This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Urras Oighreachd Ghabhsainn

’S e Buta Leòdhais an t-àite as fhaide gu tuath air na h-eileanan mòra sna h-Eileanan Siar. Seo far a bheil a’ mhuir a’ briseadh air an tìr an toiseach nuair a thig na gèilichean a-steach bhon Chuan Siar. Tha e coltach nach eil ach grèim gu math cugallach fiù’s aig eòin na mara air tìr, gun ghuth air mac an duine. Eadhon air latha gu ìre mhath ciùin chìthear gu soilleir cumhachd na mara is na gaoithe còmhla. Tha an taigh-solais ann airson stiùireadh a thoirt do dhaoine aig muir, gus seachainn iad na creagan.

Ach tha daoine air a bhith ag obair, agus a’ cluich, air tìr an seo fad bliadhnaichean mòra. An-diugh tha an club ball-coise agus an t-ionad spòrs aig cridhe na coimhearsnachd. Agus tha na muilnean-gaoithe an ath-dhoras a’ sealltainn neart is misneachd nan daoine ann a bhith a’ cruthachadh beatha dhaibh fhèin ann an suidheachadh dùbhlanach.

Coltach ri tòrr sgìrean eile air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, ’s ann le uachdaran prìobhaiteach a bha an talamh seo fad ùine mhòr. Ach dh’atharraich sin gu tur ann an 2007 nuair a ghabh urras coimhearsnachd oighreachd Ghabhsainn thairis. Tha a’ bhuidheann seo, a tha a’ riochdachadh muinntir na sgìre fhèin, fhathast òg, ach tha deannan luchd-obrach aca mar-thà, agus iad ag obair a-mach à “buth Lisa” gus am faigh iad oifis ùr.

Tha Ciorstaidh NicIllFhinnein na h-oifigear “Powerdown”. Tha ise ag obair anns a’ choimhearsnachd air dòighean gus cleachdadh de charbon a lughdachadh. Tha i air margaidean a thòiseachadh san sgìre, far am bi muinntir an àite a’ reic agus a’ ceannach lusan is measan. Ach tha tòrr phròiseactan a bharrachd ann. Tha “ranger” aca cuideachd – cuidegin a bhios a’ coimhead às dèidh dualchais nàdarra na sgìre, agus a bhios ag obair leis na sgoiltean cuideachd. Bidh an t-urras a’ brosnachadh sgoilearan gus am biadh aca fhèin fhàs. Ma ghabhas cleachdaidhean ùra tòiseachadh aig an aois òg seo, tha teansa ann gun tig an latha nuair nach bi aig bathar ri siubhal cho fada.

Tha sgìre an urrais a’ toirt a-staigh pìos mòr taobh an iar-thuath eilean Leòdhais, far a bheil barrachd dhaoine a’ fuireach na àite sam bith eile air an dùthaich coltach ris. ’S e rathad fada a th’ ann bho cheann gu ceann. Aig a’ cheann a deas tha e a’ coinneachadh ri Barbhas, far a bheil tuilleadh muilnean-gaoithe ag obair. Tha Gabhsann fhèin aig teis-mheadhan na sgìre. Seo far a bheilear ag amas air oifis ùr airson an urrais agus goireasan eile. Agus air ais shuas aig ceann a tuath tha Port Nis. Seo far a bheil sealgairean ainmeil a’ ghuga a’ dèanamh an t-slighe a Shùlaisgeir feuch an glac iad cuid na bliadhna. ’S e fìor sheann chleachdadh a tha seo, a tha fhathast a’ dol gu làidir san latha an-diugh. Agus tha e dìreach a’ sealltainn a-rithist an ceangal làidir a th’ aig muinntir an àite leis a’ mhuir agus an tìr. ’S àbhaist dha na daoine seo a bhith a’ coimhead às an dèidh fhèin. ’S e ceum gu math nàdarra ciallach a th’ ann a bhith a’ gabhail an fhearainn os làimh cuideachd.

Short url:   http://multidict.net/cs/764