This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Catriona Black

Tha mi cinnteach gu bheil, oh, ceithir bliadhna co-dhiù on a thòisicheadh air bruidhinn mu dheidhinn a’ phroject a bha seo an toiseach. Agus bha iad ag iarraidh, ah, pìleat a dhèanamh dheth fad trì bliadhna. ’S thug e, um, ’s dòcha faisg air bliadhna mun do thòisich an gnothach mar a bha, mar a bha a h-uile duine ag iarraidh, mar a bha daoine a’ sùileachadh.

Bha – ’s ann à Dùn Èideann a thàinig e an toiseach, agus ’s e Cathy, ’s i a bha os a chionn agus ’s ann bhuaipese a thàinig a’ chiad iomradh air. ’S thàinig i an uair sin a-mach, um, dha na h-eileanan. Bha iad an dòchas gum biodh sgoiltean anns na h-Eileanan Siar no, no fiù’s clann anns na h-Eileanan Siar, ah, ceangailte ris a’ phroject tha seo, anns a’ phìleat. Agus bha sgoiltean à, um, aon àite ann am Midlothian agus cuideachd ann an South Ayrshire.

’S ann às na trì h-àiteachan a bha sin a bha iad an dòchas eh, na – a’ chlann a thoirt an toiseach airson a’ phìleat. Ach mar a dh’obraich an gnothach cha robh – bha e doirbh dha na sgoiltean a dhèanamh, thoradh cha robh – bha na – aig an àm bha roinn an fhoghlaim, bha iad airson gum biodh a h-uile sgoil anns na h-Eileanan an Iar ceangailte ris an seo. Ach mar a thàinig, uh, Pàrlamaid na Cloinne an toiseach a-mach dha na h-eileanan, ’s ann à Uibhist agus Barraigh a bha an t-iarrtas a bu mhotha, ’s chan ann – sin a bha na daoine anns na sgoiltean a’ smaoineachadh gun dèanadh e, gum biodh seo feumail dhaibh fhèin agus dhan, dhan cuid, cuid chloinne. So mar sin bha iad airson cumail ri Uibhist agus Barraigh, ’s cuideachd, well, cha robh uiread de sgoiltean ann, ’s bha e na b’ fhasa dìreach an àireamh bha sin, tòiseachadh leis an àireamh a bha sin fhèin.

So sin far an do thòisich e, ach o nach robhar ga dhèanamh tro Roinn an Fhoghlaim mar a bhathar a’ dèanamh anns an dà – leis an dà bhuidhean eile, um, dh’fheumte a dhèanamh aig deireadh-sheachdain agus aig laithean saora agus ann an àm nach robh mar àm sgoile.

So bha e, bha, bha am project anns na h-Eileanan an Iar, bha e, bha e eadar-dhealaichte anns an dòigh sin. Ach tha sin a’ ciallachadh tha mise a’ smuaintinn – tha mise a’ smuaintinn gu robh e na b’ fheàrr anns an dòigh sin, thoradh bha e a’ ciallachadh nach robhar ga fhaicinn mar obair-sgoile mar gum bitheadh, agus ma bha a’ chlann a’ coinneachadh còmhla uair sa mhìos mar a bha iad, bha iad a’ dèanamh sin air sàilleabh gu robh iad airson a bhith ann, chan ann idir gu robhar ag iarraidh orra a dhol ann, ’s gu robh iad a’ feuchainn ri faighinn far na sgoile no - ach bha, bha iad ag iarraidh a bhith ann iad fhèin. ’S a bharrachd air an sin, an luchd-inbhich a bha a’ cuideachadh, chan e tidsearan a-mhàin a bh’ annta. Agus cha robh, mar gum biodh, dreach sgoile air, fhios agad, far an robh riaghailtean ’s, fhios agad, amasan a thaobh foghlaim – bha e na b’ fhosgailte agus bha sinn uile mar gum biodh air an aon ràmh, fhios agad, ’s bha sinn uile air a’ – aig an aon ìre. Cha robh duine – cha robh na h-ambassadoran, na, na daoine a bha – na h-inbhich os cionn a’ chlann mar gum bitheadh.

