This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Rannsachadh aig Greenspace

Tha Colaiste a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh air a bhith an sàs ann an cùrsaichean practaigeach airson muinntir nan eilean bhon a thòisich i. Ach beagan bhliadhnaichean air ais thòisich i a’ lìbhrigeadh seirbheisean aig ìre oilthigh cuideachd. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil feum air sealladh nas fharsainge gus cuspairean ùra a rannsachadh agus an toirt gu buill.

’S e fear dhe na h-iomairtean ùra sin pròiseact air a bheil an t-ainm Greenspace. Tha a’ cholaiste a-nis mar dhachaigh do sgioba de luchd-rannsachaidh agus luchd-comhairleachaidh a tha ag obair airson Greenspace Research, a tha a’ sìor-fhàs. Tha iad a’ leasachadh bheachdan ùra mu dheidhinn cumhachd, le cuideam ga chur air mar as urrainnear teicneòlas an eadar-lìn a chleachdadh. ’S e cuspair math a th’ ann oir tha ùidh mhòr air feadh an t-saoghail a-nis ann an sàbhaladh cumhachd agus mar a tha an t-sìde ag atharrachadh.

Tha aon phròiseact ann ris an canar “visualisation wall”. Tha e ag amas air fiosrachadh teicnigeach a shealltainn gu soilleir. Ma chuireas tu fichead scrion cuide ri chèile faodaidh rùm làn dhaoine fhaicinn gu furasta agus bruidhinn mu dheidhinn còmhla. Anns na h-Eileanan Siar tha daoine a’ cur barrachd suim sa chumhachd nàdarra a tha timcheall orra, gu h-àraid neart na gaoithe is na mara. Tha am balla seo a’ leigeil le mapaichean, dealbhan is fiosrachadh a thoirt còmhla ann an dòigh ùr tarraingeach làidir.

Ach tha iomadach pròiseact eile ann cuideachd aig diofar ìrean leasachaidh. Tha Calum Moireach air ceum ann an coimpiutaireachd a thoirt a-mach bho Oilthigh Ghlaschu mar-thà, ach tha e air tilleadh dhachaigh a Steòrnabhagh gus PhD a dhèanamh le Greenspace. Tha e a’ coimhead air dòighean a bhith làimhseachadh fiosrachadh mu chumhachd ann an togalaichean. Tha cothroman air a bhith aige cuideachd a bhith an sàs ann am pròiseactan le buidhnean eile air feadh na Roinn-Eòrpa.

’S e sgioba glè chomasach a tha seo. Bidh iad fiù’s a’ dèanamh bhideoan air-loidhne dhaibh fhèin gus an obair aca a bhrosnachadh agus a shanasachd. Tha an t-eadar-lìon aig cridhe a’ phròiseict. Leigidh e leis an sgioba a bhith a’ conaltradh le luchd-rannsachaidh eile agus le margaidean air feadh an t-saoghail. Tha cuideam ga chur air pròiseactan a chur an gnìomh a sheasadh leotha fhèin. Agus tha iad air companaidh neo-eisimileach a steidheachadh mar-thà, Greenspace Live, a bheir an saothair gu margaid.

Aig an aon àm, tha an ceangal leis a’ cholaiste a’ tarraing sgioba a tha a’ sìor-fhàs de luchd-rannsachaidh is oileanaich. Tha cuspairean is neartan sònraichte aca uile, ach tha iad uile air an aon ràmh – a’ toirt a-mach beachdan is dòighean ùra a fhreagras air dùbhlain àrainneachd na cruinne sna linntean a tha romhainn.

Gu nàdarra, tha iad a’ coimhead gu dluth air cumhachd ath-nuadhachail gu sònraichte. Tha a’ cholaiste an sàs mar-thà ann an deuchainnean cumhachd na grèine agus na gaoithe. Cò shaoileadh o chionn beagan bhliadhnaichean gum faiceamaid an leithid de rannsachaidh a’ dol air adhart ann an coimhearsnachd bheag eileanach? Ach tha latha ùr ann, agus tha a h-uile coltas ann gum bi pròiseactan leithid Greenspace a’ cur ri leasachaidhean taobh a-staigh agus a-muigh cladaichean an eilein fhèin anns an àm ri teachd.

Short url:   http://multidict.net/cs/760