This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Murray MacLeòid

Mise Murray MacLeòid. Uh, tha mi ann an Ùige, shuas ann an Leòdhas. ’S tha business agam, tha mi a’ dèanamh, uh, a’ ruith Seatrek, a’ toirt daoine a-mach san eathar, a-mach a dh’fhaicinn ròin, ’s a’ toirt daoine a-mach a dh’àitean, gu eileanan ’s, um, bidh mi a’ dèanamh trèanaigeadh le na h-eathraichean cuideachd.

Um, thòisich sinn, tha mi a’ creidsinn, oh, bliadhnachan air ais. Tha mi an dèidh a bhith ag obair airson bliadhnachan. Um, thòisich sinn le eathar bheag, a’ toirt daoine a-mach, ’s tha obair ann suas an sin. Tha trì eathraichean againn. Uh, dà sheòrsa eathar againn – tha rud a tha iad a’ cantainn man RIB – Rigid Inflatable Boat – tha sinn a’ toirt na h-eathraichean – bidh sinn a’ falbh timcheall Ùige leatha. Bidh sinn a’ dol cho fada ri Barraigh, suas gu Orkney leatha, ’s na h-àiteachan sin. Tha sinn a’ dèanamh tòrr dhe na triopaichean as – nas goirid – anns an RIB, dà uair a thìde, tòrr aca, ’s dòcha leth-latha. Chan eil toilet facilities oirre, so chan eil e furasta. Agus tha an eathar mhòr againn, Lochlann, uh, Interceptor 42. Tha sinn a’ dèanamh na trips airson an latha san eathar sin – mar gu na Flannan Isles, North Rona, Sùla Sgeir, agus Hiort. Tha sinn a’ dol a-mach a Hiort a h-uile seachdain, ’s a dh’àite sam bith eile a tha daoine ag iarraidh a dhol.

Tha sinn a’ faicinn – tha sinn an dòchas gum faic sinn ròin, uh, leumadairean, uh, muc-mhara, uh, basking shark. Tha sinn a’ faicinn – chan fhaca sinn an uiread a’ bhliadhna seo, ach tha sinn a’ faicinn tòrr. Bidh sinn, gu math tric, bidh sinn a’ faicinn rudan, ach airson daoine nach eil air càil mar sin fhaicinn riamh – tha e a’ dèanamh an latha dhaibh, uh, càil sam bith fhaicinn, fiù ’s glimpse beag de leumadairean tha iad – sin an latha aca air a dhèanamh.

San obair againn – tha sinn a’ dèanamh tòrr le na h-eathraichean tron t-sàmhradh. Tha sinn a’ dèanamh trèanaigeadh cuideachd, trèanaigeadh daoine airson na ticketan aca fhèin aca fhaighinn tron RYA – Royal Yachting Association - ’s tha sinn, uh, a’ toirt dhaibh – tha tòrr aca ach ag iarraidh a dhèanamh dhaibh fhèin – tha iad a’ dol a-mach le eathar bheag ann an siud so – ach tòrr aca – tha iad, uh, tha iad ag obair – sin an obair aca so feumaidh iad na ticketan, uh, commercial ticket, airson a bhith ag obair leis an eathar. So tha sinn a’ dèanamh tòrr trèanaigeadh an sin. Tron a’ gheamhradh cuideachd – bidh sinn a’ dèanamh tòrr, uh, le na h-eathraichean. Agus tha mi a’ dèanamh rud a tha, can – man plant training, forklift training, ’s cranes, uh, quadbikes, um, health and safety, ’s first aid, tha sinn a’ dèanamh tòrr dhen sin. Sin a tha sinn ag obair air, uh, tron gheamhradh.

Tha sinn ag obair le TV companies. Tha mi a’ creidsinn gum bi sinn a’ dèanamh còig no sia tron bhliadhna, uh, bho uair a thìde an siud ’s an seo gu seachdain no dhà air na jobaichean as motha.

An rud as fheàrr mu dheidhinn, ’s e a bhith ag obair air rud eadar-dhealaichte a h-uile latha. Gu math tric, a-muigh san eathar, tha sinn a’ faicinn rudan, ’s lathaichean math ann ’s lathaichean dona ann ’s tòrr daoine, daoine eadar-dhealaichte a h-uile latha. ’S thèid sinn a-mach, ’s tha feadhainn ann, ’s tha fios – tha tòrr daoine - ’s tha fios aca – tòrr mu dheidhinn rudan, a h-uile càil a-muigh an siud, ’s mu dheidhinn na creagan, ’s mu dheidhinn am muir ’s rud a tha fon a’ mhuir. Trèanaigeadh an aon rud. Tha mi a’ trèanaigeadh ’s tha mi còmhla ri daoine, ’s dòcha airson seachdain ’s an uair sin lathaichean eile tha mi dìreach airson latha còmhla riutha, so tha mi a’ coinneachadh ri tòrr daoine.

An sgioba – tha tòrr againn – air na h-eathraichean ’s e – bhon a tha sinn ag obair bho April gu September - ’s e part-time work, ach tha iad ann full-time tron a – uh eadar, uh, eadar sin. So tha, tha mi a’ creidsinn gu bheil triùir, ceathrar againn ag obair tron t-samhradh – lathaichean fada ann cuideachd, ’s a h-uile latha san t-seachdain.

Bho seo a-mach? Cumail a’ dol dìreach, feuchainn ri cumail a’ dol. Bha, an uiridh, bha bliadhna dhona aig a h-uile duine an uiridh, aig tòrr daoine an uiridh – cha robh tòrr daoine ann ’s cha robh iad ag iarraidh an airgead a chosnadh. Tha a’ bhliadhna seo fhèin nas fheàrr, so tha mi ’n dòchas gun cùm e a’ dol mar sin.

Short url:   http://multidict.net/cs/769