Well, um, ’s e aon dha na h-amasan a bh’ aig a’ phroject tha seo gu, gum biodh e a’ leantail fad trì bliadhna agus gum biodh e a’ leantail clann às a’ bhun-sgoil a-staigh dhan àrd-sgoil. ’S mar sin, ’s mar sin, ’s e clann air Clas a Sia agus a Seachd anns a’ bhun-sgoil a bha a dhìth, gus an ceann trì bliadhna bhiodh iad anns a’ chiad no dara bliadhna, seadh, anns an àrd-sgoil. Um, bha – chaidh iarraidh air a h-uile sgoil ann an Uibhist agus am Barraigh dithis a chur air adhart, mar gum bitheadh, airson a bhith air Pàrlamaid na Cloinne agus chaidh an uair sin – well, cha chreid mi nach do chuir iad barrachd air dithis, ’s dòcha ceathrar, ’s aig deireadh an latha thàinig, ah, na h-inbhich a bha an-lùib Parlamaid na Cloinne, thàinig iad còmhla agus roghnaich iadsan, ah, dìreach na feadhainn mu dheireadh – gum biodh dithis às a h-uile sgoil. ’S dh’fheuch iad ri an aon àireamh de nighnean ’s de ghillean fhaighinn ’s an aon àireamh de, de dh’fheadhainn a bha, um, ’s dòcha a’ dèanamh na b’ fheàrr anns an sgoil, ’s dòcha feadhainn ’s dòcha aig an robh beagan duilgheadas san sgoil, gus gum biodh measgachadh de thalantan ann ’s, um, feadhainn aig an robh ùidh ann an aon rud ’s ann an rudan eile gus, dìreach gus gum biodh, gu, gum biodh an gnothach cho farsaing ’s a b’ urrainn dha bhith.

Ah, aig toiseach gnothaich ’s e, ’s e na h-ambassadors, na h-inbhich a bha nan ambassadors, agus bha, oh, tha mi cinnteach gu robh, uh, sianar no seachdar againn ann – ah, bha iad, um, bha iad a’ tighinn – bha iad a’ gabhail cùram de ’s dòcha dithis no ceathrar. Agus, um, bhiodh iad a’ coinneachadh ris a’, ris a’ chlann, eadar, eadar na coinneamhan aig Pàrlamaid na Cloinne ’s bhiodh iad a’ bruidhinn riutha agus a’ faighinn a-mach dè bha a’ còrdadh riutha mu dheidhinn na coinneamhan is na rudan a bha iad a’ dèanamh. Gu math tric, bha, bha mar gum biodh, task no obair aca ri dhèanamh, um, eadar gach coinneamh – anns a’ choimhearsnachd bha aca ri bruidhinn ri daoine, bha aca ri rudan a chruinneachadh, agus gu math tric dìreach fiosrachadh, fhios agad, fhaighinn air, air um rud a bha iad – cuspair a bh’ aca airson an ath choinneamh. Agus bha na h-ambassadoran a’ dèanamh cinnteach gu robh, gu robh iad, gu robh e cothromach dhaibh sin a dhèanamh ma bha cuideachadh sam bith a dhìth orra ’s mar sin dìreach, dìreach a’ cumail sùil agus ga dhèanamh furasta dhan chlann.

Well, bha prògram mar coinneamh, ach bha, bha a’ chlann fhèin, bha, bhiodh iad a’ bruidhinn, um, mu dheidhinn an rud agus, gu math tric, dh’fhalbhadh iad leis ann an ’s dòcha, air, air dòigh nach robh, um, nach robh anns a’ phrògram. So bha e, bha e, furasta dhaibh sin a dhèanamh, bha e comasach dhaibh sin a dhèanamh nam biodh, nam biodh iad ag iarraidh a dhol a dh’aon taobh no, no taobh eile. Agus bha, bha e cuideachd bha e, bha e furasta dhaibh, um, iad fhèin a thoirt ann, fhios agad, an rud a bha, a bha, bha a’ còrdadh riutha fhèin. Bha, bha iad, um, air am brosnachadh, mar gum bitheadh, airson sin, airson sin a dhèanamh agus a thoirt a-mach agus a shhareadh le càch.

Well, tha mi a’ smaoineachadh gun tug e misneachd dhaibh, misneachd annta fhèin, agus chunnaic sinn sin a’ tachairt. Um, tha cuimhne agam a’ chiad coinneamh no dhà bha e, bha iad gu math doirbh, thoradh bha, bha, bha, ’s bha e doirbh dhomhsa mar neach-teagaisg far a, far a bheil mi eòlach air a bhith ann an suidheachadh far a bheil, well tha mi cinnteach, na tidsearan agus na h-inbhich ann an, ann an comannd, mar gum bitheadh – bha e gu math doirbh an toiseach leigeil leis an sin uile falbh agus suidh air ais, agus um leigeil leis a’ chlann fhèin, mar gum biodh, an gnothach a ghabhail agus, agus a bhith, um, mar a bha iad, well, mar a bha iad fhèin ag iarraidh, agus fhuair mi sin doirbh an toiseach, ach an ceann ùine bha e na b’ fhasa, agus chunnaic mi gu robh a’ chlann fhèin, gu robh e a’ toirt misneachd dhaibh, agus gum bruidhneadh iad a-mach, agus gu deibhinne feadhainn dha na feadhainn a thòisich – tha iad, ah, a-nist, tha iad nas comasaiche air na beachdan aca fhèin a thoirt seachad ’s tha iad deònach bruidhinn ri duine sam bith, agus chan ann idir ann an dòigh mì-mhodhail, ach, fhios agad, ann an dòigh far a bheil iad fhèin a’ faireachdainn gun urrainn dhaibh sin a dhèanamh ’s gu bheil iad còmhfhurtail ga dhèanamh.

Short url:   http://multidict.net/cs/742