This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Os Mo Chionn Sheinn an Uiseag

Os Mo Chionn Sheinn an Uiseag

(An Seanchas) 2019 Eric I. Dòmhnallach.

Uaireannan…uaireannan…chan eil fhios ’am dè cho tric…’s dòcha trì na ceithir trupan na do bheatha tha thu a’ dèanamh rud, rud a rinn thu iomadach trup ron seo, rud nach eil idir a-mach às an àbhais.

Cho nàdarrach ’s nach bi thu a’ cur sùim sam bith ann. ’S mathaid àite dhan deach thu, no cuideigin a choinnich riut anns a’ bhùth...’s ann às dèidh làimh a thuigeas tu gur e siud an trup mu dheireadh a thèid thu dhan àite ud, no nach fhaic thu an duine ud a-chaoidh tuilleadh. 

Nam biodh fhios air a bhith agad aig an àm, bhiodh tu air rudeigin a ràdh no rudeigin a dhèanamh…ach cha robh fhios agad.

Cha do thuig thu nach biodh cùisean mar a bha, a-chaoidh gu bràth tuilleadh. Is dh’fhalbh e gu sìorraidh, bha e air a thighinn gu ceann gun fhaireachdainn dhut.

An dùil a bheil facal ann airson sin? Anns a’ Ghàidhlig air neo anns a’ Bheurla? Bu chòir facal a bhith ann air a shon.

’S e an joba mu dheireadh a bh’ agamsa, ag obair ann am bùth Bethesda. Uill, bha mi a’ dèanamh cuideachadh beag air choireigin. A’ cruinneachadh airgead airson an hospice. Och, cha b’ e joba ceart a bh’ ann, ach bha e gam thoirt a- mach às an taigh. ’S bha mi a’ faicinn dhaoine.

Abair gun robh sinn air ar cumail a’ dol, a’ cur rian air na bhathas a’ toirt a- steach thugainn: leabhraichean is furnadair, soithichean, rudan math, rudan snog. Bhiodh tu a’ gabhail iongnadh cò bha a’ sadail às rudan den t-seòrsa ud. Ach ’s ann à taighean a dhùin am bàs a thàinig a’ chuid bu mhotha dheth.

Thigeadh an teaghlach agus chlìoraigeadh iad a h-uile càil a-mach. Dheigheadh a chur ann an skip no ann am poca plastaig, a h-uile càil, a-mach leis.

 An latha bha seo thàinig bucas le copain, speuclairean, ornaments, rudan beaga den t-seòrsa sin. Junk, a chanadh cuid ris. Chuir an tè a bha còmhla rium ’s i cho bragail, chuir i a-null thugam truinnsear, thuirt i;

“Seo, tha cho math dhut siud a chuir dhan a’ bhin.”

Uill, bha an truinnsear air sgàineadh agus spealgan a dhìth air. Ach bha fhios ’am anns a’ bhad cò às a bha e air a thighinn. Air a chùl bha e sgrìobhte ‘A Souvenir of Great Yarmouth’. Bhiodh tè de Chlann-nighean an Sgadain air an truinnsear a cheannach shìos ann an Yarmouth, bha iad mu tasdan ’s trì sgillinn - daor gu leòr - bhiodh i air a phasgadh anns a’ chiste, na cuid-aodaich.   Bhiodh i air a thoirt dhachaigh gu a màthair. ’S e soitheach gu math brèagha a bh’ ann an uairsin. An seòrsa rud a chuireadh tu dhan dreasair, agus shealladh tu e dha na boireannaich eile e a bha timcheall.

Rud a bha prìseil aig cuideigin na latha, agus ’s e junk a bh’ ann a nis.

Ach cha do chuir mi an truinnsear dhan a’ bhin. Cheart cho luath ’s chaidh i a-mach an cùl, chuir mi e na mo bhaga. Is bha mi an uairsin a’ faireachdainn ciontach fad an fheasgair. Dè chanadh i nam faigheadh i a-mach?

Dè? Carson a rinn mi sin? O!

Air sgàth, bho chionn iomadach bliadhna bha mise mi fhìn air a bhith ann an Yarmouth agus Lowestoft agus Lerwick. Bha mi air a bhith aig an iasgach agus bha mi air an seòrsa rud ud a cheannach. Cha b’ e seann truinnsear a bha i a’ cur dhan a’ bhin, ach cuimhneachan air cosnadh a bha aig boireannaich an eilein.

