This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Iseabail Steele

Is mise Iseabail Steele, agus tha mi a’ fuireach ann am Baile Mhanaich ann am Beinn na Faoghla, agus tha mi ag obair dhen Bhòrd Slàinte.

Bidh sinn ag obair – bidh mi ag obair còmhla ri clann is òigridh – em, a’ toirt dhaibh fiosrachadh, em, airson ’s gun urrainn dhaibh iad fhèin a chumail slàn is fallain an-dràsta ’s na bliadhnachan ri tighinn.

Thòisich mise ag obair còmhla ri Pàrlamaid na Cloinne air sàilleabh ’s gun robh sinn ag obair anns na sgoiltean, em, còmhla ris na sgoiltean a’ dèanadh pìos obrach mu dheidhinn bullying. Agus bha sinn ag useicheadh dà thrèanar, um, à Dùn Èideann. Agus nuair a bha sinn uileadh an sineach, eh, thòisich iad ag innse dhuinn mu dheidhinn project nàiseanta a bh’ aca – pàrlamaid na cloinne. Agus bha dà bhuidheann mar-thà – fear ann an Dùn Èideann agus fear ann an Ayr, agus bha iad a’ cantail gun còrdadh e leotha an cothrom a thoirt dhuinne buidheann a bhith againn ann an sheo cuideachd, agus gun robh e a’ còrdadh leotha an dòigh a bha sinn ag obair còmhla ri clann is òigridh. So sin mar a thòisich sinn.

Bha sinn an dòchas, eh, gum biodh iad a’ dol a dhèanadh obair leis a’ chlann, eh obair còmhla ris a’ chlann is ris an òigridh, eh, em, a dh’fhàgadh iad toilichte, rud mu dheireadh aig ceann an latha – sin a bha sinn a’ feuchainn ri dhèanadh – gum biodh, um, deagh àm aca, deagh ùine còmhla ri, còmhladh, gun coimheadadh iad air an rud dè bha a’ dol sa choimhearsnachd. Em, ’s dè b’ urrainn dhaibhsan a dhèanadh anns a’ choimhearsnachd cuideachd. Agus gun gabhadh iad pàirt ann an tòrr rudan diofraichte, can, em, spòrs, dràma. Em, bha – gun coimheadadh iad air na diofar dòighean sam b’ urrainn dhaibh a bhith ag obair, gum faigheadh iad fiosrachadh às a’ chlann, ag ionnsachadh, can, mar a tha dràma is art is ceòl is rudan mar sineach.

Bha sinn airson misneachd a thoirt dhan chlann gum feuchadh iad diofar gnothaichean – agus gu, gum faigh sinn na beachdan a bh’ acasan air rudan a bha a’ dol anns a’ choimhearsnachd.

Tha mi a’ smuaintinn gun do dh’obraich e. Em, chunnaic mi clann a’ tighinn air aghaidh ’s a’ fàs nas misneachdail gnothaichean a dhèanadh. Eh, bha iad a’ sìor fhàs toilichte, agus cha robh e gu diofar dè a dh’iarradh tu orra a dhèanadh, em, bha iad, bha iad deònach feuchainn, agus deònach tighinn air aghaidh airson rudan a dhèanadh.

Em, nuair a chaidh a’ chlann a Heisgeir am bliadhna chaidh sinn a-null dìreach airson dà latha is aon oidhche a dh’fhan sinn thall. Agus bha iad ag obair – ’s e pàirt dhen John Muir Award a bh’ ann. Bha iad ag obair air sin a dhèanadh son trì ’s ceithir mhìosan, so aon uair ’s gun do thòisich iad air stick iad leis, dh’fhan iad leis. Agus tha sin gu math doirbh do chlann òg a dhèanadh uaireannan. Agus chùm iad ris, fhuair iad an award, agus, em, bha iad, bha iad dìreach cho moiteil nuair a fhuair iad sineach. Tha e gu math doirbh fhaighinn. So chuir iad a-staigh tòrr obair air a shon. Agus cuideachd bha tòrr rudan ùr – rinn iad tòrr rudan ùr nuair a chaidh iad a Heisgeir. Siud a’ chiad triop aig feadhainn a dhol a chàmpadh. Feadhainn eile ’s e a’ chiad triop aca a’ falbh air bàta. ’S tha e gu math doirbh a chreidsinn – tha sinn a’ fuireach ann an eilean – gu bheil clann ann nach robh riamh air bàta. Em, so bha e uabhasach toilich- bha iad uabhasach toilichte a’ dol ann, ’s bha iad, em, excited cuideachd dìreach a’ dol dhan àite bha seo nach robh duine ann ach iad fhèin airson dà latha is oidhche.

Tha mi a’ smuaintinn gun do, gum faca mi a’ chlann a’ fàs nas làidire ’s nas làidire nuair a bha na bliadhnachan a’ dol seachad. Bha iad trì bliadhna anns a’, anns a’ phàrlamaid agus gu math tric nuair a smuaintich- nuair a bhios daoine a’ smuaintinn air “fallain” ’s ann air caran, eh, fitness is rudan mar sineach a bhios iad a’ smuaintinn, ach tòrr dhen obair a tha sinne a’ dèanadh le clann ’s e ciamar a tha iad a’ faireachdainn ’s mu na smuaintean a th’ aca.

Tha mise a’ smuaintinn gum biodh e sgoinneil nam faigheadh a h-uile duine òg, em, cothrom a bhith ann am buidheann mar seo. Tha mi a’ smuaintinn gu bheil e uabhasach math do chlann pàirt a ghabhail ann am buidheann, agus seòrsa, seòrsa ceangaltas a bhith acasan ri, le rudeigin a tha a’ toirt dhaibh rudeigin ri dhèanadh anns a’ choimhearsnachd aca fhèin. Agus rudeigin far a – àite far am faigh iad bruidhinn agus gum faigh iad teansa na smuaintean aca fhèin a thoirt seachad.

’S cuideachd tha mi a’ smuaintinn nach eil sinn a’ tòiseachadh air an obair sin a dhèanadh tràth gu leòr. Tha, seo a’ chiad triop a thòisich sinn ag obair le clann aig aois òg, agus bha e fìor mhath. Chòrdadh e rium a dhèanadh a-rithist aig an aois sin. Chan eil sinn a’ toirt dhaibh, tha mi a’ smuaintinn, em – chan eil a’ bheachd a th’ againn air clann òg, tha mi a’ smuaintinn – tha mi a’ smuaintinn gu bheil sinn ceàrr feitheamh leotha gus am bi iad ceithir-deug is còig-deug mun tòisich sinn a’ bruidhinn leotha mu dheidhinn siud ’s seo ’s a’ smuaintinn – an uair sin tha sinn ag iarraidh na smuaintean aca – dè tha iad a’ smuaintinn mu dheidhinn siud no seoach. Ach tha sin ro anmoch. Tha mise a’ smuaintinn gu bheil còir, còir againn tòiseachadh, can, aig ochd bliadhna, a bhith a’ faighneachd dhaibh dè ur beachd air an seoach, no dè ur beachd air an siudach, agus ma thogas sinn clann mar sineach ’s ann an uair sin a gheibh sinn iad a’ toirt seachad na beachdan aca fhèin, agus a bhios iad a’ faireachdain gu bheil iadsan iad fhèin pàirt dhen choimhearsnachd.

Short url:   http://multidict.net/cs/741