This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Nìall Mac a’ Phearsain

O chionn dà bhliadhna air ais thàinig buidheann againn còmhla a’ ràdh feuch dè ghabhas dèanamh do bhrosnachadh dhan daoine òg mu dheidhinn croitearachd. Agus chaidh gnothaichean air adhart. Agus san August a chaidh theann a’ chùrsa ann an sheo.

Bidh na sgoilearan agamsa latha san t-seachdain, well chan e latha buileach a th’ ann – tha iad treiseag de latha agam, agus tha iad latha eile a’ dèanamh obair sa chlassroom. Tha, tha sinn a’ dol tromhpa a h-uile sìon a bhios sinn fhèin a’ dèanamh aig an àm. Tha a’ chùrsa fosgailte airson sin. Chan urrainn dhuinn, ’s dòcha, a chur sìos air pàipear, ’s dòcha, an rud a bha sinn an dùil a dhèanamh a-rèir sìde no rudeigin – bidh e ag atharrachadh, agus feumaidh, fhad ’s a bha iad leigte ris an sin bha sinne deònach cuideachadh a thoirt dhaibh.

Theann sinn dheth le – tha seachdnar ghillean againn, agus tha sinn toilichte leis na tha iad a’ dèanamh. Tha iad fhèin toilichte – well, tha iad ag ràdh leamsa gu bheil, agus chan eil agamsa ach gabhail ris an sin.

Ach, uh, tha sinn a’ toirt dhaibh – theann sinn dheth aig àm an fhoghair. Nist, bha, bha uain againn deiseil airson na saleichean agus bha iad còmhla rium ag obair mu chuairt air sin. Chaidh sinn às an sin gu buain, agus thug sinn a-mach dhaibh an t-seann speal, rud nach robh duine aca air fhaicinn. Agus sheall sinn ciamar a choimheadadh iad roimhid.

Agus bha mi a’ ràdh, well, cho math ’s gu bheil na dòighean ùr a thathas ann an croitearachd, agus ann an tuathanas, feumaidh iad, dh’fheumadh iad a dhol air ais gu ciamar a thàinig sinne thuige. Tha, mar a bha na daoine a bh’ ann roimhe a rinn croitearachd agus a chùm croitearachd san staid san robh e. Feumaidh sinn innse dhaibh mar a dh’obraich na daoine sin, agus ’s ann ag ionnsachadh a tha sinn nuair a choimheadas sinn air ais air dè bha iadsan a’ dèanamh.

Ach, fhuair sinn sin ’s tha na gillean air a bhith deònach. Tha iad air a bhith – chuir sinn suas beagan fheansachan còmh leam. Agus, tha mi-fhìn nam obair, bidh mi le clachaireachd. Agus thug sinn iad a chur air dòigh ballaichean – rud a bha a h-uile duine ris uairegin air croit. Mar a tha an-diugh – corra dhuine againn a tha ris. Ach ’s e sgil eile a bhiodh air chall agus bha sinn airson, bhiomaid airson, gun cùmadh iad seo suas cuideachd.

Tha sinn a’ dol troimhe an uair sin, mar a tha a’ bhliadhna a’ dol air adhart. Bha sinn ag obair a-staigh – tha, tha mise beagan diofrach, tha seadachan mòr againn an seo, ’s tha caoraich againn a-staigh treis dhan bhliadhna. Sa chunbhalachd tha caoraich a-muigh, ’s tha beagan againn a-muigh ach tha e a’ dèanamh beagan nas fhasa dhuinn, agus bidh sinn uile a’coimhead airson beagan - beatha beagan nas fhasa sa h-uile dòigh. Ah, bha sinn an uair sin, ah, ag obair air an sin, ’s thàinig an uair sin, bha sinn ag obair leotha a’ sgaoileadh todhar. Agus, chan e idir gu bheil e – ged a tha deagh, um, tractors mhòr agus spreaders – thug sinn dhaibh an gràpa agus, agus dh’fheumadh iad fhèin na torran a sgaoileadh.

Bha feadhainn aca a chòrd e leotha agus bha feadhainn ag ràdh well tha dòigh ann, tha dòigh nas fhasa agad agus carson nach dèan thu mar sin e. Ach bha mi ag ràdh well a-rithist feumaidh sibh a dhèanamh ann an dòigh a bhathar ga dhèanamh uairegin.

Agus am bliadhna tha rud annasach eile againn. Tha – mar a tha sinn a’ dèanamh trials air diofar seòrsachan coirce, agus tha boireannach againn às an Òlaind a-bhos. Tha i ag obair tron cholaiste an àiteachas agus tha sinn a’ dèanamh plotaichean, trials, diofar seòrsa coirce, ciamar a dh’fhàsas iad ann an Uibhist. Agus tha sinn air a’ chlann fhaighinn còmh leinn ag obair ann an shin, agus cùmaidh iadsan sin a’ dol. ’S tha sinne ann an gnothach ùr.

Tha sinn – tha – a’ sealltainn dhaibh an diofar dòighean a th’ ann air obair an diofar – mar a tha talamh diofrach ann. Rud a dh’fhàsas ann an, air taobh an iar an eilein againn an seo – cha leig thu leas smuainntinn gun dèan iad sin air an taobh an ear. Tha an gnothach – atharrachadh. Tha an t-eilean beag ach atharrachadh mòr – as – ann. Agus gum feum iad sin a thuigsinn.

Tha diofar seòrsachan chaorach an seo, agus bha aon ghille ann gu h-àraid, ’s chòrd na caoraich mhaol a bha seo ris. ’S bha e airson feadhainn dhiubh fhaighinn, ach an t-àite sa bheil esan, bha sinn ag ràdh ris, well ’ille cha dèan iad feum dhut agus feumaidh tu coimhead airson breed eile. ’S thuig e sin, agus, uh, tha iad ag ionnsachadh air an socair agus tha sinn mar a bha sinn ag ràdh, tha croitearachd a’ dol – chan eil e, chan eil thu ga dhèanamh airson airgead. Tha sin aon rud cinnteach. ’S e dòigh beatha a th’ ann, cruaidh, ach ’s e dòigh beatha a th’ ann dhomhsa nach fhaigh mi nas fheàrr. Agus ma gheibh mise duine no dhà acasan a leanas air adhart – tha, tha croitearan sa bhitheantas a’ fàs gu math sean, agus feumaidh sinn feadhainn òg a bhrosnachadh a-rithist airson ma nì sinn ar gearradh dhe sin, sin agad am pàigheadh as fheàrr leamsa a th’ ann.

Short url:   http://multidict.net/cs/744