This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Tobar an Dualchais

Tha boireannach òg à Leòdhas a’ gabhail “An Eala air a’ Chuan” – òran a dh’ionnsaich i ann am Beinn na Faoghla le seinneadair ainmeil san t-seann nòs. ’S e a’ Ghàidhlig a tha a’ toirt muinntir nan eilean còmhla.

Tha eireachdas ri fhaicinn sna h-eileanan seo aig àm sam bith den bhliadhna, gu tric air a mheasgachadh le cianalas airson na h-amannan a chaidh seachad. Chìthear cuimhneachain air eachdraidh fhada sa h-uile h-àite. Ach cha toil leis a h-uile duine a bhith a’ smaoineachadh dìreach air na rudan a tha air falbh. ’S fheàrr le cuid a bhith a’ gluasad leis na h-amannan, agus fiù’s a’ cleachdadh an dualchas ann an dòighean ùra a dh’fhaodadh a bhith feumail airson gnìomhachas a thogail.

’S ann ann an Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas a tha fear dhe na h-aonadan airson Tobar an Dualchais stèidhichte. Sna h-oifisean seo thèid obair a dhèanamh gus mìltean de dh’uairean de chlàraidhean tràth a ghlèidheadh de bheul-aithris bho air feadh Alba, le òrain is sgeulachdan às na h-eileanan seo fhèin mar phàirt glè chudromach dhiubh.

Tha tòrr rudan diofraichte ri dhèanamh san obair. Mar fhear dhen luchd-catalogaidh a tha sgapte air feadh na dùthcha bidh Murchadh MacNeacail a’ sgrìobhadh notaichean mu gach trac. Bidh sin a’ gabhail a-steach rudan mar cò chaidh a chlàradh, cuine is càite, cuide ri fiosrachadh mu na tha air. Bidh gach fear-catalogaidh a’ dèiligeadh le cuspair no cuspairean sonraichte – mar phìobaireachd, no sgeulachdan, agus mar sin air adhart.

’S e neach-diodsatachaidh a th’ ann an Catrìona Scott. Tha aice ri seann chlàraidhean a chur ann an cruth ùr, a bhios furasta ri sgaoileadh a-mach tron eadar-lìon. Bidh i a’ dèanamh faidhlichean choimpiutair bho sheann teipichean, gus an tèid aig an luchd-catalogaidh air obair gu furasta air an stuth nan dachaighean fhèin.

’S e pàirt glè chudromach dhen obair clàraidhean a shàbhaladh air seann teipichean a dh’fhaodadh tuiteam às a chèile. Tha tòrr uidheam sonraichte aig an sgioba a leigeas leotha an obair sin a dhèanamh. ’S e obair theignigeach a th’ ann, ach ’s toil le Catrìona na cothroman a tha i a’ faighinn gus seann òrain is sgeulachdan a chluinntinn, gu h-àraidh an fheadhainn às a h-eilean fhèin.

Tha ùidh aig mòran sa phròiseact. Tha Eairdsidh MacAoidh, a tha ag obair airson a’ phàipeir ionadail, airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn. Tha ùidh shonraichte aige san obair theignigeach, agus na cothroman a dh’fhaodadh a bhith na lùib airson barrachd obraichean a thàladh dhan sgìre.

Tha Shona NicDhòmhnaill, manaidsear an aonaid, ga thoirt mun cuairt na h-oifis, agus ag innse dha mu na cànanan ùra air a bheil iad a’ tòiseachadh, leithid Tajik agus Uzbek air clàr a chaidh a dhèanamh ann an Afghanistan. Tha na sgilean a chaidh a leasachadh le stuthan Albannach a-nis gan cur gu feum air sgìrean ùra. Tha Eairdsidh a’ togail dealbh no dhà cuideachd, a thèid leis an artagail.

Tha Shona cuideachd a’ sealltainn do dh’Eairdsidh an stuth a bhios ri fhaotainn air-loidhne. Fhad ’s a tha iad a’ bruidhinn air stuth na sgìre tha an còmhradh a’ tionndadh gu nàdarra gu Gàidhlig. Tha Eairdsidh air a ghlacadh gu mòr le seo. Tha e air a dhòigh air an rathad air ais dhan oifis aige fhèin. ’S e tha toilichte gu bheil deagh sgeul aige mu na cothroman nach saoileadh tu, a thig a-mach à sgilean dà-chànanach.

Short url:   http://multidict.net/cs/753