This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Dòmhnall MacRisnidh

Mise Dòmhnall MacRisnidh. Um, tha mi, um, a’ fuireach ann an Leòdhas, ann an sgìre An Rubha. Tha mi an sàs an seo, uh, sa bhuidheann Greenspace a tha a’ toirt sùil air rannsachadh air cumhachd – uh, cò às a tha cumhachd a’ tighinn agus cionnas mar as urrainn dhuinn a chleachdadh.

Well, thòisich am buidheann, uh, ann an seagh, a’ toirt sùil air togalaichean agus cionnas mar as urrainn dhuinn dèanamh togalaichean nas fheàrr, mar eisimpleir – taobh cumhachd agus carbon is rudan dhan t-seòrsa sin. Agus thòisich am proiseact bho chionn dhà no trì bliadhnaichean a’ toirt sùil air softwares ùr a chruthachadh son rudan dhan t-seòrsa sin. Uh, agus tha sinn air dèanamh sin, agus tha sinn a-nis a’ leudachadh a-mach, a’ toirt sùil air rudan, uh, sùil air rudan eile, um, cumhachd na mara is gnothaichean dhan t-seòrsa sin. Tha sinn a’ fuireach – anns a bheil sinn a’ fuireach – sna h-eileanan a tha seo, ’s ann an seo a tha an cumhachd, tha mi a’ smaoineachadh, sna bliadhnaichean a tha a’ tighinn, agus feumaidh sinn sgilean ionnsachadh dhuinn fhìn, a bheireas, bheireas cothrom dha na, na h-oileanaich againn fhìn, um, cleachdadh na sgilean a tha sin.

Well, tha plana, tha plana ann airson UHI, plana mòr airson an oilthigh, oilthigh na Gàidhealtachd ’s na h-Eileanan a chruthachadh agus a stèidheachadh ceart, agus tha a’ cholaiste seo mar phàirt dhan sin. Agus tha an colaiste seo a’ toirt dhuinn taic mar bhuidheann rannsachaidh taobh a-staigh a’ cholaiste fhèin airson gluasad air adhart air obair rannsachaidh. Tha sin a’ toirt cothrom dha muinntir na h-eileanan fhèin a thighinn air ais dha na h-eileanan airson degrees eile a dhèanamh, uh, agus cuideachd cleachdadh na sgilean a th’ aca taobh rannsachaidh, air sgàth ann an oilthigh sam bith feumaidh buidheann rannsachaidh a bhith ann, agus rannsachadh làidir a bhith ann, agus tha sinne, man a chanadh, a’ cruthachadh capacity, mar a chanadh tu, uh, sna h-eileanan a tha seo airson sin a dhèanamh.

Tha mi a’ smaoineachadh aig deireadh an latha ma tha rannsachadh a’ dol air adhart, um, gum feumadh pàirt dhan rannsachadh a thoirt a-mach dhan mhargaid, cha mhòr, agus, agus companaidh a stèidheachadh, agus tha sinn air stèidheachadh companaidh beag mar-thà, a’ toirt na softwares dhan deach a chleachdadh airson togalaichean a-mach dhan mhargaid, agus tha a-nise an t-uallach oirnn sin, sin a reic, uh, feadh, feadh Breatann ’s feadh an t-saoghail, dh’fhaodadh tu a ràdh. Um, agus cuideachd, leis an t-seòrsa rannsachaidh a tha a’ dol air adhart tha sinn a’ dèanamh ceangalan le companaidhean mòra cuideachd, tha mi an dòchas sna bliadhnaichean a tha a’ tighinn, air sgàth cha bhi grantaichean ann, ’s mathaid, agus feumaidh sinn a bhith an lùib, um, buidhnean agus businesses eile airson, uh, gluasad, gluasad, um, na h-agendas a th’ acasan agus gluasad an agenda a th’ againne - ’s e sin airson stèidheachadh buidheann làidir, um, anns a’ – taobh a-staigh an oilthigh.

Tha mi a’ smaoineachadh – an rud a tha sinn a’ dèanamh, tarsainn an eadar-lìon – gu bheil e a’ toirt dhuinn cothroman mòr, tha mi a’ smaoineachdainn. ’S e gnothach an eadar-lìon a bheir, a bheireas dhuinn, tha mi a’ smaoineachdainn, uh, obraichean sna bliadhnaichean a tha a’ tighinn. Tha sinn fhathast air falbh, pìos air falbh bhon mhargaid, ach mas urrainn dhuinn cleachdadh an eadar-lìon anns an dòigh ceart tha mi a’ smaoineachadh gum faigh sinn chun na, chun na customers a tha sinn a’ lorg ann an sin. Agus cuideachd ’s e cumail oirnn a’ lorg dòighean ùr seo a dhèanamh. Thòisich an rud às ùr, agus tha sinn – feumaidh sinn ùrachadh, uh, gach, gach bliadhna ’s gach seachdain, cha mhòr, airson, uh, rudan, rudan ùr a dhèanamh, dòighean ùr a lorg, uh, agus, agus cumail an rannsachadh sin a’ dol, toirt an obair sin chun mhargaid, agus cleachdadh sin anns an t-saoghal mhòr, tha mi a’ smaoineachadh. ’S e sin, sin, sin am model a th’ againn.

Tha oileanaich is òigridh gu leòr sna h-eileanan a tha seo a’ fàgail na h-eileanan, ’s chan eil iad a’ tilleadh an seo. Carson nach eil iad a’ tilleadh an seo? Chan eil cothroman aca. Well, tha cothroman – tha sinn a’ feuchainn ri stèidheachadh cothroman an seo. Bu chòir na cothroman sin a leudachadh a-mach feadh na h-eileanan, mar eisimpleir. Taobh a’ bhusiness fhèin tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sinn a’ lorg business, uh, a thèid a-mach agus a bheir sùil air an t-saoghal mòr, tha mi a’ smaoineachdainn, agus a’ toirt rudan làidir a th’ againn chun mhargaid, uh, airson atharrachadh taobh an àrainneachd, taobh carbon lughdachadh, uh, agus, agus, cuideachadh an agenda mhòr a tha, a tha air ar beulaibh, tha mi a’ smaoineachdainn.

Well, tha sinn mar-thà – tha, tha, na, na tools a th’ againn a-muigh. Tha iad a-muigh, air, air an eadar-lìon. Tha iad air, fhathast – tha iad air an cleachdadh le companaidhean mòr an-dràsta, uh, mar free trials airson cothrom a thoirt do dhaoine an cleachdadh, agus feumaidh ceangal a bhith ann eadar, uh, eadar an dòigh a tha sinne a’ dealbhachadh na tools a tha sin, agus dè an t-iarrtas a th’ ann muigh sa mhargaid. Agus feumaidh na ceangalan, tha sin, a dhèanamh nas làidir gus an tuig sinn dè tha a dhith air daoine. Ach aig an ìre a tha seo, uh, fiosrachadh a tha a’ tighinn air ais thugainn, ’s e gu bheil sinn a’ dèanamh an rud ceart. Tha sinn ag atharrachadh an rud a tha sinn a’ dèanamh, ach aig deireadh an latha, tha, ’s e tide a dh’innseas. Tha mi gu math dòchasach gu, gun dèan sinn adhartas, agus, gun toir sinn an companaidh a tha seo air adhart.

Short url:   http://multidict.net/cs/761