This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Lachaidh Moireasdan (Cuimhneachan Heisgeir)

Nis, tha – cha robh mise ro shean an uair sin – beagan is fichead a bha mi. Agus – bliadhna thar fhichead a bha mi an toiseach, ’s ann a – agus, uh, air sàilleabh – bha an fheadhainn a bha a’ fuireach, air an dèidh a bhith a’ fuireach ann an Heisgeir, an dà theaghlach mu dheireadh, bha iad air fhàgail dà bhliadhna ron sin, cha chreid mi. ’S bha an t-àite fàs, ’s bha m’ athair a’ smaoineachadh gur e cothrom math a bhiodh ann nan deigheadh ceithir teaghlaichean à Griomasaigh a-mach agus gun cuireadh iad suas còmhnaidh an sin. Bha, bha grunn taighean ann ’s sìon ach a dhol annta, bha iad – an dà theaghlach mu dheireadh, bha dà thaigh mhath acasan. Ach bha, bha togalaichean eile a ghabhadh cur air dòigh. Cha robh a dhìth orra ach ceann a chur orra thoradh ’s e tughadh a bhiodh air a’ chuid bu mhòtha dha na taighean an uair sin.

Agus, uh, tha – bha an sgeama a’ dol glè mhath gus an tàinig e gu dhol ann, ’s cha deachaidh, cha deachaidh ann ach e fhèin. Ach bha e, bha e airson fheuchainn co-dhiù. Ach bha an teaghlach againne ro bheag. Cha robh ann ach - ’s mi fhìn a bu shine a bh’ ann ’s cha robh mi ach bliadhna thar fhichead an uair sin ’s bha piuthar agam a bha dà bhliadhna na b’ òige ’s bha i, bha i aig, aig uh, banaltramachd an uair sin, ag ionnsachadh. Bha i gun chrìoch a chur air. Agus, um, bha an uair sin piuthar eile a bha dà bhliadhna na b’ òige na ise. Agus, uh, tha – am mac eile a bh’ aig m’ athair, Gilleasbaig. Eh, bha, bha esan, cha robh e ach dusan bliadhna nuair a chaidh sinn ann. Cha robh e ach aona bliadhn’ deug. Agus sgrìobh m’ athair chun an Director of Education ann an Eilear Nis agus – gum faigheadh Anna, mo phiuthar a b’ òige – bha i a’ crìochnachadh ann am Port Rìgh, agus fhuair ise cead airson a bhith a’ toirt foghlam dha a’ chiad bhliadhna a bha sinn ann. Agus chaidh e an ath-bhliadhna, chaidh e a Phort Rìgh.

Eh, bhiodh iad a’ falbh, bha iad, bha taigh-sgoil ann, ’s bha mullach air, ’s bha, bha e cho math ’s a bha e nuair a dh’fhàg an fheadhainn mu dheireadh a bha a’ fuireach ann. Bhiodh iad a’ dol a-null an sin sa mhadainn tràth, dìreach mar gum biodh iad a’ dol do sgoil, uh, aig àm na sgoile ’s bhiodh, bhiodh e ann an shin gu feasgar. Ruigeadh iad dhachaidh airson lunch agus thilleadh iad a-null air ais.

Agus, uh, well an uair sin thàinig mo phiuthar eile. Bha i aig – chrìochnaich i banaltramachd ann an Glaschu, agus dh’fhalbh mo phiuthar a b’ òige. Dh’fhalbh ise a dh’ionnsachadh banaltramachd. Agus, sin mar a bha. Cha bhiodh ann ach, uh, dìreach an triùir againn an uair sin mar bu trice. Ach nuair a thigeadh Gilleasbaig, nuair a thigeadh e dhachaidh air na lathaichean saora às an sgoil bhiodh, bhiodh, bhiomaid ceathrar ann an uair sin.

Bha seann eathar againn. Agus uh, ’s e gu dearbh fhèin, ’s e, ’s e seann lifeboat a bh’ innte. Agus, uh, engine beag innte - ’s e sin an taca ri na h-engines a tha sna h-eathraichean an-diugh – Kelvin engine. Agus thug sinn a-mach leinn an crodh – bha trì mart againn an uair sin ann an sheo – thug sinn iad sin a-mach leinn san eathar, ’s na cearcan, ’s, tha, na caoraich, agus bha sinn uabhasach fortanach, am foghar a chaidh sinn ann. Tha – bha an t-sìde cianail math. Ged nach robh an t-engine ach beag bha seòl againn. Bha seòl againn a bha, bha – bha sin na chuideachadh mòr dhan engine ma bha gaoth ann.

Um, bha sinn, bha sinn, bha sinn toilichte, agus as t-samhradh bhiodh na h-iasgairean a’ tighinn a-mach à Griomasaigh. Bha cuideachd gu leòr againn an uair sin. Uaireannan bhiodh iasgairean a’ tighinn à Paibeil cuideachd. Bha iadsan ag iasgach ghiomach air a’, air a’ chladach aca fhèin. Bhiodh iad a’ tighinn a-mach a chur lìon airson airson lèabagan. Agus thigeadh iad air tìr fhad ’s a bha an lìon an cur. Agus, agus bhiodh iad shuas còmhla rinne ’s na stòraidhean ’s na naidheachdan ma bha naidheachdan a’ dol. Tha, tha e a’ tighinn chum chuimhne an-dràsta. Bha seann wireless againn cuideachd, a thug sinn leinn a-mach. Dh’fheumadh e, tha, - cha robh electricity a’ dol. Ach bha Tilley againn, agus bhiodh an t-seann wireless a bha sin – eh, bhiomaid a’ faighinn na sìde air.

’S e sin an rud a bu riatanaiche dhuinne air sàilleabh far an robh sinn – gu h-àraid a’ tighinn gu tìr. ’S e Paibeil, of course, ’s e an t-àite a b’ fhaisge oirnn, agus bha, bha sin math gu leòr as t-samhradh ach bha – latha gaoithe geamhraidh dh’fheumadh tu a bhith cinnteach gun robh an t-sìde seasmhach, gun robh, gun robh an latha a’ dol a sheasamh mus fhàgadh tu sa mhadainn, thoradh mura h-fhaigheadh tu air ais bha, bha an t-eilean a’ freasdail an dithis bhoireanach a bha thu a’ fàgail, mo mhàthair is mo phiuthar.

Agus uh, bhiomaid a’ tighinn uaireannan air ais a Ghriomasaigh ach bha sin gu math na b’ fhaide bhuainn na Màisgeir – sin agad far an robh sinn a’ dol air tìr airson, eh, ann am Paibeil. A’ coiseachd o Mhàisgeir chun an oifis a’ phuist an Ceann a’ Bhàigh bha dà mhìle agad ri choiseachd. An sin dà mhìle an uair sin air ais a-rithist. Agus an uair sin eadar sia ’s a seachd mile air ais gu Heisgeir. Bhiodh tu dìreach fortanach gum faigheadh tu air ais mus robh i a’ fàs dorcha.

Bha, bha e air a bhith fìor mhath nam biodh am barrachd dhaoine ann. Ach bha ro bheag ann – aon teaghlach ro bheag. Thill sinn air ais a Ghriomasaigh agus bhiomaid a’ dol a-mach a dh’iasgach a Heisgeir mar a b’ àbhaist.

Short url:   http://multidict.net/cs/752