This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Eairdsidh Caimbeul

PM: Fàilt’ ort Eairdsidh agus tapadh leat airson bruidhinn rium an-diugh.

EC:  ’S e do bheatha.

PM:  An toiseach ma-thà, cò leis thu?

EC:  Ceart, uill air taobh m’ athar niste ,’s e Eairdsidh Chaluim Dhòmhnaill  Chaluim Bhig no Eairdsidh Chaluim Dhòmhnaill Sgeuair, sin a bh’ air taobh m’ athar , agus air taobh mo mhàthar ’s e Eairdsidh Chathie Eardsidh Mhòir a th’ orm, agus thàinig mo sheanair air taobh mo mhàthar à Hogha Gearraidh ann an Uibhist a Tuath, ach fhuair e taigh uaireigin ann am Beinn na Faoghla, bha e a’ coimhead às dèidh taigh-eaglaise uaireigin, ’s e taigh-coinneimh a bh’ ann agus bha esan a’ coimhead às a dhèidh, agus mar sin fhuair e taigh ann an Gramasdal, sin mar a bha esan ann am Beinn na Faoghla co-dhiù.

Thàinig mo sheanmhair an taobh eile, tha mi a’ creidsinn gur ann à Uibhist a Deas a thàinig iad…bho.. uair no uaireigin, ach bha iad a’ fuireach ann am Grìminis ann an Beinn na Faoghla an toiseach, teaghlach mòr mòr, agus an uair sin thog e taigh ann am Baile a’ Mhanaich.   

PM: Seadh, agus do phàrantan?

EC:  Uill, ’s e m’ athair…chaochail e aig aois gu math òg gu mì-fhortanach ann an tubaist a bha gu math…cha robh e ach fichead ’s a h-ochd bliadhna a dh’aois nuair a chaochail e, agus, ach…uill…mar a bha gu leòr eile, bha e greis bheag anns an arm ‘National Service’ no mar sin agus bha e ag obair a-null ’s a-nall…phòs e fhèin agus mo mhàthair ann am Peairt. Bha esan ag obair ann an Killin aig an ‘dam’  aig an àm sin, agus bha mo mhàthair a’ dèanamh… ag obair ann am muileann ‘jute’ ann an Stanley a-mach à Peairt, agus ag obair anns na taighean-òsta ann am Peairt cuideachd, agus thill iad dhachaigh an uair sin le planaichean aca airson rudan a dhèanamh aig an taigh, ach uill, thachair mar a thachair agus sin mar a bha e.

PM: Agus càite an deach thu dhan sgoil?

EC:  Chaidh mi dhan bhun-sgoil an toiseach ann am Baile a’ Mhanaich ann am Beinn na Faoghla, agus an uair sin fhuair sinn…thog mo mhàthair…bha sinn…rud a bh’ ann, bha sinn ùine a’ fuireach mar gum biodh anns an aon taigh còmhla ri piuthar m’ athar agus an duine aice agus mo dhà sheanmhair, uile san taigh còmhla mar gum biodh, agus bha mo mhàthair ag iarraidh taigh dhi fhèin gu nàdarra agus bha croit aig an teaghlach ann an Gramasdal, dìreach mu dà mhìle gu leth à Baile a’ Mhanaich agus thog i taigh an teaghlaich ann an sin.  

PM:  Seadh, agus tha mi creids’ gun robh gu leòr de charactairean ann an uair sin ann am Beinn na Faoghla, an robh?

EC:  Is cinnteach bha an t-àite loma-làn caractaran, agus ’s e call a th’ ann gu bheil iad a’ bàsachadh mean air mhean, ach tha cuimhne ’am…tha deagh chuimhne agam air daoine gu math coibhneil timcheall oirnn nuair a bha sinn òg, agus daoine a bhiodh a’ tadhal a-staigh oirnn, bha an còmhnaidh feadhainn a’ tadhal a-staigh oirnn, far an robh sinn ann an sin. Air adhbhar air choireigin bha…bhiodh tòrr daoine a’ dol air ais ’s air adhart ’s dòcha bhon bhùth…agus cuideachd bha bàr an sineach thall ig campa nan saighdearan, agus bhiodh, dh’fhaoidte gum biodh daoine an dèidh drama no dhà a ghabhail, bhiodh iad a’ landadh againne anns an taigh, so bha iomadach caractar ann. Ach bidh cuimhn’  ’am fhathast air feadhainn mar Anndra Nicolson à Griomasaigh a bhiodh a’ tadhal oirnn…uill gu h-àraid aig àm na Bliadhn’ Ùire, agus dh’fhanadh e làithean mar gum biodh, cha robh e…agus, och, daoine eile mar Fearchar Beag agus a bhràthair agus a phiuthar is Niall Ailein. Sin feadhainn a bha air a bhith anns a’ chiad chogadh, tòrr mòrr dhiubh, agus cha bhiodh iad ag innse mòran mu dheidhinn, ach bha iad ann. Tha fhios ’am gur e gaisgeach a bh’ ann an Niall, fhuair e bonn son a ghaisgeachd aig àm a’ chogaidh, nuair a chuir e às de ‘machine gun’ Gearmailteach leis fhèin mar gum biodh. Ach cha bhiodh e a’ bruidhinn air leithid sineach, ma ’s math mo chuimhne ’s e dìreach…dìreach bodach coibhneil, socair a bh’ ann.

