This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Chris Lawson (Eachdraidh is Seirbheisean)

S mise Chris Lawson, agus tha mi às an Rubha ann an Leòdhas, Baile Sheiseadar. Agus tha mi nise a’ fuireach a’s an Taobh Tuath sna Hearadh, far a bheil mi air a bhith bho cionn còrr air fichead bliadhna nise. Tha mi, uh, tha sinn air – thàinig sinn ann an seo bho chionn còrr air fichead bliadhna le gnìomhachas sloinntearachd. Uh, bha an duine agam air a bhith a’ teagasg lagh airson iomadach bliadhna, ach bha e air ùidh mhòr a ghabhail ann an teaghlaichean nan eilean uair a thòisich e a’ tighinn suas ann an seo air lathaichean saora, agus, tha, bha e an dèis cruinneachadh mòr a dhèanamh. Agus smaoinich e – uh, thàinig e gu àm na bheatha, agus smaoinich e, well, feuchaidh mi air an seo, airson, uh, treis a dh’fhaicinn an obraich e, agus bha taigh-sgoile, uh, an taigh-sgoile san Taobh Tuath – bha, bha e – an taigh-sgoile air a dhol falamh. Agus ghabh sinn a-nall an togalach a tha sin. Agus thòisich sinn air a’ ghnìomhachas. Agus man bu mhotha a bha sinn a’ dol air adhart leis,’s ann bu mhotha a bha sinn a’ coimhead, fhios agad, gun gabhadh leasachaidhean a dhèanamh air. Agus, tha, chaidh sinn gu Iomairt nan, nan Eilean – man a bh’ air aig an àm sin – tha, chaidh sinn thuca, agus thuirt sinn seo riutha, agus thòisich sinn a’ stèidheachadh urras aig an àm sin. Agus tha deichnear againn air an urras a tha seo. Uh, agus thòisich sinn a lorg airgead airson togalach a chur suas. Sin man a thachair Seallam!. Agus dh’fhosgail Seallam! ann an, a’s a’ bhliadhna dà mhìle, bho chionn dìreach deich bliadhna – a’ mhìos a tha seo, an t-Iuchair. Agus, tha, seo sinn ann an seo.

An rud as cudromaiche ann an Seallam!, ’s e an obair a tha sinn a’ dèanamh a’ rannsachadh, uh, teaghlaichean nan eilean, muinntir nan eilean, agus a’ toirt seachad seirbheis far a bheil sinn ri dèanamh, uh, sloinntearachd dhaoine ma thig iad thugainn ga iarraidh. Agus tha gu leòr a’ dèanamh sin. Um, sin an rud a th’ aig cridhe a h-uile càil a th’ ann an seo. Ach a thuilleadh air an shin, tha, aon dha na rudan mòr a th’ againn ’s e rùm sa bheil taisbeanaidhean. Agus tha aon thaisbeanadh againn ann an sin fad na side air muinntir nan eilean agus air an àrainneachd. Agus cuideachd a thuilleadh air an shin am bliadhna – tha sinn a’ feuchainn atharrachadh a dhèanamh air na taisbeanaidhean airson tha tòrr luchd-turais a’ tilleadh air ais dha na h-eileanan, agus tha aon thaisbeanadh againn am bliadhna air eilthireachd. Tha taisbeanadh eile againn air eileanan Hiort, agus tha sin air a bhith againn bho chionn suas air ochd bliadhna, airson tha uiread de dh’ùidh aig daoine a’s a’ chuspair a tha sin. Agus tha, a thuilleadh air an shin cuideachd, tha sinn ag reic leabhraichean, an t-uabhas de leabhraichean. Agus tha mi a’ creidsinn gum faod mi ag ràdh gur sinne as motha a tha ag reic de leabhraichean anns na Hearadh an-diugh agus anns a’ chuid mhòr dha na h-eileanan. Tha, tha sinn ag reic, oh, chuir e iongnadh, iongnadh oirnn, tha, na tha daoine a’ ceannach de leabhraichean, rud a tha math dhan an àite-sa, airson feumaidh tu d’ airgead fhèin a thoirt a-steach aon uair ’s gu bheil thu air fosgladh àite dhen t-seòrsa-sa.

