This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

An Ceilidhiche

An Cèilidhiche

AIR A’ FÒN

MAGAIDH: Och, chan urrainn dhomh a-nochd, tha Zumba…yoga? Och, an-raoir a bha sin. Zumba? Uill, ’s e seòrsa de dhanns a th’ ann, keep fit de rud. Tha e ga mo chumail ann an shape. Tha, is tha shape ann an-sin.

 

Tha, tha mo bhirthday ann a-màireach. Diathad anns a’ Chabar-Fèidh! Och, aidh, h-abair thus’ gum biodh sin math! Ach cò às a tha an t-airgead a’ dol a thighinn? Tha am peinnsean agamsa air a chosg mas fhaigh mi e. Church St Chippie, ’s e as coltaiche. Am faca tu a’ phrìs a tha fish supper? Mì-choltach.    

Stad dà dhiog. Tha car aig cùl an taighe. Oh, an t-ainm sealbh. Feumaidh mi falbh…tìoraidh.

 

GNOGADH

 

MAGAIDH: Cò th’ ann? Cò tha siud?

 

ALI: Auntie Magaidh!

 

MAGAIDH: Auntie Magaidh…o, chan eil cuimhne ’am Auntaidh Magaidh a bhith an-seo a-riamh.

 

ALI: Chan e, is tusa Auntie Magaidh.

 

MAGAIDH: O, o is mi…o mar a tha mi leis an dìochuimhne.

 

ALI: Is mise th' ann, Auntie Magaidh. Alastair, mac do bhràthar.

 

MAGAIDH: Alastair? Mac mo bhràthar? O, thig nas fhaisge orm, chan eil am fradharc cho math ’s a bha e.

MAGAIDH: Sniff! O ’s tu th’ ann, tha mi ag aithneachadh fàileadh an aftershave agad. Thòisich thu ga chur ort nuair a chaidh thu Sgoil Steòrnabhaigh ann an 1970…‘Brut’.  

ALI: Dè mar a tha thu, Aunt Magaidh?

 

MAGAIDH: O, cha tig an aois leatha fhèin.

 

ALI: Tha mi air a bhith worried mu ur deidhinn.

MAGAIDH: O bhròinein. Chan eil cuimhne agamsa cuin a chunna’ mi mu dheireadh thu.

ALI: O, tha mi air a bhith busy.

 

MAGAIDH: Fad còig bliadhna?

ALI: O, ’eil cho fada sin bhuaithe? Tha an tìde a’ dol seachad cho luath.

 

MAGAIDH:  O, nach math dhut fhèin sin. Chan eil mise a’ faicinn duine. Bha latha agus bhiodh am bhaile a’ tighinn a chèilidh. Thigeadh na càirdean. Tric. No sheasadh am ministear a-staigh. O, dh’fhalbh na lathaichean sin. Na ministearan ’s na comhairlichean, cha tig iad mura bheil iad ag iarraidh rud. Oh, chan e ministear a th’ annadsa, an e?

ALI: Eh…Chan e.

 

MAGAIDH: ’S math sin. Dè a-rèiste a tha thu a’ dèanamh?

 

ALI: Umm..’s e comhairliche a th’ annam.

 

MAGAIDH: Tuit! Tha mi a’ minigeadh dè an obair a th’ agad?

 

ALI: ’S e…’s e sin an obair agam.

 

MAGAIDH: Duda tha thu ag ràdh? An e sin an joba ceart agad? A bheil thusa ag innse dhomhsa gu bheil thu a’ faighinn do phàigheadh airson a bhith na do chomhairliche?

 

ALI: Uill, tha sinn a’ faighinn tuarasdal beag air choireigin. Dìreach gu leòr airson, airson nam messages is rudan fhaighinn.

Oh, agus tha, tha seo cuideachd, fuirich gus am fosgail mi am baga seo. Seallaidh mi seo dhut.

 

MAGAIDH: Dè tha agad an-sin?

 

ALI: Tha sinn a’ faighinn ipad agus tha sinn a’ faighinn mobile fòn. Agus a thilleadh air sin ’s dòcha gum bi expenses beag no dhà, ach, sin e!

 

MAGAIDH: O uill, bha an latha agus b’ àbhaist do dhaoine a bhith nan comhairlichean na chur-seachad, mar stamp collecting no a’ fìghe stocainnean bobain, agus tha thu a-nis a’ faighinn do phàigheadh air a shon?