PM:  Agus an e taigh ceòlmhor a bh’ agaibh?

EC:  Cha chanainn gun robh e buileach ceòlmhor san dòigh sin. Bha m’ athair nach m’ aireann gun teagamh, bha e na phìobaire nuair a bha e san arm, agus bha e cuideachd ag ionnsachadh a’ bhocsa, ach chaochail e mar a thuirt mi. Ach tha mi cinnteach a thaobh ceòl, gur e dìreach a bhith ag èisteachd ris an ‘Radiogram’ mar gum biodh, is an ‘record player’ agus ag èisteachd ri Jim Reeves agus na daoine sineach, agus na Charley Prides agus feadhainn mar sineach. Ach chan eil cuimhn’ ’am gun robh mòran seinn no eile a’ dol.

PM:  Agus ciamar a bha na làithean-sgoile agad ann am Beinn na Faoghla?

EC:  Tha mi a’ smaoineachadh gun robh iad…gun robh mi sona gu leòr son a’ mhòrchuid. Mar a thuirt mi, bha mi a’ chiad ceithir bliadhna ann am Baile a’ Mhanaich, agus ’s e sgoil iongantach a bh’ ann ann an dòigh, bha measgachadh ann de chlann bho Baile a’ Mhanaich fhèin agus An Àird, na sgìrean timcheall Baile a’ Mhanaich, co-dhiù an taobh an iar, deas dheth. Bha cuideachd clann nan saighdearan anns an sgoil cuideachd mar gum biodh, feadhainn aca air a bhith air feadh an t-saoghail mar gum biodh, feadhainn ’s dòcha gun robh iad sa Ghearmailt mus tàinig iad a dh’Uibhist, agus mar sin bha cothrom ann a bhith a’ measgachadh le clann bho dhiofar shuidheachaidhean, bho diofar saoghal.

PM:  Agus ciamar a bha an dà bhuidheann a’ faighinn air adhart le chèile?

EC:  Chanainnsa gun robh…ma ’s math mo chuimhne gun robh gnothaichean ceart gu…tha mi cinnteach bho àm gu àm gum biodh daoine a’ dol a-mach air a chèile ach bhiodh co-dhiù, ge bith cò bhiodh ann. Ach chan eil cuimhn’  ’am gun robh aimhreit sam bith eadarainn agus tha cuimhne ’am a bhith anns na taighean aig…aig a’ chlann seo, taighean nam pàrantan, tha cuimhn’ agam…you know, bhiodh pàrtaidhean air co-là breith agus rudan mar sineach. So, tha mi a’ smaoineachadh gun robh iad…gun robh iad…tha mi a’ smaoineachadh aig an àm sin co-dhiù gun robh iad caran dlùth ris a’ choimhearsnachd. Bhiodh cuideachd…bhiodh cuid de na saighdearan bhiodh iad…agus cuideachd an fheadhainn anns an ‘Air Force’ a’ pòsadh bhoireannaich às an eilean. Phòs piuthar m’ athar fear a bha anns an ‘Air Force’ ann am Beinn na Faoghla. So, bha e cumanta sin tachairt.

PM:  Agus an uair sin, càite an deach thu dhan àrd-sgoil?

