This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Seallam!

’S iad beanntan ainmeil na Hearadh an fheadhainn as àirde sna h-Eileanan Siar, agus tha na tràighean àlainn a cheart cho aithnichte. An luib an eireachdais seo chìthear làmh an duine cuideachd ann am bailtean an siud ’s an seo, gach fear dhiubh le eachdraidh fhèin. Tha an Taobh Tuath mar dhachaigh do ghnìomhachas inntinneach a tha an-sàs ann an seòrsa eachdraidh air leth – sloinntearachd. Agus chan e dìreach sloinntearachd na sgìre fhèin – ach nan Eilean Siar gu lèir agus fiù’s nas fhaide air falbh.

Tha an cuspair a’ tarraing dhaoine, is chan e a-mhàin muinntir na sgìre fhèin, ach cuideachd daoine air feadh an t-saoghail le sinnsirean a bhuineadh dhan àite seo. Tha an t-ionad Seallam! ag amas air frithealadh margaid a tha a’ fàs bhon luchd-turais, le seirbheis farsaing a tha a’ gabhail a-staigh taisbeanaidhean air àrainneachd is dualchas nan eilean. Ged a tha na h-eileanan seo uabhasach fhèin brèagha, chan urrain dhut a bhith cinnteach nach bi buaidh aig an t-sìde air do shaor-làithean. Agus bidh ionad mar seo a’ toirt roghainn eile dhan teaghlach mura bi an t-sìde ro mhath.

Ach ’s e sloinntearachd a tha aig cridhe obair na h-ionaid, le tòrr luchd-tadhail a’ faighneachd cò bhuaithe a thàinig iad, agus ’s dòcha ag iarraidh craobh seanchais a thogail. Bidh daoine a’ tighinn às gach ceàrnaidh, ach gu h-àraid à Ameirigea a Tuath, Astràilia agus New Zealand – duthchannan far an tàinig iomadach eileanach air tìr o chionn fhada. Gu tric ’s ann le faireachdainnean làidir a bhios an cuideachd a’ tilleadh gus faighinn a-mach cò ris a bhuinneas iad.

A bharrachd air àite taisbeanaidh tha bùth san ionaid cuideachd a bhios a’ reic deagh chuid de leabhraichean. Tha sèomar nas lugha ann cuideachd far am faod luchd-ealain is buidhnean coimhearsnachd taisbeanaidhean a chumail. ’S e pròiseact coimhearsnachd a th’ ann an Tapestry na Hearadh a tha a’ toirt sealladh air diofar sgìrean san eilean. ’S ann le làimh a chaidh a dhèanamh, a’ cleachdadh stuthan nàdarra an àite fhèin.

Mar sin, tha Seallam! air a dheagh shuidheachadh am measg lìonraidh de dh’ionadan eile. Tha fiù’s caoraich an Taobh Tuath taingeil airson an rathaid mhòir tro na h-eileanan.

Nas fhaide gu tuath tha ceann a tuath na Hearadh agus Leòdhas, agus rud beag gu deas an t-aiseag a dh’Uibhist agus ceanglaichean le Barraigh agus leis an Eilean Sgitheanach. Anns gach eilean tha am beul-aithris, ged nach eil e cho làidir ’s a bha, fhathast nas treasa na tha ann an iomadach coimhearsnachd air Tir Mòr. ’S e an dòigh sònraichte a bhios daoine sna h-eileanan air an aithneachadh tron t-sloinneadh a thug a’ chiad spionnadh do dh’obair Sheallaim. Tha a shoirbheachas san latha an-diugh a’ sealltainn cho làidir ’s a tha an ùidh a tha againn uile san fheadhainn a thàinig romhainn.

Short url:   http://multidict.net/cs/756