Anns na làithean sin cha robh taghadh cosnadh agad, gu h-àraid bho nach robh mòran againn.

Innsidh mise dhut dè an taghadh a bha agamsa, a dhol na mo shearbhant dha na toffs ann an Steòrnabhagh airson dà not anns a’ mhìos. Uill, thug mi a’ bhliadhna slàn ris an obair. Abair thus’ gun innis iad dhut an-diugh nach robh tràillean anns an rìoghachd-sa, bho chionn dà cheud bliadhna. Ma-thà mo mhionnan, bha iad ann an-siud.

Co-dhiù, chuala mi gun robh na ciùrairean air a thighinn a Steòrnabhagh a lorg criutha a dheigheadh chun an iasgaich. An uairsin nuair a bha thu ‘got’, nuair a dhèanadh tu bargan ri ciùrair, gheibheadh tu an àirleas, sùim airgid, ann an làrach nam bonn. Sin mar a bha. Bheireadh tu dhaibh d’ fhacal agus bha sin math gu leòr.

Nise, cheannaicheadh tu na bha a dhìth ort leis an airgead sin - na chumadh tu, na mìosan a bha thu air falbh bhon taigh. Bhon na bha thu feum a’ dol dhan a’ chiste, soithichean is praisean, sgìnn is spàinean, bha is eadhan an aodach leap’ agus do chuid-aodaich fhèin.’S cha b’ e, leth-dusan sgiort’, blobhsaichean ’s paidhrichean bhròig a bha a’ dol dhan a’ chist’! Bha d’ aodach-obrach agad agus bha d’ aodach-Sàbainn agad. Sin e. Sin na bh’ agad agus sin na bha thu a’ feumachdainn. Cha b’ ann a’ dol ga do chluiche fhèin a bha thu idir.

’S ann ann an hutaichean a bha sinne a’ fuireach; hutaichean ann an yard a’ chutadh. Och, bha iad glan gu leòr, sin a’ chiad rud a bha sinn a’ dèanamh nuair a ruigeadh sinn. A’ sguabadh ’s a’ sgùradh mus toireadh sinn a-steach na cisteachan. Bha iad blàth cuideachd, bha stòbh’ annta agus bheireadh an ciùrair dhuinn na bha sinn a feum de ghual. Ma bha sinn fortanach bha bòrd ann, ach bha na cisteachan againn airson suidhe orra co-dhiù.

Bha dà rùm anns an huta agus bha criutha anns gach rùm. 

Dh’fheumadh sinn a bhith deiseil airson tòiseachadh ag obair aig sia uair’ sa mhadainn. Thigeadh na cùbairean,’s iad ag èigheachd rinn “Tie your fingers!’’, bha iad ag iarraidh oirnn na luideagan a chuir mu ar meuran. Bha sinn a’ dèanamh striopan aodaich, stiallan fada agus gan cur mu ar meuran.

Carson? Uill, bha air sgàth a’ chutaig. An sgian a bh’ againn, bha i cho geur ris an lannsa. Bha na cuarain sin a’ cumail ar craiceann bhon sgian. ’S bhiodh tu gu math taingeil orra air madainn reòite gheamhraidh.

Nise, cha robh sinn gan toirt dhinn ag ithe ar biadh no càil. Cha robh e gun diofar dè bha sinn ag ithe, ach dh’fheumadh tu sgian agus forc. Mo chreach, is iongantach a bha sinne beò.

Bhiodh triùir againn anns a’ chriùtha - dithis a’ cutadh agus mi fhìn a’ pacaigeadh. Och, cha robh mise cho luath air a chutadh ri càch agus tuigeadh tu gum feumadh astar uamhasach a bhith oirnn.

Bha a’ chlann-nighean a’ cur an sgadain air leth, mar a bha iad a’ cutadh. Tha cuimhne agam fhathast air meudan an sgadain a bha a’ dol dha na basgaidean. Small matties, matties, mattie fulls agus fulls. Agus mura an robh d’ aire air a’ ghnothaich, bha siud thugad.