EC:  Uill, bha gnothaichean car ùpraideach aig an àm sin, bha sinn dìreach mar gum biodh ag atharrachadh bhon a bhith ann an Comhairle Inbhir Nis gu bhith ann an Comhairle nan Eilean, agus ’s e am plana a bh’ agam a dhol dhan Ghearasdan mar a chaidh mo bhràthair, agus bha mi rud beag farmadach nuair nach d’ fhuair mi cothrom a dhol ann, bhiodh e ag innse stòiridhean dhomh mun Ghearasdan an sin, ach b’ fheudar dhuinn a dhol dhan sgoil ann an Uibhist fhèin, ‘comprehensive’. Agus cuideachd, tha cuimhne’  ’am cuideachd nuair a chuireadh às den ’11 Plus’ a’ bhliadhna sin cuideachd, ach, so co-dhiù chaidh mi dhan sgoil an Iochdair ann an Uibhist a Deas dà bhliadhna, agus an uair sin b’ fheudar dhuinn taghadh eadar sgoil Dhalabroig no sgoil Cheann a’ Bhàigh airson ‘O grades’ a dhèanamh. Agus an uairsin, nam biodh tu ag iarraidh ‘Highers’ a dhèanamh bha agad ri dhol a Steòrnabhagh, so sin a rinn mi. Chaidh mi a Steòrnabhagh an dèidh a bhith ann an Ceann a’ Bhàigh. 

PM:  Chuir thu seachad dà bhliadhna ann an Steòrnabhagh a-rèist.

EC:  Dà bhliadhna an Steòrnabhagh, tha sin ceart.

PM:  Agus ciamar a chòrd Steòrnabhagh riut?

EC:  Feumaidh mi a ràdh gun do chòrd math, bha mi gu math gu math òg aig an àm, is bha e rudeigin diofraichte bhon a bhith an Uibhist, a bhith ann an sgoil mhòr mar sineach. Agus cuideachd sgoil ri…ri…cuideachd èideadh-sgoile ann cuideachd, cha robh sin againn ann an Uibhist ach ann an Steòrnabhagh bha…bha…chan e gum feumadh tu an rud, ach dh’fhaodadh tu taidh a chur ort agus seacaid spaideil, rudan mar sin. So bha e rud beag annasach san dòigh sin.

PM:  Agus an robh beachd agad idir dè bha thu ag iarraidh a dhèanamh an uair sin?

EC:  Tha mi a’ smaointinn nuair a tha thu nad bhalach òg gu bheil iomadach rud…tha thu a’ smaointinn gum faodadh tu rud sam bith a dhèanamh mar gum biodh, ach tha mi a’ smaoineachadh gun robh…gun robh…bha mi ag iarraidh obair le daoine air dòigh air choireigin tha mi a’ smaoineachadh. Ach bha tòrr rudan air m’ inntinn nuair a bha mi na b’ òige an sineach, agus thàinig…bha beagan ùidh agam cuideachd a bhith ’s dòcha anns an arm no an ‘Air Force’, rudan mar sin. Tha mi a’ smaointinn gu bheil balaich co-dhiù a’ dol tro ùine far am bi ùidh aca ann an rudan mar sineach. Is tha cuimhn’ ’am cuideachd gun robh mi anns na ‘Cadets’ an Airm, agus tha mi cinnteach gum biodh an fheadhainn os ar cionn feuchainn ri ar brosnachadh ann an dòigh gus a dhol dhan Arm. Chanadh iad nach robh, ach tha mi a’ smaoineachadh gun robh car de ‘agenda’ aca son a bhith a’ trusadh shaighdearan cuideachd. Ach, ach bha sin fhèin math…’s e cothrom a bh’ ann faighinn air falbh gu àiteachan eile agus bha mi aig campaichean ann an Sasann, ann an Scarborough, Staffordshire agus Dùn Èideann, so ’s e cothrom a bh’ ann, agus cuideachd coinneachadh ri…ri gillean bho àiteachan eile, mar Leòdhas,agus Inbhir Nis agus Siorrachd Rois agus mar sin.

PM:  Agus an e ‘shot’ math a bh’ annad?

EC:   Bha, bha mi glè mhath le gunna feumaidh mi ràdh, bha, bha…car cuimseach le gunna, aidh.

PM:  Agus às dèidh dhut an àrd-sgoil fhàgail, dè an ath-cheum a ghabh thu?

EC:  Uill, bha mi…tha mi a’ creidsinn gun robh…mar a bha gu leòr, cha robh mi buileach cinnteach dè bha mi ag iarraidh a dhèanamh, ach uill, ag amas ann an dòigh air foghlam àrd-ìre air choireigin a dhèanamh. Sin an coltas a bh’ ann uaireigin co-dhiù. Bha mi den bheachd a dhol dhan oilthigh ach cha d’ fhuair mi na ‘grades’ a bha a dhìth orm, ach bha sanasan airson cùrsaichean anns a’ phàipear, agus chuir mi a-staigh airson cùrsa ann an obair sòisealta…obair shòisealta…ann an colaiste…ann an Robert Gordons ann an Obar Dheathain, agus chaidh mi sin airson greis co-dhiù.

