This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Calum Moireach

Mise Malcolm Murray. Um, tha mi a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, ’s chaidh mo thogail ann an Steòrnabhagh, agus tha mi ag obair, a’ dèanamh PhD aig, um, Greenspace Research aig, aig Colaiste a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh.

Um, tha mi an dèis a bhith ann an seo airson, uh, trì bliadhna a-nis, agus tha mi a’ coimhead ri cur, um, teicneòlasan ùr a tha a’ tighinn a-mach, uh, kind of, web technologies, a’ cur sin còmhla ri, um, sustainable energy. Agus tha mi a’ feuchainn, feuchainn ris an dà rud – man cheangal còmhla – agus a’ faicinn dè thachras le sin.

So, le sin tha mise an dèis a bhith – well, ann an Greenspace, tha sinn an dèis a bhith ag obair a’ togail, um, programan, uh, airson a bhith a’ coimhead ri, uh, togalaichean, um, energy ann an togalaichean, well, cumhachd ann an togalaichean, um, agus feuchainn, man, feuchainn na designs sin a dhèanamh nas fheàrr. So tha sinn an dèis a bhith a’ coimhead ri feadhainn dha na programs sin a tha sinn an dèis a bhith a’ dèanamh airson sin. Um, tha sinn an dèis modalan a dhèanamh agus, um, energy analysis tool, agus dhà no thrì rudan eile cuideachd. Agus tha na tools sin – gheibh thu – tha iad air a’ website againn, tha iad an dèis a bhith air an cur a-mach – gheibh daoine air an cleachdadh an-dràsta.

Um, agus còmhla ri sin, tha mi an dèis a bhith a’ dèanamh rudan a tha rud beag nas, um, nas “researchy”. So chan eil na rudan sin, chan eil sinn an dèis an cur a-mach fhathast. Ach tha sinn an dèis a bhith a’ coimhead ri cur teicneòlasan ùr a tha a’ tighinn a-mach, man Semantic Web, ’s a’ faicinn dè man a tha sin ag obair còmhla ri, còmhla ri, um, sustainable energy agus, um, energy demand ’s rudan mar sin.

Agus, uh, tha sinn an dèis a bhith ag obair, um, air project, uh, anns an Roinn-Eòrpa, um, còmhla ri 16, um, partners eadar-dhealaichte. Agus – uh, pàirt – well, le sin tha, tha Greenspace, agus mise leis a’ PhD agam, an dèis a bhith a’ coimhead ri dèanamh modaligeadh, um, na h-Eileanan Siar agus faicinn dè, dè thachras an seo eadar 2030 gu 2050, so, a’ coimhead airson 40 bliadhna is faicinn dè, dè thachras. Agus cuideachd tha againn ri dèanamh, um, togail, uh, software airson a h-uile, a h-uile càil a tha sin a thoirt ri chèile, agus a dhèanamh, you know, fosgladh a-nall gu na, gun phobail, really. Agus, um, so tha sinn an dèis a bhith ag obair air sin airson dhà no thrì bliadhnaichean a-nis, agus, um, tha tòrr dha na, dha na, um, programan sin, tha iad fhathast ann an - ’s e prototypes a th’ annta fhathast. Tha iad fhathast ann an research stage, ach tha sinn an dòchas gum bi iad a’ tighinn a-mach, you know, tha sinn an dòchas gum bi iad a’ tighinn a-mach, uh, as dèidh treis bheag.

Agus tha mise an dèis fhaighinn uabhasach math ann an Steòrnabhagh. Tha mi a’ smuaintinn gur e àite math a th’ ann airson a bhith a’ dèanamh, uh, dèanamh research mar seo. Uh, far a bheil sinn ag obair ann an seo, tha, um, well tha a h-uile càil againn a dh’fheumas sinn. Tha an t-uabhas de computers againn, uh, software, agus, um, tha, tha dà lab ùr againn ann an seo. So, tha a h-uile càil a tha sin an dèis, um, an dèis a thighinn timcheall sna, uh, còig bliadhna mu dheireadh. Tòrr, uh – bho thòisich mise ann an seo, um, tha, tha an t-uabhas an dèis, an dèis tachairt. Agus, uh, tha, tha mi a’ smuaintinn gu bheil e uabhasach math gum faigh sinn, um, rudan mar sin a dhèanamh sna h-Eileanan Siar.

Um, so, agus, tha – ged a rinn mise a’ chiad degree agam ann an computer science – rinn mi ann an Glaschu e, so chòrd sin rium ach, ach cha robh càil a dhùil agam gum bi mi a’ tighinn air ais dhachaigh son, son, um, son càil eile a dhèanamh. So, well, ’s cha robh mi a’ smuaintinn gu bheil tòrr jobaichean ann, so, really cha robh tòrr research ann, ach thàinig mi, thàinig mi air ais airson MSc – well, rinn mi, um, summer placement an seo an toiseach, ’s an uair sin as dèidh sin chaidh mi air ais dhan, dhan oilthigh, ’s nuair a bha mi deis ann an sin thàinig mi air ais a dhèanamh MSc, ’s thionndaidh sin a-steach ann am PhD. So, agus tha mi an dòchas gum bi mi deis le sin aig deireadh na bliadhna. Ach, um, tha mi a’ smaoineachdainn – tha sinn an dèis tòrr, um, tòrr rudan a dhèanamh an seo nach, nach biodh thu really a’ dèanamh ma bha thu a’ dèanamh PhD ann an àitegin eile, so tha tòrr, um, tòrr rudan coimeirsialta – agus a’ dol timcheall a’ dèanamh presentations dha daoine timcheall an Roinn-Eòrpa ’s rudan mar sin. Agus, uh, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e an dèis a bhith uabhasach math.

Tha e duilich faicinn seachad air a’ thesis an-dràsta, ach, um, bu chaomh leam, ’s mathaid, fuireach. Well, ma gheibheas mi sin a dhèanamh fuirichidh mi ann an seo agus ’s mathaid rudan a chrìochnachadh, feuchainn tòrr dha na prototypes a tha sinn an dèis a bhith a’ dèanamh a thoirt rud beag nas, nas fhaide. So tha mi an dòchas gu, gum bi an cothrom ann sin a dhèanamh, ach, uh, feumaidh mi dìreach faicinn, faicinn dè thachras.

Short url:   http://multidict.net/cs/763