This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Coinneach Tormod Mo Dhuine

Coinneach Tormod Mo Dhuine

Thuirt an duine aig an deasc rium suidhe ann an-seo, ’s gun tigeadh nighean air mo thòir. ‘Waiting Area’ a th’ ann, thuirt e.

Faodaidh mi mo bhaga a chur dhan fhear seo, chan eil duine ann. Togaidh mi e, ma thig duine.

Tha mi gu bhith air an teilidh. Sin a tha gam fhàgail an-seo. Ag innse stòraidh. Crith na mo thòin.

Thàinig dithis bhon a’ BhBC - duine le glainneachan ’s nighean - chun an taighe, a dh’fhaighneachd am bithinn deònach a dhol air an teilidh, a dh’innse mun rud gairiseachail a thachair dhomh fhìn agus do Choinneach Tormod air mòinteach Bharbhais. Bho chionn trì bliadhna…a bheil?….o tha…..nas fhaisge air ceithir. Ged nach do shaoil sinn gun robh e gairiseachail aig an àm. Am bithinn deònach innse air an teilidh do phanail dhaoine foghlamaichte, a chuireadh ceistean orm as dèidh làimhe, agus a dh’fheuchadh ri ‘head no tails’ a dhèanamh dhith.

Oich oich, m’ anail nam uchd, le daoine a’ cur cabhag rium bho mhadainn. Anna mo nighean…

“Coma leat de theatha! Seall an uair a tha e! Bidh an tacsi an-seo mionaid sam bith!”

Agus an uairsin…“O chan e sin a tha gu bhith ort, an e, anns a’ BhBC? – am measg luchd nam meadhanan?”

Mo dhreasa lilac.

“Gabh dhan an rùm agus cuir ort an suit a thug Antaidh Seonag dhut! ’S am blobhsa geal le na putanan pearl! ’S broidse Granaidh! ’S cuir brògan eile mu do chasan! Agus cìr d’ fhalt!”

Uill, ghabh mi a comhairle. Bha cho math dhomh. Sìth na cagailte. Carson nach do ghabh mi gu cruaidh air a tòin nuair a bha an cothrom agam?

Nach eil mi glè mhath?

Togaidh mi siud, ma thig duine…

Thuirt an duine aig an deasc rium gun tigeadh nighean air mo thòir.  Cho snog ’s bha e! Bonaid bileach air agus seacaid ghorm le buidhe mu na muinchillean ’s mun a’ choileir. “Fàg do bhaga ann an-seo fhèin,” thuirt e rium ann am Beurla - Beurla Ghlaschu. Ach thug mi leam e.

Camara shuas an-siud a’ goradaireachd orm.  Dè math? Tha iad anns a h-uile h-àite. CCTV a chanas iad riutha. Tha, tha fear anns a’ bhanc’ ann an Steòrnabhagh. Bha mi a-staigh ann, còmh’ ri Anna mo nighean, ’s sùil dhan tug mi, bha ’n creutair sin a stèirigeadh rium, bho screen anns a’ chòrnair.

“Tà” arsa mise ri Anna “Tha mise ag aithneachadh a’ bhoireannaich sin.”

“Tha mi creids’ gu bheil,” arsa ise rium cho gobach. Mi fhìn a bh’ ann.

“Gum faighinn mo dheagh phàigheadh”, thuirt fear a’ BhBC le na glainneachan.“Sgèithidh sinn fhìn a-mach gu Tìr Mòr sibh” thuirt e “Cuiridh sinn suas sibh ann an taigh-òsta ann am meadhan a’ bhaile, faisg air na bùithtean,’s bidh ur tacsi fhèin agaibh, bhon a’ BhBC, fhad ’s a bhios sibh maille rinn.”

“Mo mhàthair a’ dol leatha fhèin dhan a’ bhaile mhòr?” arsa Anna mo nighean, a’ nochdadh ann an doras a’ chidsin. “Chan eil a cas!” Le sin, chaidh ise a sgèith a-mach còmhla rium, tha i anns an hotel còmhla rium, tha i anns an rùm còmhla rium, rùm dha dithis, le dà leabaidh. En suite.