Bha ceithir bascaidean anns a’ chran. Agus bha sinne a’ dol troimh 400 no 500 ceud cran anns an latha. Abair obair chruaidh, ach bha sinne toilichte le na bh’ againn. Agus na laughs a bhiodh againn.

Aon mhadainn ann an Yarmouth, stad dithis bhoireannaich, boireannaich spaideil, holidaymakers tha mi cinnteach. Bhiodh siud a’ tachairt tric,   daoine aig an robh beag ri dhèanamh nan seasamh gar coimhead. Is thuirt tè aca riumsa an uairsin “Did you catch all these yourself?”

Chaidh mi air ais chun an sgadain, an samhradh às dèidh a’ chogaidh. Ach cha robh iarraidh air an sgadan an uairsin ann. ’S thug iad an uairsin a- steach nam machines a ghlanadh an èisg. Aig deireadh an t-seàsain sin, thàinig crìoch air a h-uile càil a bh’ ann. Bha latha an sgadain seachad. Ma- thà, rinn sinn a’ chùis eadar pailt is goirt. Sin mar a bhios.

Thòisich a h-uile càil ag atharrachadh. Beag air bheag ’s gann gum mothaicheadh tu an toiseach. ’S an uairsin, mar clach a’ ruith ri gleann, cha ghabhadh a thilleadh.

Bha an àite ag atharrachadh. Bha na daoine ag atharrachadh. Dachaighean anns a’ bhaile againne, far an robh na h-aon teaghlaichean bho riamh. Fear às dèidh fear, chaidh a reic. ’S tha strainnsearan annta. ’S chan eil fhios aca air fiach mu dheidhinn nan daoine no nan cnuic.

Chan urrainn dhut càil a dhèanamh mu dheidhinn. Ged a lùigeadh tu gum biodh cùisean mar a bha. Chan urrainn dha a bhith.

O tha fhios ’am canaidh daoine, “Dè nì thu dheth. Chan eil air ach gabhail ris.”

’S dòcha gu bheil iad ceart. Ach ged a dh’ atharraich an saoghal agus a nàbachd, cha do dh’atharraich mise idir.

Thuirt mise ri nighean mo bhràthar an latha eile, “Chunna’ mise an saoghal. Na creid thus’. Bha mi ann an Shetland, Lowestoft, Yarmouth agus aig Cidhe Wick, iomadach àite”. Rinn i lachan gàire, ach bha fhìos ’am fhìn dè bha a’ ruith air a h-inntinn. Uill, b’ e siud an saoghal agamsa.

Ach uaireannan. Bidh mi a’ smaoineachadh gur dòcha gum faodainn air a bhith air rudeigin eile a dhèanamh. Ach bha rud ga mo chumail air ais. Sin mar a bha cùisean dha na boireannaich an uairsin. No, ’s dòcha gur e mi fhìn bu choireach.

Ach mar is sine a tha daoine a’ fàs, bidh thu a’ gabhail aithreachas airson nan rudan nach do rinn thu, no nan rudan nach tuirt thu.

Co-dhiù, bidh an carer agamsa ann an-seo a dh’aithghearr. Bidh ise na cabhag mar is àbhaist. Chan eil càil a choire aicese ris an-sin, chan eil i a’ faighinn ach fichead mionaid an-seo. Is a’ chiad rud a tha aice ri dhèanamh, fònadh dhan oifis. ‘Phone in’, mar a chanas i fhèin.

Ma bhios tìde aice, bidh i a’ faighneachd a bheil mi airson m’ fhalt a dhèanamh. Nise, chan eil càil a’ chòir aice a bhith ga dhèanamh, chan eil i pàighte airson an leithid.

Bidh i an uairsin a’ toirt thugam sgàthan, is canaidh mise, “O teann leis an-sin, is an aois a’ laighe orm.”

Canaidh ise an uairsin, “Oh no Mary. Your skin is so fresh. You must have been out in the May dew.”

Ma bha, a bhròineig. Bha latha dhan sin!

            ’Eil cuimhne agad mar bha sinn

            A-muigh air cùl a ghàraidh

            Nuair dh’iarrainnsa gus d’ fhàgail

            Do làmh bhi ga mo theannachadh

 

An deireadh    

Short url:   http://multidict.net/cs/7366