This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Agnes Rennie (Planaichean is Co-obrachadh)

Tha am bòrd fhèin a’ toirt air obair, a’ toir air adhart obair – uh, project mòr a tha sinn an dòchas a dhèanamh, uh, air cumhachd ath-nuadhachail. Agus, uh, tha sinn air, uh, air cead-dealbhachaidh fhaighinn airson am project sin a chur air adhart, agus tha sinn am bliadhna air, air, uh, tha, aonta fhaighinn bhon chrannchur nàiseanta agus, tha buidhnean eile air cuideachadh airgead a leigeas leinn a chiad ceum a ghabhail airson am project sin a thoirt air adhart. Agus tha feadhainn eile dhan bhòrd ag obair gu math cruaidh air, um, ionad, ionad a thogail a bhios gach cuid na h-oifis dhan an urrais ann an teis-mheadhan na sgìre, uh, a bheir cothrom cuideachd air, air obair a tha a dhèanamh ann a bhith, ann a bhith, um, ag innse mu dheidhinn an urras, uh, eachdraidh an urrais agus mar sin air adhart, agus bidh, bidh àite ann airson coinneachadh uair a bhios feum air. Agus ’s e togalach a bhios ann, uh, man a bhios iad ag ràdh, a tha A-rated bho thaobh, dè, bho thaobh an carbon a thathas a cleachdadh. Uh, gu dearbh, tha sinn an dòchas nach bi carbon idir na cleachdadh, uh, ann a bhith a’ togail an àite no ann a bhith na chumail blàth.

Bha sinn uabhasach fortanach gun robh cothrom againn obrachadh còmhla ris an ionad air a bheil “Greenspace” aig, uh, Colaiste Caisteil Leòdhais – uh, sin pàirt de, de dh’oithigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, agus airson ar cuideachadh uair a bha sinn a’ dèanamh a’ chiad rannsachadh uair a bhathas, uh, a’ coimhead ris, ris an ionad ùr a thogail, uh, ann an Gabhsann. Um, tha, tha ceangal math air a bhith againn le, le Greenspace agus le, le oilthigh na Gàidhealtachd, tron, tron cholaiste, uh, bho thòisich an t-urras agus, tha sinn na fhaicinn mar, mar rud a tha uabhasach cudromach gu bheil, gu bheil an ceangal sin ann. Tha sinn air cothrom a thoirt do dh’oileanaich, uh, mar eisimpleir, obrachadh còmhla ris an urras uair, uair a tha maoineachadh ann airson sin a leigeil air adhart. Cuideachd, uh, dh’obraich sinn còmhla ri Greenspace uair a bhathas, uh, a’ dèanamh rannsachadh airson faighinn a-mach dè cho eifeachdach ’s a bha, uh, an làrach air an robhas a’ dol a thogail na muilnean gaoithe agus, mar sin dheth, tha ceangal math air a bhith sin.

Tha sinn a’ faireachdainn gu bheil e uabhasach cudromach gum bi cothrom againn teachd-a-steach a dhèanamh anns an sgìre, agus nach eil sinn gu tur an urra, uh, na gu dearbh gu bheil sinn gu mòr an urra ri, ri, uh, buidhnean poblach airson airgead a chur dhan an urras, agus tha, tha sinn a’ faireachdainn gu bheil, gu bheil e cudromach gum bi, um, gum bi teachd-a-steach na dhèanamh anns an sgìre, agus, uh, tha, tha e follaiseach dhuinn mar-thà, uh, leis an rannsachadh a tha sinn air a dhèanamh nach leig sinne leas, uh, ionad a bhios ro mhòr a thogail airson teachd-a-steach glè mhath a dhèanamh a chuireas ri obair an urrais.

Short url:   http://multidict.net/cs/767