PM:  Agus ciamar a chòrd Obar Dheathain riut?

EC:  Tha mi a’ smaointinn gun do chòrd e glè mhath rium, ’s dòcha gun do chòrd e ’s dòcha rud beag ro mhath uaireannan, ’s dòcha gum faodainn a bhith air barrachd obair a dhèanamh mar gum biodh, bha mi òg agus rud beag gòrach tha mi a’ smaointinn. Ach, feumaidh mi a ràdh gun do chòrd am baile agus an sgìre glè mhath rium, tha mi fhathast measail air an sgìre timcheall air Obar Dheathain. Chan eil mi ann tric, ach bha mi a-riamh a’ minigeadh beagan a bharrachd ùine a chur seachad…bha mi ann a-bhòn-uiridh son seachdain agus chòrd e rium a bhith timcheall air Portsoy agus na h-aiteachan sin.

PM:  Agus às dèidh sin, càite an deach thu? Dè rinn thu?

EC:  Uill, cha deach gnothaichean cho math dhomh sa cholaiste, agus chuireadh crìoch air mo chùrsa ann, ach co-dhiù ’s e buille a bha sin ’s dòcha airson ùine ghoirid, ach chuir mi romham gum faighinn ceum air dòigh air choireigin agus chuir mi a-staigh airson ceum leis an ‘Open University’ mar a chanas iad, agus obraichean thall ’s a-bhos agus…ach cheumnaich mi bhuapasan an ceann bliadhna, no o chionn dà bhliadhna às dèidh a’ cholaiste fhàgail. 

PM:  Math dha-rìribh, agus dè an uair sin a rinn thu le do cheum?

EC:  Uill, mar gum biodh… bha mi a’ coimhead son obair an dèidh dhomh tilleadh dhachaigh agus bha obair a’ dol ag obair le buidheann Gàidhlig ‘Comhairle nan Sgoiltean Àraich’. Dìreach pàirt-ùine a bh’ ann, tha mi a’ smaoineachadh gun tug e dhomh blas de dh’obair le òigridh agus sineach, agus co-dhiù an dèidh dà mhiòs a bhith ag obair aig an taigh pàirt-ùine, fhuair mi cothrom a dhol a dh’obair làn-thìde air tìr-mòr agus uill, bha mi gu math deònach sin a dhèanamh, ’s e deagh chothrom a bh’ ann, agus bha mi ag obair a-mach à Inbhir Nis ach a’ siubhal air feadh Loch Abair is Àird nam Murchain is Earra Ghàidheil agus na h-eileanan agus cuideachd Glaschu agus cuideachd Siorrachd Tatha cuideachd, sin àiteachan Dùn Deagh is Peairt is Obar Pheallaidh agus mar sin. So, ’s e deagh chothrom a bh’ ann a bhith a’ cur seachad ùine ann an diofar àiteachan. Tha mi cinnteach mura bithinn ag obair cha bhithinn air cothrom fhaighinn a dhol gu àiteachan mar Thiriodh no na h-eileanan a-staigh mar gun canadh iad, is thachair mi ri tòrr dhaoine gu math gasta anns na sgirean an sineach.   

PM:  Agus an ann a’ feuchainn ri sgoiltean-àraich fhaighinn a dhol a bha thu an uair sin?

EC:  Sin pàirt den rud mar gum biodh, bha thu a’ feuchainn ri daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ cur sgoiltean-àraich air bhonn, mar gum biodh a’ toirt taic dhaibh le togail airgead, is dèanamh cinnteach gum biodh iad a’ faighinn trèanadh agus rudan mar sin, agus dìreach a bhith cinnteach gun robh iad ag obair gu ìre, tha mi a’ creidsinn. Ach chòrd sin rium gu mòr gu dearbh, agus tha mi toilichte gun tug mi beagan brosnachaidh ann an diofar sgìrean agus an uair sin bhiodh iarrtas ann airson foghlam aig ìre a’ bhun-sgoile, agus tha fhios ’am gun do thachair sineach ann an Àird nam Murchain, gun robh…gun tàinig pàrantan còmhla an toiseach son cròileagan a chur air bhonn, ach an uair sin bha iarrtas ann airson…airson an ath-cheum mar gum biodh, agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh ’s dòcha pàirt bheag air choireigin agam ann am pàrantan a thoirt còmhla. Cha robh gnothaichean air a bhith cho soirbheachail anns an sgìre ron sin, agus bha fear gu math làidir brosnachail anns an sgìre, Comhairliche Mìcheal Foxley, Dotair Foxley a bh’ ann, agus bha e gu math làidir a thaobh na Gàidhlig agus bha e ag iarraidh gun bitheamaid a’ dèanamh obair anns an sgìre, agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh…bha mi gu math toilichte nuair a fhuair mi pàrantan còmhla, airson bhiodh Mìcheal gad bhruthadh mura biodh!

