This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Margarita NicUilleim

’S mise Margarita NicUilleim, agus rugadh mi anns na Hearadh, ann an Cuidhtinis. Dh’fhàg mi nuair a bha mi còig bliadhna, agus nuair a bha mi deiseil dhan sgoil dh’fhalbh mi, um, gu Glasgow School of Art. Agus rinn mi, uh, Ealan. Um, agus an dèidh sin bha mi a’ teagasg ealan ann an sgoiltean, agus bha teaghlach agam cuideachd, agus thog mi an teaghlach cuideachd, agus bha mi an còmhnaidh a’ teagasg, uh, pàirt-ùine. Agus ann an 2001 thàinig mi air ais dha na Hearadh. Agus bha mi a’ teagasg, um, an toiseach ann an Leòdhas, anns na bun-sgoiltean agus aon àrd-sgoil, a’ dèanamh ealan, um, a’ dol timcheall na sgoiltean. Agus bha mi làn-ùine an toiseach, ach chaidh mi pàirt-ùine agus dh’fhosgail mi an gailearaidh seo, um, ceithir bliadhna air ais, agus bha e pàirt-ùine. An dràsta tha e làn-ùine.

Agus, tha, tha mi ag obair gu trang. Um, bidh mi a’ sealltainn an obair agam ann an, uh, àiteachan ann an Leòdhas, mar an ionad ealain, agus Taigh Chearsabhagh ann an, ann an Uist – Uibhist - agus ann uh, ann an Seallam! cuideachd. Um, agus tha rùm beag ann, chan eil rùm mòr ann, ach tha e, eh, glè mhath airson dealbhan a shealltainn. Agus tha sin math airson, um, luchd- um, turais, luchd-turais a tha a’ tighinn dhan eilean. Bidh iad a’ faicinn na càirtean agam, agus na clo-bhualaidhean, agus bidh iad a’ tighinn dhan ghailearaidh agam, agus, um, tha sin math.

Agus an exhibition a tha iad a’ cur, a’ cur anns an, anns an exhibition area mu dheidhinn Hiort, no mu dheidhinn eachdraidh, um, nan daoine – tha sin a’ tarraing tòrr dhaoine. Um tha e cudromach gu bheil fios agam gu bheil freumhan agam, um, anns an àite seo. Agus, um, tha sin, uh, a’ toirt – domhainn, uh, “depth” dhan, dhan obair agam. Um, agus tha e a’ sealltainn, tha mise a’ faireachdainn co-dhiù, anns an obair a tha mi a’ dèanamh – gu bheil mi, gu bheil freumhan agam anns an àite seo.

Um, well, tha mi, tha mi ’n dòchas gum bi, uh, taisbeanadh agam anns an Lùnastal mu dheidhinn Hiort, on bha mi – uh, dh’fhalbh mi a Hiort, uh, an t-samhradh seo, agus bha e glè inntinneach, agus, tha mi ag obair air, um, drawings agus, uh, tha mi an dòchas gum bi exhibition beag agam ann an Seallam! anns an Lùnastal seo.

Short url:   http://multidict.net/cs/758