This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Dòmhnall Dòmhnallach

Uh, is mise Dòmhnall Dòmhnallach. Uh, tha mi a’ fuireach air A’ Bhac ann an Leòdhas, agus tha mi ag obair aig Greenspace dà latha san t-seachdain. Um, ’s e consultant a th’ annam. Tha mi dìreach, uh, an seo pàirt, pàirt ùine.

Tha mi ag obair, uh, le coimpiutairean. ’S e programmer a th’ annam, agus tha mi ag obair aig Greenspace gu h-àraid an-dràsta le rud ris an can iad, uh, “visualisation wall”, no balla far a bheil coimpiutairean, còig coimpiutairean, agus tha iad ceangailte ri chèile le fichead monitor, agus tha na monitoran sin a’ sealltainn dealbhan, uh, ann an dòigh uabhasach fhèin mòr. Tha, tha iad a’ toirt suas balla gu lèir, agus tha na dealbhan – tha sinn a’ faighinn a-mach bho obair saidheans a tha a’ dol air adhart aig Greenspace, tha sinn gan cur air a’ bhalla seo ann an dòigh anns an urrainn tòrr daoine thighinn còmhla timcheall a’ bhalla, agus a bhith a’ coimhead air na rudan, agus tha sin a’ toirt, ’s dòcha, solas no beachd ùr air an fhiosrachadh a tha luchd-saidheans, uh, a’ toirt ri chèile.

Na dealbhan a th’ againn an-dràsta – tha companaidhean a’ tighinn thugainn, um, a tha co-cheangailte ri, ri, uh, gnìomhachas ath-nuadhachail – uh, tha iad a’ feuchainn ri, um, luach a tharraing a-mach às, uh, a’ mhuir, is a’ ghaoth, ’s às a’ ghrian, uh, timcheall na h-eileanan a tha seo far a bheil tòrr dhan sin ri fhaighinn. Agus tha iad ag iarraidh faighinn a-mach dè a b’ urrainn dhuinne, an fhiosrachadh a bh’ againn an seo, agus dè a b’ urrainn dhuinn a thoirt chun, dhan phròiseact a bha sin, agus bha sinn a’ cur air a’ bhalla tòrr fiosrachadh co-cheangailte ris cho làidir ’s a tha a’ ghaoth aig muir, uh, man a tha an làn a’ dol a-mach is a-steach, càite bheil e làidir, gu sònraichte làidir, um cuideachd cho domhain no eu-domhain a tha grunnd na mara agus cò ris a tha e coltach, uh rudan dhan t-seòrsa sin, agus bha e comasach dhuinn a thoirt còmhla air a bhalla ann an dòigh ’s am b’ urrainn tòrr dhaoine thighinn còmhla agus faicinn, agus sin dearbh an amas a th’ againn airson a’ bhalla, agus bha e math fhaicinn ag obair anns an dòigh sin.

Tha e uabhasach fhèin math a bhith ag obair ann an Steòrnabhagh. Tha e a’ toirt togail dhomh nuair a tha mi a’ dol a-mach, gu h-àraid as t-samhradh, ach cuideachd anns a’ gheamhradh. Uh, tha mi a’ faicinn – far a bheil sinn an seo tha craobhan timcheall oirnn, tha e uaine, tha e brèagha, tha e fosgailte cuideachd. Agus nuair a tha mi a’ tighinn a-steach a h-uile madainn tha, tha an commute a th’ agam – tha e uabhasach fhèin tlachdmhor gu – bha mi treiseag a’ fuireach ann an Glaschu agus, uh, chan eil coimeas ann eadar Glaschu agus tighinn a-steach an seo. Uh, bha mi a’ tighinn a-steach air, air bike nuair a bha tìde mhath againn, agus gu dearbh tha e a’ còrdadh rium. Tha mi taingeil gu bheil leithid de dh’àite ann far an urrainn dhomh a bhith ag obair.

Aig aon àm bhitheadh seo ro fhada air falbh, ach bho thàinig an eadar-lìon tha sin gu tur air atharrachadh. Um, tha e comasach dhuinn na pàipearan saidheans a tha air an clo-bhualadh fhaighinn air an eadar-lìon cho, cho luath ’s a thèid an clo-bhualadh ann an àite sam bith air feadh an t-saoghail. Um, tha e comasach dhuinn a bhith a’ bruidhinn ri daoine le cleachdadh rudan mar skype, uh video air an eadar-lìon. Uh, tha post-dealain againn, um, rudan dhan t-seòrsa sin. Chan eil thu a’ faireachdainn gu bheil thu fada air falbh bho daoine eile a-nis. Tha thu a’ faireachdainn gu bheil thu ann an càirdeas dluth le luchd-saidheans air feadh oilthigh na Gàidhealtachd agus gu dearbh, um, oilthighean ann an Glaschu ’s Dùn Èideann far a bheil sinn a’ dèanamh tòrr còmhraidhean.

Well, bho thòisich mise ag obair aig Greenspace an seo ’s e, uh, dìreach dithis a bha ag obair an seo, agus dhà no thrì dhaoine eile a’ tighinn a-mach is a-steach. Nis, tha fichead neach ann, agus tha sin uabhasach fhèin math gu bheil daoine a’ faighinn cothrom obair an seo. Tha e a’ toirt obraichean – mura b’ e Greenspace cha bhiodh na daoine seo ag obair air an eilean seo. Uh, chan eil obair eile dhan t-seòrsa seo ann anns an àite seo, agus tha mi an dòchas, uh, gum bi seo na bhunait agus gu dearbh gun urrainn dhaibh a thogail air – na h-àireamhan a th’ aca a chumail, agus gu dearbh an leudachadh agus am meudachadh a-mach anns na bliadhnaichean a’ dol air adhart.

Short url:   http://multidict.net/cs/762