PM: Agus dè cho fada ’s a bha thu ris an obair sin?

EC:  Bha mi sineach rudeigin timcheall air dà bhliadhna uile gu lèir, rud beagan is dà bhliadhna tha mi a’ smaoineachadh, agus an uair sin thàinig gnothaichean gu crìoch co-dhiù agus chaidh mi dhachaigh an uair sin, cha robh…cha robh dùil agam a bhith a’ fuireach a-staigh ach dìreach mar a thachras gun tàinig obair am bàrr, cha robh dùil agam ri fhaighinn ach fhuair mi e…gun dùil agad ri fhaighinn mar gum biodh. Agus, bha dùil  ’am a-rithist ’s dòcha ùine… ’s dòcha dà bhliadhna a dhèanamh ach chaidh an ùine seachad agus bha mi ann còrr is deich bliadhna ag obair Ionad Comhairleachaidh no Advice ‘Citizen’s Advice Bureau’ agus…ach bha sin fhèin, ’s e obair inntinneach a bh’ ann ann an iomadach dòigh, ach gu h-àraid a bhith ag obair le daoine mar gum biodh, bhithinn a’ dol a-mach gu math…well.. ’s dòcha latha san t-seachdain co-dhiù, bha an latha air a chur air leth son dol a-mach gu daoine nach b’ urrainn tighinn…no daoine co-dhiù a chanadh nach b’ urrainn dhaibh tighinn. Tha mi cinnteach gun robh feadhainn ann…gum biodh iad comasach gu leòr air tighinn co-dhiù, ach cha robh mi cho cruaidh san dòigh sin ach...bha e cuideachd math a bhith a’ faighinn beagan ‘profile’ ann an diofar sgìrean co-dhiù, gun a bhith nad shuidhe anns an oifis fad na h-ùine.    

PM: Agus dè an sgìre a bh’ agad…a bha thu a’ frithealadh? 

EC:  Uill, bha e eadar Beàrnaraigh is Èirisgeigh.


PM:
Agus bha gu leòr ann a chumadh a’ dol thu ann an sin, an robh?

EC:  Bha, bha rudan ann, gu h-àraid rudan mu dheidhinn airgead…cuideachadh son daoine a bha ’s dòcha ciorramach ann an dòigh sam bith, daoine a bha ann am fiachan, is mar sineach, is dìreach rud sam bith mar gum biodh, bha e gu math farsaing, b’ urrainn dhuinn comhairle a thoirt air rud sam bith mar gum biodh. Bha deagh fhiosrachadh againn, bha siostam againn is bha sinn ga ùrachadh fad, fad na h-ùine is gum biodh e mionaideach agus gum biodh e ceart. Agus cuideachd nam biodh feum aig cuideigin can air taic bho neach-lagha, bha ceangal againn ri…ri sin cuideachd. Dh’fhaodamaid cuideigin fhaighinn a-staigh airson am fiosrachadh ’s dòcha nas mionaidiche agus nas doimhne a thoirt dhaibh. No, nam biodh feum aca a dhol gu ‘tribunal’, bha mise…uill, rinn mise mi fhìn cùrsa airson riochdachadh dhaoine aig ‘tribunals’, ach airson rudeigin mar cuideigin a chailleadh an dreuchd mar gum biodh, bha sin car mionaideach buileach, agus bha cuideigin againn ann an Dùn Èideann a dh’fhaodadh tu—gheibheadh tu taic bhuapa airson gnothaichean a rèiteachadh. So, bha tòrr obair-rèiteachaidh ann agus feuchainn ri rudan a chur air dòigh airson daoine, ach uill cuideachd, bha thu gu math faiceallach nach canadh tu rud…bha e gu math…’s e seirbheis dìomhair priòbhaideach a bh’ ann mar gum biodh, cha robh math dhut innse cò thigeadh thugad. Agus, so bha sin fhèin, bha e rud beag inntinneach is annasach is…ach bha feum agam air faighinn air falbh uaireigin, agus bha mi ag amas air falbh co-dhiù, agus thàinig cothrom airson rudeigin ùr a dhèanamh mar gum biodh, agus chaidh mi dhan oilthigh nam oileanach aosta airson cùrsa Gàidhlig a dhèanamh. Bha mi fad ùine mhòr a’ dèanamh clasaichean-oidhche agus rudan mar sineach agus bha sin a’ còrdadh rium. Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh e math…saoil am bi cothrom an seo a dhèanamh…am barrachd ga dhèanamh mar gum biodh, agus sin mar a bha… sin am plana a bh’ agam co-dhiù.

