This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Catrìona Scott

Bidh sinn a’ cur, tha, ruidhlichean, uh, ann an cruth didseatach airson ’s gun gabh e, well airson ’s gun gabh, gabh – gum faod daoine èisteachd ris. Feumaidh sinn an uair sin, tha, a chur ann an – bidh e a’ tighinn a-staigh thugainn ann, well, nuair a bhios mise ga digitisadh feumaidh mi an uair sin a dhèanamh na WAV file, agus an uair sin tha sinn a’ dèanamh sin an uair sin nas lugha airson gum bi e na MP3.

Well, bidh sinn an uair sin ga chur, uh – tha, um, FTP againn far am bi thu ga chur ann am bocsaichean airson cataloguers a tha ag obair a-mach as aonais an oifis a tha seo. Bidh Shona a’ cur, tha, ge air bith dè a tha na daoine sin an sàs ann - ’s dòcha òrain no stòraidhean no ’s dòcha Gàidhlig, Beurla, ge air bith dè bhios ann – tha e a’ dol dha na bocsaichean aig na daoine sin, agus tha iadsan an uair sin ag èisteachd ris, an stuth, agus tha iad a’ dèanamh mar gum biodh summary beag, dìreach caran ag innse dè seòrsa ghnothaichean a th’ air an teip. Agus, uh, bidh iad an uair sin a’ cur sin ann an database airson ’s gun gabh na h-MP3s cur ann an shin an uair sin airson ’s gun gabh iad èisteachd riutha nuair a thig uh – well nuair a chuireas Tobar an Dualchais e air an eadarlìon airson ’s gun cluinn daoine a-mach as aonais seo.

Um, tha mi air tighinn tarsainn air, uh, mo sheanair, agus m’ athair. Cha robh sìon a dh’fhios agam gun robh sin ann mar, man, man, can mo sheanair. Cha robh sìon a dh’fhios agam. Cha, cha robh e – bha, bha mise gun bhreith nuair a, nuair a bhàsaich e, agus bha sin gu math inntinneach dhomhsa. Agus, air tighinn tarsainn air an t-uamhas de dhaoine a bha sinn eòlach air, no a bha mi eòlach air nuair a bha sinn a’ fàs suas agus dìreach ag èisteachd ris a’ ghuth aca air a-rithist gan toirt air ais beò. So chòrd sin rium.

Tha thu ag èisteachd ris an leithid de ghothaichean a thachair o chionn fada, ’s ’s dòcha gnothaichean a bha sinn fhìn a’ cluinntinn mu dheidhinn ach nach do ghabh mòran ùidh ann on a bha sinn ’s dòcha beagan na b’ òige ach, tha, cluinnidh tu stòraidh ’s tu ag ràitinn oh chuala mi siud roimhid, agus tha e a’ toirt ort èisteachd ris an stòraidh air fad. Agus an rud a tha neònach, tha cuimhne agad air an stòraidh ged a bha thu a’ smuaintinn nach robh. Agus tha e dìreach a’ toirt air ais thugad gnothaichean a bhiodh tu a’ cluinntinn. Bhiodh m’ athair ag innse stòraidhean is – ach cha bhiodh sinn ag èisteachd ris, tha mi cinnteach mar a tha a h-uile duine. ’S ann mar as sine a dh’fhàsas tu, ’s ann a bhios tu airson a bhith ag èisteachd ris is do ghnothaichean sin. Ach tha e air a bhith gu math inntinneach. Tha e a’ còrdadh riumsa.

Fhuair sinn trì bliadhna às. Tha na trì bliadhna sin a’ tighinn suas, uh, aig toiseach na h-ath-bhliadhna, agus bhiodh e glè mhath, well bhiodh e uabhasach math nam biodh – gum faiceadh daoine cho cudromach ’s a tha an stuth a tha seo a chumail ’s gum bi e againn. Tha tòrr obair ann, ’s bidh gu leòr obair ann, tha mi cinnteach, cho fad ’s a tha sinn uile an seo. Agus bidh gu bràth. Ach ’s e dìreach airgead. Sin an rud a bhios cudromach airson an obair a chumail a’ dol.

Short url:   http://multidict.net/cs/755