This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Latha nam Bàtaichean

Tha Calum Iain MacCorcadail, agus luchd-ciùil is seinneadairean eile, a’ dèanamh cinnteach gu bheil pàirt cudromach aig ceòl aig a’ chèilidh ann an Seada nam bàtaichean ann an Griomasaigh aig deireadh Latha nam bàtaichean.

Ach a bharrachd air ceòl tha sgilean eile na sgìre air a bhith air an taisbeanadh tron latha. Thòisich daoine a’ tighinn dha na Ceallan fada na bu thràithe air an Disathairne seo aig deireadh a’ Chèitein. Airson tòrr, ’s e a’ chiad àite dhan tèid iad an t-Seann Sgoil, far am faigh iad cothrom daoine òga fhaicinn a’ togail bhàtaichean. Tha na balaich seo a’ sealltainn an cuid obrach fo stiùireadh Raghnall Iain MhicIlleathain. Tha daoine de gach aois am measg an fheadhainn a tha a’ coimhead air an taisbeanadh.

Nas fhaide air adhart san latha tha gnothaichean a’ gluasad gu Cala nan Ceallan – ionad trang airson iasgairean. Gheibhear maorach de gach seòrsa air a’ chìdhe. ’S urrainn dhut sùil a bheir orra gu dlùth, ach b’ fheàrr dhut gun a dhol nan còir.

Aig an aon àm air beulaibh seada nam bàtaichean tha cruach mhòr de chlèibh a’ tarraing dhaoine. Mu mheadhan latha tha tòrr air cruinneachadh, agus bidh luchd-malairt na sgìre a’ dèanamh latha math gam biadhadh.

As deidh sin chan fhada gus am faic thu carson a tha a’ chruach ann. Bidh òigridh an eilein ga leigeil sìos agus ga togail a-rithist cho luath ’s as urrainn dhaibh. Agus tha co-fharpais eile ann do chlann nas òige – a’ tilgeil welly an iasgar. Chan eil e cho furasta agus a shaoileadh tu an toiseach!

Pìos beag shìos air a’ chidhe tha geòlachan a chaidh a thogail air a’ chùrsa a’ feitheamh airson putadh a-mach. Faodaidh duine sam bith a dhol a-mach orra airson splaoid sa chala. Bidh feadhainn airson rèis a dhèanamh. Gabhaidh feadhainn eile air an socair. Mu dheireadh thall feumaidh iad uile tighinn air ais. Tha an t-àm ann a-nis airson nam bàtaichean mòra.

Tha iad air a bhith a’ togail bhàtaichean ann an Griomasaigh bho chionn fhada. A-nis tha taisbeanadh sa chala le tòrr bhàtaichean Ghriomasach. Bidh duaisean de gach seòrsa ri fhaighinn, leithid am bàta-obrach as fheàrr, am bàta a tha air a pheantadh as fheàrr, am bàta a shiubhal an t-astar a b’ fhaide, agus fiù ’s an sgioba as inntinniche!

’S ann le seo a tha an latha a’ tighinn gu ceann. Tha ceangal dlùth aig Griomasaigh ri iasgach agus ris a’ mhuir, agus tha a’ choimhearsnachd moiteil às, fhad ’s a tha iad a’ cumail orra le leasachaidhean ùra nan cultar. A-nist, ’s an latha a’ tighinn gu crìoch faodaidh iad smuaintinn air a’ chèilidh air an oidhche.

Short url:   http://multidict.net/cs/749