This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Sgilean obrach aig Sgoil Lìonacleit

Ann an iomadach dòigh tha a’ chroit aig Niall Mac a’ Phearsain ann an Lìonacleit ann am Beinn na Faoghla gu math coltach ri croit eileanach sam bith eile. Coltach ri croitearan eile bidh Niall a’ togail chaorach. Ach, eu-coltach ri mòran, bidh e a’ cleachdadh seada mòr airson an cumail a-staigh airson pàirt dhen bhliadhna – gus an dìon bhon t-sìde as miosa. Ach nuair a thig an samhradh ’s toil leis na h-uain ùra a bhith a’ faighinn a-mach anns a’ ghrian.

Ach tha croit air leth aig Niall, oir bidh e a’ toirt cothrom do dhaoine òga ionnsachadh mu chroitearachd. Gach seachdain bidh buidheann bhon sgoil ionadail a’ tighinn dhan chroit leis an tidsear aca, Steve Carter, airson eòlas fhaighinn air mar a tha croit ag obair.

Fhad ’s a tha Niall a’ mìneachadh dha na balaich mun obair a bhios iad a’ dèanamh, tha Steve a’ cruthachadh eisimpleir de thalamh a’ mhachair airson deuchainn a dhèanamh air air ais san sgoil. Bidh Niall agus Steve ag obair còmhla a’ toirt ionnsachadh seachad an dà chuid air a’ chroit agus anns a’ chlas.

’S e an obair a th’ aca an-diugh a bhith a’ glanadh dìg. ’S e Niall a thòisicheas an obair. Aig an aon àm tha Steve a’ gabhail eisimpleir diofraichte de thalamh dhubh air a’ chroit.

Fo stiùireadh Nèill tha na balaich a-nist ag obair air an dìg leotha fhèin, fhad ’s a tha Steve a’ mothachadh an diofar a th’ ann eadar an dà sheòrsa ùir air an aon chroit.

“Machair soil is very granular. Um this is, this is a completely different texture and there’s just so much more water in that.”

Aig deireadh na maidne tha na balaich air adhartas mòr a dhèanamh air an dìg.

Aig an aon àm, san t-seann sgoil ann an Griomasaigh tha buidheann eile de sgoilearan bho Sgoil Lìonacleit ag ionnsachadh sgilean gu tur eadar-dhealaichte – mar a thogas tu bàta. Gach bliadhna bidh Raghnall Iain MacIlleathain, a tha a’ togail bhàtaichean san t-seann dòigh, a’ stiùireadh buidheann bheag de sgoilearan fhad ’s a tha iad a’ togail geòla. Chaidh an cùrsa seo a chur air dòigh as dèidh còmhraidhean eadar an sgoil agus Urras Seada nam Bàtaichean.

An-diugh tha na balaich a’ dèanamh ràimh. Tha tòrr uidheam anns a’ bhuth-obrach, a tha a’ ciallachadh gu bheil fuaim gu leòr ann fhad ’s a tha iad ag obair.

Tha ràmh aig na balaich mar-thà, agus ’s urrainn dhaibh sin a chleachdadh mar eisimpleir. Fiù ’s mura tèid iad fhèin air adhart leis an obair seo as dèidh dhaibh an sgoil fhàgail, ’s e cothrom math a tha seo airson eòlas agus tuigse fhaighinn mu bheatha obrach.

Air ais san sgoil tha Steve a’ stiùireadh nan sgoilearan air a’ chursa ann an croitearachd tro na deuchainnean a bhios iad a’ dèanamh air an dà eisimpleir de thalamh a fhuair iad air croit Nèill.

“What we’re then going to do is we’re going to actually burn off the organic content of the soil, right? This will make the room smell, right? I’ll tell you now. It actually smells quite bad when you burn it off, OK? What we’ll call that is ‘c plus f burned’. You’re then going to weigh it again in a minute, having dried it out.

The machair soil, you can see it’s slightly lighter, across the back, the three samples in the same order that they are up there. So, John Alec and Calum, that one’s yours.”

Tha na sgoilearan ag obair a-mach dè na th’ ann de stuth “fàs-bheairteach” no “organic” a tha san talamh. Tha Steve air deuchainn eile a dhèanamh air cuideachd.

“You can just add Universal Indicator and you can see that the colours are significantly different. So, this one, which is the black soil, has gone slightly sort of yellowy – yeah? - which means that it’s acidic. It’s not strongly acidic. If it was strongly acidic it would be red. OK, so it’s not red. So it’s round about, um, sixish, five point five, sixish as a pH, OK?

This one is slightly bluey green, rather than the green that they actually started off with. So that is probably about seven point five. No more than that, if that. It might be slightly less than that, so, so it’s slight, slightly alkaline. And to be honest I’m surprised it’s not more alkaline than that.”

Aig deireadh an latha feumar uisge a thoirt dha na planntaichean san taigh-glainne aig an sgoil, airson dèanamh cinnteach gum bi iad fallain. Tha a h-uile coltas ann gu bheil an sgoil cheart cho dìcheallach gum bi na sgoilearan fhèin a’ fàs fallain cuideachd, a’ toirt gach cothrom dhaibh a bhith ag ionnsachadh nan coimhearsnachd fhèin.

Short url:   http://multidict.net/cs/743