PM: Is càite an deach thu?

EC:  Chaidh mi… uill, a Ghlaschu. Bha mi ag iarraidh an dà chuid, bha mi ag iarraidh cuideachd rudeigin ùr a dhèanamh, cuideachd chaochail mo mhàthair le aillse cuideachd, agus bha sin gu math trom oirnn uileadh. Agus…tha…gur e cothrom, dìreach cothrom faighinn air falbh greis son cuideachd faighinn seachad air sineach agus bha mi a’ smaoineachadh gum biodh e math faighinn gu baile mòr airson dreis co-dhiù.

PM:  Agus tha thu an sàs a-nis ann an teagasg Gàidhlig, nach eil?

EC:  Tha mi a’ dèanamh tha mi a’ creidsinn a’ mhòrchuid de mo bheòshlainte a’ teagasg, a’ mhòrchuid air-loidhne agus air Skype le daoine a’ fuireach air feadh an t-saoghail, ag obair le buidheann ‘Atlantic Gaelic’…tha iad, uill, tha iad a’ tighinn còmhla ris a’ cholaiste Ceap Breatainn, tha  dà bhuidheann a’ tighinn còmhla agus tha mi cinnteach gum bi amasan aca anns an ùine a tha ri tighinn. Agus tha mi a’ dèanamh clasaichean cuideachd le daoine…daoine prìobhaideach ann an diofar…diofar…air feadh na t-saoghail, Astràilia, is an Eadailt is a’ Ghearmailt. So, bidh mi a’ tòiseachadh mo sheachdain gu math tràth madainn Diluain le…le dithis faisg air Hanover. Agus tha iadsan uair air thoiseach oirnne, so feumaidh mi a bhith air mo chois gu math tràth son a bhith…ach, ach tha e math gu leòr nuair a tha mi a’ tòiseachadh, ach dìreach a bhith a’ smaoineachadh…oh murt…clas aig cairteal gu ochd sa mhadainn, tha mi dìreach a’ dùsgadh aig an àm sin. Ach tha e a’ còrdadh rium, agus tha e cuideachd a’ toirt orm a bhith, a bhith a’ dèanamh beagan rannsachaidh air rudan a tha a’ tachairt ann an diofar phàirtean den t-saoghail. Bidh mi a’ cumail sùil air tachartasan sa Ghearmailt a thaobh na poileataigs an sineach son’s gum bi…you know…gum bi cuspairean-còmhraidh againn leis na daoine sin às An Eadailt agus às Na Stàitean agus mar sin.  

PM: Mar sin tha an obair a’ còrdadh riut, agus an cum thu a’ dol leatha?

EC: Uill, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an coltas ann gu bheil e cunbhalach co-dhiù is…ach tha e a’ còrdadh rium gun teagamh. Tha an clasaichean car fad leis an AGA, ach tha iad a’ dol seachad, an àm sin. Agus tha e a’ toirt dhomh cothrom a bhith a’ fuireach ann an Uibhist cuideachd, agus chan eil ‘office politics’ ann nuair a tha thu ag obair leat fhèin bhon taigh!

PM: Chan eil thu airson a bhith ag argamaid leat fhèin co-dhiù!

EC: Uill, cha bu toil leam sin a dhèanamh idir, cha bu toil, cha bu toil.

PM: Agus tapadh leat Eairdsidh, agus a’ coimhead air ais air Beinn na Faoghla mar a bha, agus mar a tha e an-diugh, dè an diofar as motha a tha thu a’ faicinn anns an eilean?