Thuirt iad gun robh ceathrar air a’ phanail a bha gu bhith ga mo cheasnachadh. Fear na feusaige bige ’s am bow-tie, chì thu tric air an teilidh e. Agus tè à Uibhist a tha a’ creidsinn ann an sàmhlaichean. Agus tè à Nis, ach a tha a’ fuireach anns a’ bhaile mhòr, nach eil? Agus fear a chleachd a bhith na shagart, ach chan eil an-diugh, tha bean aige. Ach tha e eòlach air na nithean dìomhair mar na rudan a thachair dhomh fhìn agus do Choinneach Tormod. O, chaidh na h-àinmean aca innse dhomhsa, ach mar a tha mi air an dìochuimhneachadh! 

Arthur, sin an t-ainm a th’ air an fhear aig an deasc. Cho snog ’s a bha e rium! “Fàg do bhaga ann an-seo fhèin,” thuirt e rium ann am Beurla.

Cha robh sloinneadh aige air a’ chairt idir. Dìreach Arthur.

O mo bheul cho tioram. Miann mo bhàis agam air cupan teatha. “Coma leat de theatha! Seall an uair a tha e. Bidh an tasci an-seo mionaid sam bith.”

Cha robh! ’S math a dh’fhaodadh i bhith air cupan teatha a dhèanamh dhomh fhad ’s a bha mi a’ cur orm aodach eile agus a’ lorg nam brògan.

Co-dhiù, dh’innis mi an stòraidh dha fear nan glainneachan “Innis ceart i, ma dh’fheumas tu a h-inns’!” mhaoidh Coinneach Tormod orm, mas deach e a-mach dhan an t-seada. Cha bhruidhneadh e fhèin ris an duine idir - “Madainn mhath” thuirt an duine ris, cha do fhreagair e. agus thog an nighean mo ghuth air teip-recorder, cha robh meud bucas-mhaids ann.

Agus an ceann latha na dhà, thàinig an stòraidh thugam anns a’ phost…trì duilleagan…sgriobt - le mo Ghàidhlig air a cheartachadh. ‘Sgeulachd’ an àite ‘stòraidh’, ‘goireasan’ an àite ‘messages’, ’s mar sin air adhart. A’ Ghàidhlig aca fhèin. Gàidhlig a’ BhBC. Tha i agam anns a’ bhaga…tunnag, a cheannaich mi dha Courtney bheag. Duda tha siud? An dùil càite an do cheannaich mi siud?  Seo i!

Cha tug mi leam mo ghlainneachan-leughaidh. Le spideag de nighean, nach do cheannsaich mi ris a’ ghlùin, a’ cur cabhag rium. Riabhach air a h-uile càil a th’ ann.

Chan eil air ach toirt a chreidsinn gu bheil mi a’ leughadh à sgriobt a thug iad dhomh, ach an stòraidh innse mar a rinn mi bho thùs, na mo bhriathran fhìn.

Is mise Mairead Anna NicLeòid? Cha chanainnsa siud a-chaoidh. No duine eile le Gàidhlig… “’S mise…”

“An cuala tu an duine ud” arsa Coinneach Tormod rium nuair a thill e a-steach, nuair a bha e cinnteach gun do dh’fhalbh iad, “Madainn mhath.”

“Dè mu dheidhinn?” arsa mise.

“Cha chanadh sinne sin a-chaoidh.”

“Dè a-rèiste a chanadh sinn?” arsa mise ris.

“Latha math,” no “Abair latha,” “Nach b’ e seo an latha.”

’S e sin a chanadh sinne.

’S dh’fhalbh e, a’ brunndail suas chun an teine.

