This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Turas Mara gu Hiort

’S e glè bheag de dh’àiteachan san t-saoghal a tha air an aithneachadh mar Làrach Dhualchas agus Nàdar na Cruinne, ach ’s e Hiort fear dhiubh sin. Bha nàdar an eilein seo aithnichte mar-thà, agus sa bhliadhna 2005 chaidh ainmeachadh mar chlàr cultarail cuideachd, airson coimhearsnachd a bha a’ tighinn beò air croitearachd aig “oir an t-saoghail”.

Ged a tha e dà fhichead mìle air falbh sa Chuan Siar air taobh an iar nan Eilean Siar, bha mac an duine air a bhith a’ fuireach an seo fad ùine mhòr mhòr. Tha e coltach gu robh daoine ann o chionn ceithir no còig mìle bliadhna ann an Linn an Umha, agus tha tobhtaichean ann fhathast bho Linn an Iarainn a tha 2000 bliadhna a dh’aois. ’S ann le Clann MhicLeòid à Dùnbheagain a bha Hiort ann an amannan eachdraidheil. Agus ann am meadhan a naoidheamh linn deug thòisich buaidh an t-saoghail mhòr a’ bualadh air. Bhiodh luchd-turais a’ tadhail air gach sàmhradh aig deireidh na linne, agus iad air an tarraing gu àite gu tur eadar-dhealaichte bhon t-saoghal aca fhèin. Thòisich crìonadh an t-sluaigh fhèin gu math luath as dèidh sin. Agus dh’fhalbh na daoine mu dheireadh ann an 1930. Dh’fhàg iad air an cùlaibh baile falamh, mar chuimhneachan maireannach tiamhaidh air dòigh beatha a tha air falbh.

Ged nach eil sluagh stèidhichte fhathast a’ fuireach air Hiort, tha ùidh mhòr ann fhathast aig luchd-turais. Agus a-nis gheibh thu a-null ’s a-nall ann an latha à Loch Miabhaig air taobh an iar Leòdhais. ’S e companaidh beag a th’ ann an Seatrek, air a ruith le Murray MacLeòid à Ùig fhèin. Tha e a’ tabhann tòrr sheirbheisean do luchd-turais. Ged ’s e sgioba bheag a th’ aig Murray, tha iad cuideachd a’ toirt tòrr a-steach dhan choimhearsnachd, mar a tha litrichean o sgoilearan ionadail a’ sealltainn. Bidh Seatrek a’ cleachdadh Rigid Inflatable Boats, no ribs, airson tursan goirid. Tha bàta nas motha aca airson tursan fada, do Hiort, mar eisimpleir.

An-diugh tha buidheann Uibhisteach aig Murray, agus mar sin thòisich iad aig cala Bheàrnaraigh. Fhad ’s a tha iad a’ dèanamh air Hiort fhèin, chìthear Boraraigh agus na stacan air aon taobh. Aon uair ’s gum faigh iad a-steach dhan bhàigh tha coltas sònraichte an eilein a’ bualadh orra gu luath. Chan fhada gus am bi gach camara ag obair gu trang.

’S e Urras Nàiseanta na h-Alba a tha a’ coimhead as dèidh Hiort, le cuideachadh bho Mhinistrealachd an Dìon. Tha riaghailtean teann ann air dè as urrainn do luchd-tadhail a thoirt leotha dhan eilean, gus nàdar sònraichte an àite a dhìon. Ach faodaidh luchd-tadhail a tighinn ’s a falbh mar a thogras iad fhèin taobh a-staigh crìochan a’ bhaile.

Chaidh an eaglais a thogail tràth san naoidheamh linn deug. Agus dh’fhosgail an sgoil ann an 1884. Chaidh fear dhe na seann taighean fhosgladh mar thaigh-tasgaidh gus sealltainn do luchd-tadhail cò ris a bha dòigh-beatha nan Hiortach coltach. Ach ’s e seann dualchas nan eilean seo dìreach aon phàirt dhe na tha tarraingeach mun deidhinn.

’S e an ath cheum airson an luchd-tadhail am bàta a ghabhail bho Hiort gu Boraraigh, gus blasad fhaighinn dhen dualchas nàdarra a tha ri fhaotainn an seo cuideachd. Tha bogha-fhrois a’ cur fàilte orra gu Boraraigh. An uair sin togaidh an t-sìde, agus chì iad na stacan ri thaobh. An uair sin gheibh iad fàilte eile bho shùlairean agus eòin na mara eile. Tha Murray a’ stiùireadh a’ bhàta nas fhaisge gus sealladh nas fheàrr fhaighinn.

Tha na h-eileanan mar dhachaigh do leth-mhuillean eun mara. Tha an àireamh seo a’ toirt a-steach an sluagh is motha san t-saoghal air fad de shùlairean a tuath, le barrachd is trì fichead mìle paidhir. Tha budhaig, fulmair, sgarbh, is creachadair ann gu pailt cuideachd, ach an seo ’s e na sùlairean a tha, mar gum biodh, a’ dubhadh às na speuran.

Tha an sealladh air ais air Hiort a’ toirt cothrom eile dhan luchd-tadhail dealbhan a thogail. Feumaidh iad tilleadh a dh’aithghearr, ach tha iad ag iarraidh dealbhan a bharrachd a thogail mus fhalbh iad. An uair sin bheir Murray air ais iad à Boraraigh airson aon sealladh eile a thoirt dhaibh de Hiort.

Agus an uair sin, fada ro thràth, tha an t-àm ann togail orra air ais dhachaigh. Ged a bha e seachad mus robh for aca air, ’s beag cunnart gun dìochuimhnich iad an turas seo cho fad ’s is beò iad.

Short url:   http://multidict.net/cs/768