ALI: Och, tha sin gu leòr dhan sin. Ciamar a tha thu co-dhiù Auntie?

 

MAGAIDH: Oh, ’s iongantach gu bheil mise air mo chaomhnadh .

 

ALI: O!  O! ’S e tha mi a’ ciallachadh, o! Is cinnteach nach eil sin ceart, an tuirt an dotair càil?

 

MAGAIDH:  O cha tuirt, cha tuirt e facal ciallach riums’ co-dhiù, ach dè nì iadsan? Tha sinn gu lèir air an aon slighe co-dhiù.

 

ALI: O tha...mar a tha an fhacal fhèin ag ràdh, ‘aig gach nì tha tràth, agus àm aig gach rùn fo nèamh, àm gu breith, agus àm gu…o uill, uill, uill.                            

           

MAGAIDH: ’Eil thu cinnteach nach e ministear a th’ annad? Tha coltas ministeir ort.

 

ALI: O chan e, ach tha e glè mhath dhuibh sin a chantainn. Cha bhi mi a’ faighinn mòran molaidhean, gu h-àraid air…air an Taobh Siar. Co-dhiù, fhad ’s a tha mi an-seo, thàinig e a-steach orm, an do smaoinich sibh mu dheidhinn ur gnothaichean a chur air dòigh a-riamh, a bheil fhios agad, mas tachair càil dhuibh?

MAGAIDH: Dè na gnothaichean?

 

ALI: Dìreach rudan beaga, nach eil cho cudromach, mar an taigh agus an t-airgead. Dìreach rudan a bu chaomh leibh a chur air dòigh mus fhalbh sibh. Ach ’s dòcha a-nise gu bheil sibh air sin a dhèanamh mar-tha?

MAGAIDH: Cha do rinn. Cha tàinig leithid an rud a-steach ormsa.

 

ALI: Uill, airson fois a thoirt gad inntinn fhèin is dòcha gum bu chòir dhut.

 

MAGAIDH: O, chan eil luach ann an càil a tha an-seo.

 

ALI: Well, uill, tha an taigh ann?

 

MAGAIDH: Chan fhaigheadh duine mòran air a’ bhothan bhochd a tha seo.

 

ALI: £180 thou…o nise nise, ’s e tomhais a bha siud, chan e gun robh mise a’ coimhead a-steach ann no càil mar sin.       

 

MAGAIDH: £180,000! Uill uill, cò a-riamh a chreideadh e?

ALI: Agus, tha an ‘insurance’ a bh’ agaibh ann cuideachd, agus rudan beaga eile mar sin. Nuair a chuireas tusa a h-uile càil còmhla tha tòrr ann. Agus cha toir thu leat e. Ma tha càil ann a nì mi dhuibh?

 

MAGAIDH: O a bhròinein! Saoilidh mi gu bheil mi a’ tuigsinn dè th’ agad…

 

ALI: Agus, air sgàth gur mi an aon fhear de na càirdean a tha air fhàgail, o tha mi a’ faireachdainn gum bu chòir dhomh do cuideachadh.

 

MAGAIDH: O, cha tu. Tha thu ceàrr an-sin. Cha tu an aon duine a tha air fhàgail a tha càirdeach dhomhsa idir.

 

ALI: Dè? Cò eile th’ ann?

 

MAGAIDH: Fhuair mi litir à Canada, cousin de do shinn-sheanair. Tha nighean àlainn aca, agus tha i a’ tighinn a-nall a dh’aithghearr.

 

ALI:  Nighean cousin de mo shinn-sheanair? O, tha sin gu math fad às nach eil? Chan e càirdeas a tha sin really, an e? Is dòcha gum bi e nas fhèarr rudeigin a chur air dòigh mas tig i, chan eil sinn son a bhith a’ caitheamh ùine sam bith, gu h-àraid mar a tha an condition agad.

 

MAGAIDH: O, tha tìde gu leòr agamsa. Bha na boireannaich anns an teaghlach againne beò gu seann aois.

ALI: O, o ’s e…naidheachd mhath a tha sin ma-thà.

 

MAGAIDH: ’S e gu dearbha…ach chan e sin dha na fir, ge-tà.