Cha b’ e mòinteach Bharbhais an aon àite, no a’ chiad àite, anns an do thachair rud gairiseachail dhomhsa ’s do Choinneach Tormod. Thachair ann an York, ann an Sasainn. Bha sinn ann aig banais a’ bhalaich againn - Tormod. Dotair a th’ ann. Phòs e tè à York - Deborah. Dotair a th’ inntese cuideachd. ’S e, dotair a th’ anns an dithis.

’S chaidh sinn sìos chun na bainnse agus thug pàrantan Deborah - Cyril agus Barbara - sinn cuairt tron an t-seann bhaile. ’S cha robh sràid no staran, clach no càrn, air nach robh Coinneach Tormod eòlach mar-tha. Ged nach robh a’ chas a-riamh ann. Bha fhios aige dè bha gu bhith timcheall an ath-chornair mus ruigeadh sinn e. Dè an seòrsa taigh agus cò chleachd a bhith a’ fuireach ann.

Ann an aon àite, thuirt e “Gun robh pump air an làrach seo uaireigin, ’s tobair fhosgailte ron sin.” ’S bha e ceart.

Dè chanadh fear na feusaige bige nan innsinn siud dha?

Dè chanadh an sagart nach eil na shagart?

O, an do dh’fhàg mi iad air mullach a mhini-bàr, nuair a bha mi a’ leughadh ainm nam botail? Tha mini-bàr anns an rùm.

“Smaoinich” thuirt mise ri Anna, “Nam biodh d’ athair ann an-seo, bhiodh e thuige mar an rodan.”

“Dè an seòrsa deoch a th’ ann an Jack Daniel?”

“O nach fheuch thu fear?” ars’ ise rium, cho gobach. Fios aige glè mhath aice nach do bhlais mise a-riamh air deòch làidir, fiù ’s glainne sherry aig Christmas.

Co-dhiù, mar a thachair air mòinteach Bharbhais. Bha sinn anmoch a’ fàgail Steòrnabhagh - nach do choinnich mi Jessie Mary anns a’ Cho-op nuair a bha mi a’ dèanamh nam messages - nan goireasan - cuimhnich gun can thu goireasan.

A-mach Lacasdal ’s an Gleann Dubh, cha do leig e beul asam, a’ trod “Mise strabhaigearachd mar amadan sìos is suas air beulaibh a’ Cho-op a’ feitheamh riuts’...”

A-mach seachad Taigh a Bhùirn, sinn a-nis anns a’ mhòinteach, thòisich an einnsean a’ casadaich ’s a’ cròchail.

“Dè bha seo? Cha robh còir aig car leis-san a bhith a’ dèanamh seo, mechanic cho math ’s a bh’ air druim Eilean Leòdhais.”

Bha Gàidhlig aca air mechanic.

Mas do dhìobair an einnsean, fhuair e air an càr a’ stiùireadh gu oir an rathaid. Agus ann an solas a’ chàir, mas deach iad dheth, boireannach, le còta geàrr agus stiùp fhada ghlas, na seasamh far an do stad sinn.

Cha chuala mi doras a’ chàir a’ fosgladh, ach dh’fhairich mi gaoth fhuar, is dh’aithnich mi gun robh i am broinn a’ chàir, air mo chulaibh, air an t-seata dheiridh. Bha fàileadh na h-oidhche dhith. Nuair a thionndaidh mi mo cheann chan fhaicinn i anns an dorchadas ach…

Istibh! An e sin an nighean - aig an deasc, a’ bruidhinn ri Arthur? ’S i. Mura h-eil mise air mo mhealladh, sin an tè a bha anns an taigh againn a th’ ann. Leis an teip-recorder mu mheud bucas mhaids…nach tuirt smid.

Arthur a’ smèideadh rium. Tha e cho snog.

An dùil dè chanas mi rithe, am bruidhinn mi rithe na Gàidhlig fhèin. “Madainn mhath,” ’s mise Mairead Anna NicLeòid.’

Fuich agus tri fuichean.                                            

 

An Deireadh

Short url:   http://multidict.net/cs/7355