EC: Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil barrachd airgid a’ dol mun cuairt na bh’ ann nuair a mise na b’ òige co-dhiù. ’s dòcha…tha mi a’ smaointinn…bha Uibhist gu math beòthail uaireigin is mise nam ghille òg. Bha tòrr a’ tachairt a thaobh cosnaidhean. Bha iad, uill, bha an t-arm…agus tha an t-arm ann fhathast gu ìre ann an Uibhist, ach bha iad…tràth anns na seachdadan bha iad a’ togail thaighean airson nan saighdearan agus an teaghlaichean, so bha, bha an t-àite car ‘booming’ mar gum biodh. Bha daoine a’ tighinn far a’ phlèana a h-uile latha agus a’ tòiseachadh. Bhiodh feadhainn a’ tighinn is a’ falbh air an ath-phlèana…chanadh iad ‘Càite bheil an taigh-seinnse as fhaisge? Oh, còig mile, right, tha mi a’ falbh!’. Ach, air a shon sineach bha an t-àite gu math gu math trang, a’ togail campa an airm agus na taighean dham biodh na teaghlaichean a’ fuireach. Tha mi cinnteach gun robh, uaireigin gun robh ’s dòcha ochd ceud saighdear agus an teaghlaichean ann an Uibhist. Bha iad sa h-uile àite. Agus a bharrachd air an fheadhainn a bha ann, uill bhiodh iad a’ faighinn ‘posting’ dà bhliadhna mar as àbhaist, ach bhiodh cuideachd feadhainn eile a’ tighinn a-staigh son a bhith a’ losgadh rocaidean aig diofar amannan, no car de ‘visiting units’ mar a chanas iad…mar a chanadh iad leotha, so bha an àite gu math gu math trang le saighdearan agus ‘Air Force’. Bha iad…ann an dòigh bha iad caran a’ riaghladh an àite ann an dòigh. Sin aona rud tha mi a’ smaoineachadh gun robh…gun robh…rudeigin mun arm, bha iad a’ smaoineachadh gun robh iad…bha iad laghach, tha mi a’ smaointinn a’ mhòrchuid den fheadhainn…de na saighdearan àbhaisteach, ach bha na h-oifigearan a’ smaoineachadh gur e car de, car de ‘governors’ a bh’ annta mar gum biodh, you know rud beag ‘colonial’ mu dheidhinn a’ ghnothaich mar gum biodh. Bhiodh iad a’ dol mun cuairt ann an càraichean, is you know, bratach beag dearg air a’ char an sineach, agus bha iad a’ smaointinn gun robh a h-uile duine anns an arm fhios agad, gun robh, gun robh cumhachd aca air daoine. Agus bha ann an dòigh, son bha tòrr, bha tòrr ag obair aig an arm uaireigin, mar gum biodh. So, bha e cumhachdach, ach ‘yeah’ bha rudeigin, rudeigin, bha iad…bha tòrr a’ crochadh air an arm aig aon àm mar gum biodh. Nam biodh tu ag iarraidh a dhol dhan gym no rudeigin, uill bha gym aig an arm, ach dh’fheumadh tu cead fhaighinn bhuapasan son a dhol ann mar gum biodh, so bha gnothaichean mar gum biodh air na ‘terms’ acasan, mar gum biodh. Ach yeah, bha iad…yeah, sin agad…bha iad…tha mi a’ smaoineachadh anns an fharsaingeachd gun robh iad feumail dhan àite gun teagamh, ach tha iad air falbh a-niste gu ìre mhòr, chan eil ann ach glè bheag dhiubh; tha companaidh prìobhaideach a’ dèanamh a’ mhòrchuid den obair, Qinetiq ainm a’ chompanaidh agus ’s e iadsan a tha a’ ruith raon nan rocaidean an-diugh. Ach yeah, bha rudeigin mun arm mar gum biodh, bha thu a’ faireachdainn gun robh…gun robh iad rudeigin car a’ riaghladh an àite mar gum biodh, no…aidh.   

PM:  Agus a bheil saighdearan idir air fhàgail ann an Beinn na Faoghla?

