This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Ciorstaidh NicIllFhinnein

Is mise Kirsty Maclennan is tha mi a’ fuireach ann an Calanais ach tha mi ag obair airson Urras Ghabhsainn shuas ann an Nis, uh, airson Project Powerdown. ’S e Powerdown a tha tron sgìrean an Alba ’s tha coimhearsnachd – tha fichead ’s a sia coimhearsnachd, is, uh, ann an Alba a’ toirt pàirt anns, anns a’ project. ’S tha sinn uile a’ feuchainn ri cur sìos carbon emissions tron, tron sgìre againn fhìn. ’S le sin, tha mi, tha mise ag obair air projectan bho, um, home insulation gu feuchainn ri faighinn daoine anns an sgìre a’ cur, um, fruit is veg, agus, uh, transport cuideachd, ’s coimhead air rudan eile nach – bhon petrol ’s diesel, a’ cleachdadh sin, man electric vehicle.

Uh, aon dhe na projects ’s e polytunnels anns an sgoil. Tha trì sgoiltean anns an sgìre far bheil iad a’ dol a dh’fhaighinn polytunnels – Lìonail, Àiridhantuim, is Barbhas. Tha am polytunnel ann an Lìonail, tha e an àrd, ’s tha an sgoil ag obair ann. Fear ann am Barbhas, tha, tha e gu bhith ann ach tha obair fhathast ri dhèanamh ris, agus Àiridhantuim – tha sinn a’ dol a thòiseachadh ag obair an sin anns a’ bhliadhna a tha tighinn. Tha sinn airson – tha sinn a’ feuchainn ri faighinn clann a’ cur rudan aca fhèin.

Agus project eile, ’s e, tha electric vehicle againn ’s tha sinn – well chan eil e againn fhathast ach tha sinn, tha sinn a’ feuchainn ri faighinn funding. Uh, ’s tha sinn air funding fhaighinn airson wind turbine bho Community Energy Scotland agus, uh, an comhairle ann an Steòrnabhagh, um, airson an turbine a chur suas. ’S tha sinn fair a’ fuireach airson funding airson electric vehicle, agus faodaidh sin, faodaidh group bhon sgìre a chleachdadh bho youth group gu over 60s no càil mar sin a chleachdadh airson trips a tha iad ag iarraidh a dhèanamh. Um tha seo a’ coimhead air rudan diofraichte an àite petrol no diesel a chleachdadh sa char aca, ’s tha – chan eil e a’ cur a-mach emissions idir ma tha e a’ cleachdadh an wind turbine airson power.

Tha sinn cuideachd ag obair còmhla ri daoine san sgìre – tha iad a’ cur fruit, veg aca fhèin ’s tha sinn – a h-uile dàrna seachdain bidh sinn, bidh sinn, tha community market againn – tha daoine a’ tighinn ’s faodaidh iad reic fruit, veg aca ’s faodaidh daoine tron sgìre tighinn is a cheannach. Um, tha seo fair a’ toirt teans dha daoine ceannach local produce.

Tha turbines mòr, um, gu bhith againn. Tha sinn ag obair air sin an-dràsta, um, turbines mòr, uh, shuas ann am Baile an Truiseil, uh, ri taobh Barbhas. ’S bidh sin a’ toirt a-staigh airgead airson, airson an urras a dh’fhaodas iad a chur air ais dhan choimhearsnachd. ’S tha, tha e math ag obair ann an rud a tha a’ dèanamh rudeigin airson, airson a’ choimhearsnachd.

Short url:   http://multidict.net/cs/766