This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Iain Buchanan

Well, rugadh mise ann am Mangarstadh ann an Ùig, agus, uh, thogadh mi ann am Mangarstadh. Tha mi air a bhith a’ fuireach ann an Ùig fad mo bheatha, agus chaidh mi dhan sgoil ann an sheo, ’s an uair sin dhan, uh, sgoil Steòrnabhaigh, an àrd-sgoil Steòrnabhaigh, an Nicolson, agus an uair sin dhan chollege, uh, Dhùn Èideann. Agus, uh, uair a thill mi air ais dhachaigh as dèidh a bhith ann an Dùn Èideann thòisich mi, um, àrach, uh, feusgain ann an Loch Ròdhag agus ann an Loch Tamnabhagh. Agus an uair sin thòisich mi ag obair, um, aig, aig na bradan, um, ann an 1984. Agus, bha mi, um, a’ tòiseachadh aig Atlantic Sea Products is an uair sin McConnell Salmon agus Marine Harvest airson, uh, còig air fhichead, uh, bliadhnaichean.

Well, tha mi a’ creidsinn gun do thòisich Seatrek mun an àm sin. Chan eil, chan eil mi cinnteach, fair, dè a’ bhliadhna a thòisich, uh, a thòisich iad ach, uh, tha còrr air fichead bliadhna bhuaithe co-dhiù, bho, bho thòisich Murray air Seatrek. Thòisich e le, um, RIB – bàta, bàta inflatable, RIB – agus, uh, bha e a’ dèanamh math dha-rìreamh ’s, uh, tha am business aige air fàs bhon uair sin. Tha, a-nis, tha, tha trì, trì RIBs aige, agus bàta nas motha aige cuideachd, a-nis. ’S e eathar dà-fhichead troigh, agus tha e, tha e a’ dèanamh math dha-rìreamh.

Well, tha e a’ ciallachadh dhan sgìre an seo gu bheil e a’ toirt tòrr dhaoine, tòrr visitors, tourists – bidh iad a’ tighinn, tighinn ann an seo is bidh iad a’ dol a-mach sna h-eatharichean. Bidh iad an uair sin a’ caitheamh tìde anns, anns an sgìre. Bidh iad a’ dol dhan bhùth, is dhan mhuseum, agus dha na tearooms a tha fosgailte ann an shin, um, tron t-sàmhraidh. Agus cuideachd, uh, bidh iad, um, a’ dol dha na restaurants. Tha, tha dhà no trì restaurants againn ann an, ann an Sgìre Ùig, ’s tha guesthouses ’s bed and breakfasts. Tha e a’ cuideachadh a h-uile càil dhe na gnothaichean sin anns an sgìre.

Bho chaidh na pontoons, bho chaidh an cur an sàs ann an sheo tha iad air, uh, tha iad air tòrr mòr, uh, obraichean a thoirt, a thoirt dha na – pàirt dhan sgìre. Agus, uh, tha e a’ cuideachadh an economy aig an àite. Agus, uh, bu mhiann, bu mhiann leotha na pontoons, uh, aig àm air choiregin a dh’aithghearr, tha sinn an dòchas, a dhèanamh nas fhaide airson, uh, cuideachadh, gu h-àraid as t-samhradh. Tha, tha tòrr eatharichean ann ’s chan eil, chan eil mòran rùm air fhàgail air na pontoons.

Well, tha, an rud a tha mise air a bhith, uh, an sàs ann bho chionn goirid – tha – ’s e , uh, tha, bha competition ann airson, uh, St Kilda Visitor Centre a stèidheachadh am badeigin sna h-Eileanan an Iar. Agus fhuair Ùig, Ùig, well Mangarstadh ann an Ùig – ’s ann ann an shin a tha an centre gu bhith, agus tha, tha e a’ dol a chuideachadh gu bheil àite mar seo, man Seatrek, facilities man, man a th’ aig Seatrek, ’s Island Cruising, agus na, na bàtaichean a tha ag obair a-mach às na Hearadh cuideachd – tha Kilda Cruises, agus Sea Harris, bidh iad a’ dol a-mach a Hiort. Agus bidh e math dha-rìreamh na daoine, na daoine a bhios a’ tighinn chun centre – bidh grunnan dhiubh a bhios ag iarraidh a dhol a-mach a Hiort, agus tha e math dha-rìreamh gu bheil na companies seo, uh – gun urrainn dhaibh sin a dhèanamh, daoine a thoirt a-mach ’s an t-àite fhaicinn dhaibh fhèin.

Short url:   http://multidict.net/cs/770