Uh, bidh sinn cuideachd ag reic, uh, ceòl. ’S tha sinn ag reic stuth ealain. Uh, bidh, bidh luchd-ealain a’ tighinn a-steach, a’ dèanamh taisbeanaidhean ann an seo cuideachd, agus tha daoine a bhios a’ tarraing dheilbh ’s a’ peantadh . Agus tha gu leòr dhan sin timcheall na Hearadh mar a thuigeas duine. Tha an t-àite uabhasach tarraingeach do dhaoine a tha a’ peantadh is, is a’ togail dheilbh le camara. ’S chan eil duilgheadas sam bith againn. Man as trice ’s ann a dh’fheumas sinn cantainn riutha cuideachd, fhios agad, chan eil – chan urrainn dhuinn ur gabhail am bliadhna airson chan eil rùm againn, ach tha, tha gu leòr dìreach a’ tighinn a-steach, is a’ faighneachd dhuinn, tha, an dèan sinn taisbeanaidhean dhaibh.

Tha an t-uabhas luchd-turais a’ tighinn an seo. Tha, uh, an uiridh, tha mi a’ smaoineachadh gun robh, bha sinn dhan bheachd gun robh, còig mìle deug duine againn. Uh, bha sin, ’s dòcha, mìle no dhà a bharrachd air an àbhaist air sgàth gur e bliadhna gu math sònraichte a bh’ ann an uiridh, a thaobh, na thàinig de, na h-àireamhan a thàinig a-nall dhan na h-eileanan. Chan eil am bliadhna buileach cho trang ri sin, ged a tha tòrr mòr dhaoine againn, agus tha sinn gu math toilichte le na chunnaic sinn am bliadhna.

Ach tha daoine a’ tighinn ann an seo – um, tha mi a’ creidsinn gu bheil timcheall air leth dha na daoine a’ tighinn à Breatann fhèin, às an roinn – à Sasainn a bha, Sasainn gu h-àraid, tòrr Albannaich – agus tòrr de dhaoine a bhuineas dha na h-eileanan fhèin a’ tighinn dhachaidh air lathaichean saora. Ach a thuilleadh air an shin, uh, bho thall thairis, Ameireagaidh, Canada, tòrr Astràilianaich, daoine à New Zealand – um, daoine a’ tighinn à àiteachan iongantach man – tha daoine air a bhith againn à Hawaii, uh, Falklands, Patagonia, suas gu tuath Yukon, dìreach à àite sam bith. Bha daoine againn o chionn ghoirid à eilean beag Norfolk Island anns a’ Phacific. Nis, ciamar a tha na daoine sin, no dè tha gan tarraing an seo? A bheil seallabh agad? Carson a thigeadh tu bho eilean beag gu eilean beag eile?

Aon rud a tha a’ tarraing tòrr dhaoine an seo an-dràsta ’s e eileanan Hiort. Tha, tha tarraing mhòr ann an sin. ’S cuiridh e iongnadh oirnn, fhios agad, na h-àiteachan às a bheil iad a’ tighinn. Tha cuimhne agam, an uiridh – Ameireaganach a thàinig, agus cha d’ fhuair e ann air a’ chiad turas. ’S tha cuimhne agam air a’ cantainn rinn “’S dòcha gum faic sibh mi am bliadhna fhathast”, ’s bha sinn ag ràdh och, fhios agad, a’ tighinn à Ameireagaidh. Tha, thàinig e, an ceann timcheall air ceithir mìosan, ’s chaidh e a-mach a Hiort. So, tha tarraing mhòr ann an Hiort dhaibh, fhios agad, na h-àiteachan iomallach a tha sin. Agus bhon a thathas a’ toirt tòrr aire do Hiort air sgàth gu bheil, gur e àite cho, cho sònraichte a th’ ann a thaobh nadar ’s a, ’s a – tha, tha iad a’ cluinntinn mu dheidhinn.

Bidh muinntir an àite a’ tighinn a-steach, ’s tha iad air a bhith uabhasach taiceil dhuinn bho thòisich sinn air a’ ghnìomhachas. Uh, bidh iad a’ tighinn a-steach – tha, tha beagan de dh’fhaireachdainn ann, saoilidh mi, fhios agad, gur e àite, gu bheil iad a’ sealltainn ris an seo as t-samhradh man – oh, chan eil sin ach àite dham bi luchd-turais a’ tighinn. Ach, fhios agad, man a tha an t-sìde a’ dol air adhart tha iad a’ fàs cleachdte ris – nach ann mar sin a tha cùisean idir, agus bidh sinn a’ cur air cèilidhean ’s òraidean is rudan agus thig iad gu na, gu na rudan sin. Tha, tha, chan eil duilgheadas sam bith againn. ’S tha na sgoiltean cuideachd – uh, bidh a’ chlann a’ tighinn suas, tha, a dh’fhaicinn diofraichte thaisbeanaidhean a th’ againn, no ma bhios iad fhèin a’ dèanamh càil sam bith a tha san sgoil bidh iad a’ tighinn suas ann an sheo airson fiosrachadh fhaighinn.

Short url:   http://multidict.net/cs/757