This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Seòna NicDhòmhnaill

Well, ’s e pròiseict a th’ ann an Tobar an Dualchais a tha ag amas air beagan is dusan mìle uair a thìde de chlàran fuaim a chur gu cruth didseatach an toiseach airson an glèidheadh agus an dìon. Tha iad, cuid dhiubh, gu math sean, uh, a’ tòiseachadh ’s dòcha sna deich thar fhicheadan agus suas gu mu dhà mhìle ’s a còig no mar sin. Agus, uh, an fheadhainn a bu tràithe, dh’fheumar an cur gu cruth didseatach cho luath ’s a ghabhas, thaobh tha iad a’ tòiseachadh, feadhainn aca, air crìonadh ann an diofar dhòighean. Agus, um, son an glèidheadh ’s e sin a’ chiad amas aig a’ phròiseict.

An uair sin tha a’ phròiseict ag amas air nas urrainn dhe na h-uairean a tha sineach a chur air-loidhne airson agus gum faic – uh, gun tig aig daoine air èisteachd riutha, fosgladh suas tasg-lann Sgoil Eòlais na h-Alba, cuid o tasg-lann BBC Ghàidhlig ann an Glaschu, agus cuideachd tha mu dhà – mu cheithir cheud uair a thìde ann de chlàran bho Urras Nàiseanta na h-Alba bho stuth Chanaidh, uh na chruinnich Iain Latharna Caimbeul. Agus tha sinn a’ feuchainn ri nas urrainn dhe sineach a chur air-loidhne son agus gun tig aig daoine air, um, èisteachd riutha. Tha, tha measgachadh mòr ann, eadar sgeulachdan, òrain, dòigh beatha, uh, em, seanfhaclan, tòimhseachain, gach rud, ceòl, ceòl pìoba, ceòl fidheill, ceòl a’ bhocsa, diofar rudan mar sineach. ’S tha sineach air feadh na trì cruinnichidhean a tha sineach.

Agus san obair sin feumaidh sinn a bhith a’ dèanamh catalogue de gach teip. Agus ’s e obair mhòr mhòr a tha sineach. Um, agus tha sineach a’ bristeadh sìos gach teip gu òran, no sgeulachd a-mhàin, no pìos ciùil, agus a’ toirt fiosrachadh air cò tha a’ bruidhinn, no cò tha a’ seinn, cò às a tha iad, ma tha am fiosrachadh sin againn, agus gu dè tha iad a’ dèanamh, ’s tha – dìreach a’ toirt blasad de gach pìos a th’ air gach teip.

Well, tha mise ag obair nam mhanaidsear ann an oifis Uibhist agus, um, tha mise a’ dèanamh cinnteach gu bheil an oifis seo a’ coilionadh na h-amasan a th’ aice, agus ’s e sin – tha sinn a’ digitisadh ann an sheo, agus tha sinn air sin cha mhòr a dhèanamh air fad a-nist ann an Uibhist. Rinn sinn cuid dhen stuth aig Sgoil Eòlais na h-Alba. Rinn sinn na rinn a’ phròiseict de stuth a’ BhBC, ’s rinn sinn faisg air trì cheud uair a thìde airson cruinneachadh aig Iain Latharna Caimbeul cuideachd.

Tha trì oifisean a-mhàin ann. Tha, an oifis anns an Eilean Sgitheanach. ’S ann às an sineach a fhuair sinn gar stiùireadh, agus tha luchd-obrach ann a shin cuideachd a’ dèanamh diofar rudan. Uh, tha an oifis ann an Uibhist a’ dèanamh digitadh – digitisadh, agus cuideachd a’ dèanamh, uh, mar a tha neach-deasachaidh ann an sheo. Agus tha cuidegin a’ tighinn a-staigh a tha a’ dèanamh obair catalogadh cuideachd. ’S an uair sin tha oifis Dhùn Èideann ann - ’s ann ann an shineach a tha, ’s ann a’ digitisadh a tha iad ann an shin. Tha cuideachd manaidsear ann an shineach airson teicneòlas, agus tha cuideachd neach-deasachaidh ann an shin. Agus an uair sin tha na cataloguers ag obair bho na dachannan aca fhèin, ’s tha iad sin sgapte air feadh Alba bho Sealtainn sìos gu Dùn Èideann ’s Glaschu ’s Obar Dheathain ’s na h-Eileanan an Iar ’s a’ Ghàidhealtachd air fad. Agus, um, ged a tha an sgioba air fad caran fad is farsaing tha sinn ag usenicheadh teicneòlas ann an dòigh gu math èifeachdach airson ’s gun tig againn air a bhith a’ còmhradh le chèile gu furasta, gun tig againn air ceanglaichean math a bhith againn eadar, eadar gach duine a tha ag obair sa, sa phròiseict air fad.

Well, tha oifis Uibhist, mar a tha mi air a ràdh, air an obair digitising a bh’ aca ri dhèanamh a choilionadh, agus leis an sin bhiodh an oifis a’ dùnadh aig toiseach dà mhìle ’s a deich. Ach tha sinn ag amas air atharrachadh gu obair coimeirsealta, agus an oifis a chumail a’ dol. Tha daoine air sgilean sònraichte ionnsachadh airson an obair a tha sineach, agus tha sinn air an oifis – uh, innealan inntinneach agus, um, gach, gach rud a dh’fheumadh sinn airson an obair sin a choilionadh againn, agus ’s e call a bhiodh ann nan cailleadh sinn na h-obraichean, ged a bha iad gu tighinn gu crìoch co-dhiù, ach aig an aon àm ’s e call a bhiodh ann na sgilean sin agus na h-innealan a thig againn air na h-uiread a dhèanamh leotha a chall.

Agus mar sineach thòisich sinn ann an dà mhìle ’s a naoi, thòisich sinn air beagan obair a dhèanamh airson, uh, BBC ann an Lunnainn, a’ dèanamh obair digitisadh dhaibhsan, agus a’ coimhead air an e rud a bhiodh ann a bhiodh èifeachdach dhaibhsan nam biodh sinne ga dhèanamh, agus cuideachd a chosnadh airgead dhuinne a thigeadh againn air taic a thoirt do Tobar an Dualchais san fharsaingeachd, le bhith ag obair mar trading arm ann an Uibhist. Agus tha sinn aig an ìre far a bheil sinn dìreach air feuchainn ri taic fhaighinn tro dhiofar bhuidhnean mar Comhairle nan Eilean Siar ’s LEADER Innse-Gall. Agus tha sinn dìreach a’ feitheamh air aonar eile ’s bidh fios againn an tig againn air a dhol air adhart. Tha sinn an dòchas gun tig againn air a dhol air adhart leis an sin, air sàilleabh tha sinn air cùmhnant – tha dà chùmhnant againn mar-thà, agus tha sinn a’ coimhead airson sin a sgaoileadh a-mach sàilleabh tha fhios gu bheil tasg-lann ann an iomadach àite ’s ann an taighean-tasgaidh eadar-dhealaichte air feadh na dùthaich, ’s tha sinn air feuchainn ri, ri beagan obair fhaighinn mar sineach, agus an obair, na sgilean ’s na h-obraichean ann an Uibhist a chumail a’ dol ’s cuideachd taic a thoirt do Tobar an Dualchais airson cumail a’ dol cuideachd.

Short url:   http://multidict.net/cs/754