a’ sealg an fhèidh. Fhad ’s a bha iad a’ criomadh, bha sùil Fear Langabhat a’ siubhal gach creag is còs gun fhios nach gluaiseadh beathach.
Bha e an tòir gu h-àraid air an t-sean fhiadh a bha air dùbhlan a thoirt dha rè iomadh bliadhna. Gu dearbha, bha bith uamhasach air èirigh na inntinn, gum feumadh e buaidh fhaighinn air a’ bheathach a chuir iomadh mìle de mhonadh eadar e fhèin agus an gunna a bha daonnan an làimh Fear Langabhat.
Sùil dhan tug Fear Langabhat, nach ann a chunnaic e air toman uaine mu choinneamh duine beag, neònach, liath agus e ag amharc gu dian an taobh a bha e. Smèid Fear Langabhat a-null air, agus thàinig e am fagas.
“Am bu toil leat dad ri ithe?” arsa Fear Langabhat.
“Mar a thogras sibh,” ars’ am bodach beag, neònach, liath gu socair.
Shìn Fear Langabhat brioscaid chruaidh agus càise chun a’ bhodaich. Cha tuirt Ruairidh facal, ach bha e a’ coimhead gu geur air a’ bhodach.
“’S ann air tòir an t-sean fhiadh a tha sibh,” arsa am bodach beag neònach, liath agus e a’ cur a cheann an dàrna taobh.
“’S ann gu dearbh,” arsa Fear Langabhat le iongnadh, “Agus ’s mi bhiodh toilichte peilear fhaighinn air,” ars’ esan.
A’ togail a’ chorraige, chuir am bodach beag, neònach, liath, ìmpidh air Fear Langabhat.
“An aithne dhut Beinn an Iolaire?” arsa am bodach.
“Mar clàr m’ aodainn,” arsa Fear Langabhat.
“An taobh na beinn sin,” arsa am bodach agus e a leantainn air, “Tha glaic uaigneach nach bi daoine a’ tadhal tric. Anns a’ ghlaic tha creag mhòr far a bheil glasach chùbhraidh.”
“Tha mi agad,” arsa Fear Langabhat “An sgàil na creige sin,” arsa am bodach, “Tha an t-sean fhiadh ag ionaltradh aig an dearbh mhionaid seo.”
Cha do dh’èist Fear Langabhat ris a’ chòrr. Dh’èirich e gu grad, “Tog ort a Ruairidh,” ars’ esan. Chan fhaod dàil a bhith anns a’ chùis a-nis”.
Ann an ceann uair a thìde, bha Fear Langabhat agus Ruairidh aig Beinn na h- Iolaire. Cha robh sgeul air a’ bhodach, ach cha b’ ann air a thòir a bha na seòid aig an àm ud. Cuairteachadh goirid, agus bha an dithis aca anns a’ ghlaic agus ann an sgàil na creige. Mar a thuirt am bodach beag, neònach, liath, chunnaic iad le chèile am fiadh a bu bhòidhche air an do dhearc iad a-riamh.
Bha am beathach eireachdail, rìoghail ag ionaltradh gu sèimh socair, gun lorg gun robh nàmhaid cho dlùth dha. Thog Fear Langabhat an gunna, chuimsich e gu faiceallach. Dhìog e thuige an t-iarann, agus mus do thill mac talla na peileir air ais chun an t-sealgair, bha fiadh treun a’ mhonaidh na shìneadh, gun phlosg gun deò.
Thàinig sìth neo-àbhaisteach air a’ ghlaic - agus dh’fhairich Fear Langabhat fois agus sàsachadh ag èirigh na inntinn. Bha e air buaidh fhaighinn air Rìgh a Mhonaidh. Mar bu mhath a b’ aithne dhaibh, chaidh Ruairidh agus Fear Langabhat timcheall air an fhiadh, ga fheannadh agus ga ullachadh airson a ghiùlan thar na beinne.
’S e an t-sean fhiadh a bh’ ann gun teagamh, agus airson dèanamh cinnteach gun robh an laoch cho fallainn ’s a bha e eireachdail, dh’fhosgail iad a-mach a stamag, ach cha b’ e fallaineachd a lorg iad! ’S e lorg iad criomagan de bhrioscaidean cruaidh agus cnapan càise mar a bhiodh Fear Langabhat fhèin a’ cagnadh, na bliadhnachan mòra a bha e a’ siubhal a’ mhonaidh an tòir air Fiadh na Cròic.
Sgeulachd à beul-aithris.
Short url: http://multidict.net/cs/7352