This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Sorcha NicAonghais

Is mise Sorcha NicAonghais. Tha mi a’ fuireach ann an Staoinebrig. Bha mi anns a’ Phàrlamaid bhon toiseach. Uh, thòisich e trì bliadhna air ais.

Bhiodh sinn a’ coinneachadh a h-uile mìos. Bhiodh sinn a’ coinneachadh ann an talla diofraichte a h-uile mìos. Aon mhìos dh’fhaodadh sinn a bhith ann an Èirisgeidh ’s mìos eile dh’fhaodadh sinn a bhith ann an Càirinis.

Bhiodh sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn luchd-teagaisg is rudan a chòrd rinn is rudan nach do chòrd leinn, agus bhiodh sinn a’ dèanamh ealan is ceòl.

Bhiodh sinn a’ dol air tursan dhà no trì turas sa bhliadhna. Um, aon turas chaidh sinn a Heisgeir airson deireadh-sheachdain. Bha sinn a’ fuireach ann an teantaichean agus, um, bha sinn a’ dol dhan chladach is a’ dèanamh ealan is tòrr rudan spòrsail.

Bhiodh sinn a’ dèanamh filmeadh bho àm gu àm – podcasts – is an turas mu dheireadh a rinn mi fear, um, leugh mi pìos bàrdachd a sgrìobh caraid còmhla rium.

Na h-Eileanan Siar: àite sònraichte
Làn de dh’ionmhais, daoine, tìr is cuan
Sealladh nan stuadh, muilnean gaoithe, agus feur
Far am bi an sluagh a’ falbh gu adhradh

Far a bheil na daoine còir is coibhneil
Tha na coin cho laghach a’ cluich anns na lòin
Tha faoileagan a’ sgiathalaich
Agus fìdhleirean a’ teicheadh an siud ’s an seo

An-diugh bha na stuadhan a’ bualadh
Gu socair air an tràigh
Aig amannan eile a’ sgalgadh gu cruaidh
Agus bidh iad a’ dèanamh sin gu brath.

Short url:   http://multidict.net/cs/738