EC: Tha glè glè…glè glè bheag anns an latha an-diugh, chan fhaic…’s gann gum faic thu, ’s gann gum faic thu saighdear an-diugh. Bho àm gu àm thig iad, ach bidh iad a’ falbh, cha bhi iad fada ann co-dhiù. So, tha mi a’ smaointinn gu bheil…tha mi taingeil anns an latha an-diugh gu bheil goireasan againn fhìn, gu bheil, gu bheil an sgoil ùr againn mar gum biodh, agus goireasan spòrs againn agus a h-uile rud aig a’ choimhearsnachd fhèin, mar gum biodh. Chan fheum thu a bhith an taing duine sam bith eile, tha na goireasan againn fhìn airson, son cur-seachadan agus rudan. Tha cuimhn’ ’am aon latha, dìreach mar eiseimpleir, tha cuimhn’ ’am gun robh, gun robh rèis aig an arm, bha iad a’ dèanamh ‘half-marathon’ air feasgar Dihaoine, agus b’ fheudar dhan trafaig stad anns an rathad son  gum biodh iadsan a’ ruith. Bha saighdear, thog e a làmh ‘right, stad’…bha sinn dìreach…bha obair againn ri dhèanamh an sineach, ach b’ fheudar dhuinn dìreach stad far an robh sinn, gus an robh an rèis aca seachad…dè tha a’ tachairt an seo? Cò tha os cionn seo mar gum biodh, agus..? Bha mi dìreach…carson, carson a tha cumhachd aca airson a bhith gar stad air an rathad son gu bheil iadsan ag iarraidh a bhith a’ ruith air feasgar Dihaoine? Math gu leòr ’s dòcha mun a’ ‘weekend’ no mar sin, ach…’s e rudan beaga mar sineach uaireannan, bha…chuireadh e beagan…

PM: Ach mar bu trice cha robh droch fhaireachdainn eadar muinntir an àite agus na saighdearan.

EC: Cha robh, cha robh.

PM:  Agus dè mu dheidhinn suidheachadh na Gàidhlig Eairdsidh? A bheil thu a’ faicinn diofar eadar na th’ ann de Ghàidhlig a-nis ann am Beinn na Faoghla agus na bh’ ann dhith nuair a bha thu fhèin a’ fàs suas?

EC: Uill, feumaidh mi a ràdh, a bhith fìrinneach nuair a bha mise òg cha robh, mise tha mi an aois a tha mi, ach cha robh tòrr Gàidhlig ri chluinntinn gu h-àraid ann am Baile a’ Mhanaich, far an robh sinn a’ fuireach, timcheall oirnn agus anns an sgoil. Ach, ann an Tòrlum, chaidh sinn gu sgoil eile nuair a ghluais sinn, agus bha cus a bharrachd Gàidhlig ri chluinntinn ann an Tòrlum.  Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil…uill, tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoil Bhaile a’ Mhanaich, a’ bhun-sgoil, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil na h-àireamhan glè fhallain, cho fad ’s a ’s aithne dhomh, gu bheil co-dhiù, gu bheil, gu bheil deagh chuibhreann de chloinn a’ dol ann. Agus tha mi cuideachd a’ cuideachadh aig a’ Mhòd a h-uile bliadhna mar bhritheamh, agus feumaidh mi a ràdh gu bheil a’ chlann a’ dèanamh fìor mhath ann am Baile a’ Mhanaich, tha iad a’ faighinn tòrr de na duaisean sin, so ’s e sgoil gu math beòthail, air a deagh ruith a th’ ann am Baile a’ Mhanaich, agus tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig chanainnsa reusanta fallain anns an sgoil sin. Uill, sin an aon bhun-sgoil cuideachd ann am Beinn na Faoghla, tha…b’ àbhaist ’s dòcha còig no sia a bhith ann, ach an-diugh chan eil ann ach aon bhun-sgoil. Dè ’s urrainn dhomh a ràdh mun Ghàidhlig ma-thà? Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e a’ crochadh gu mòr air gach teaghlach mar gum biodh, agus ’s dòcha gum biodh e math a bhith nam chuileag air a’ bhalla, feuch dè tha a’ tachairt am broinn na dachaigh, mar gum biodh. So, sin dhomhsa co-dhiù an t-àite as cudromaiche airson cànan, faodaidh tu…uill, faodaidh an sgoil cuid den obair a dhèanamh, ach tha mi a’ smaoineachadh aig a’ cheann thall gur ann an dachaigh mar gum biodh an t-àite…is tha a h-uile dachaigh diofraichte tha mi a’ smaoineachadh. Ach, tha mi toilichte leis a’ bhun-sgoil ann am Baile a’ Mhanaich agus air feadh Uibhist cuideachd, mar gum biodh. Tha feadhainn a’ taghadh…ach b’ fheàrr leam gun robh barrachd a’ taghadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson an cuid chloinne. So…dealbh mheasgaichte, tha mi a’ smaointinn.

PM: Seadh, uill, tapadh leat dha-rìribh airson tighinn a bhruidhinn rium an-diugh Eairdsidh, agus bha e gu math inntinneach dhomhsa a bhith ag èisteachd riut. Beatha gu math inntinneach air a bhith agad, agus às bith dè nì thu, gur math thèid leat!

EC: Mòran taing a Phàdruig.

 

Short url:   http://multidict.net/cs/7628