 

ALI: Dè tha thu a’ ciallachadh?

 

MAGAIDH: Uill, cha do ràinig a’ chuid as motha aca na late 50’s. An ticker. Bha e a-riamh anns na daoine, taobh na fir gu h-àraid. Dè an aois a tha thu fhèin a-nis?

 

ALI: Fifty-three.

MAGAIDH: O! O uill, tha mi cinnteach nach eagal dhut. Tha thu a’ coimhead             fallain gu leòr…dìreach a…

ALI: Ach dè?

 

MAGAIDH: Tha…tha droch thuar ort. Tha dath uamhasach ort.

 

ALI: Dath uamhasach? A bheil sgàthan agad?

 

MAGAIDH: Oh...oh too late...ghabh e seachad. Feumaidh gur e faileas an t-solais a bh’ ann. An robh thu aig an dotair bho chionn ghoirid?

 

ALI: Cha robh.

MAGAIDH: Och uill, tha mi cinnteach gu bheil Life Insurance agad co-dhiù.

 

ALI: Life Insurance?

 

MAGAIDH:  Uill, tha mi cinnteach gu bheil a’ bhean agad air sin a chur air dòigh…tha i gu math cùiseach mu dheidhinn nan rudan sin. An do bhruidhinn i riut?

 

ALI: Aidh, bho chionn…bho chionn mìos na dhà air ais.

 

MAGAIDH: Och uill, tha mi cinnteach nach leig e a leas a bhith a’ dèanamh dragh sam bith dhut a rèiste...mura bi mun an tè eile...

ALI: Mura dè?

 

MAGAIDH:   Hud, hud, rud a chunna mi anns a’ phaipear. Tè agus thug i air an duine aice Life Insurance mòr a thoirt a-mach.

 

ALI: Agus dè thachair?

 

MAGAIDH: Bha iad a’ coiseachd a-muigh aig Geodha An Tuill, agus chaidh e ris a’ chreig. Tha mi cinnteach gur e accident a bh’ ann.

 

ALI: O mo chreachsa, a bheil e an uair sin? Feumaidh mise falbh.

 

MAGAIDH:  O nach eil thu tràth gu leòr, is gun thu a’ tighinn cho tric?   

ALI: O, tha rudan agam ri dhèanamh.

MAGAIDH: O tha, tha. Feuch…a bheil thu a’ faicinn a’ bhan a’ tighinn a-nuas an rathad?

 

ALI: O, siud i.

 

MAGAIDH: Ach an lorg mi mo sporran...hud siud e…hud…o na can rium, dhìochuimhnich mi a dhol dhan phost oifis a thogail a’ pheinnsein. Na tha siud de dh’airgead agus gun mi a’ faighinn cothrom a bhith ga chaitheamh.

 

ALI: O, um…dè…dè tha a dhith oirbh? An e…an dèan tenner a’ chùis na..?

 

MAGAIDH: Uill, tha, tha messages na seachdaine a chaidh agam ri phàigheadh agus bidh e timcheall air mu 80 pounds.

ALI: O, £80, umm…fuirich ort…och uill, tha…sin a h-uile sgillinn a th’ agam, ach…

MAGAIDH: Thoir dhomh ceud not, ma tha e agad an-sin.

ALI: Dè?

MAGAIDH: ’S dòcha gun ceannaich mi barrachd an t-seachdain seo.

ALI: Chan eil càil sa phòcaid seo, ach fuirich ort…o, seo an rud mu dheireadh, seo.

MAGAIDH: O, o nach math gu bheil thu ann! Cha dhìochuimhnich mi idir thu,          nuair a thig an t-àm.

ALI: Aidh…tha agam ri dhol dhan bhanca cuideachd a-nis. Tiòraidh!

MAGAIDH: Na bi fada gun seasamh a-staigh a-rithist...ma bhios mi air mo chaomhnadh.

 

ALI: Byeee.

  

            DIALS

MAGAIDH: A Pheigi? Dìochuimhnich an Cabar-Fèidh. Dè mu dheidhinn a dhol a dh’Inbhir Nis anns a’ mhàdainn? Thèid sinn a Mharks an toiseach. Tha, airgead gu leòr. O, coma leatsa, tha cothrom agam air gu leòr dheth a nis.

 

Short url:   http://multidict.net/cs/7353