This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Am Pàipear

Tha Eairdsidh MacAoidh na neach-deasachaidh agus na neach-naidheachd airson a’ Phàipeir, am pàipear-naidheachd ionadail airson Uibhist. An luib na h-obrach sin bidh e a’ dol a-mach am measg nan daoine a thogail naidheachdan.

An-diugh tha e a’ bruidhinn ri Tormod MacGill-Eain, sgrìobhadair is cleasaiche ainmeil, a tha air ùr tilleadh a dh’Uibhist. Tha Tormod an dèidh eachdraidh a bheatha a thoirt a-mach, agus bidh Eairdsidh a’ sgrìobhadh mu dheidhinn sa Phàipear. A’ dol air ais ’s air adhart eadar a’ Ghàidhlig is a’ Bheurla tha tòrr aca ri ràdh, is ùidh aig an dithis aca ann an sgrìobhadh. Agus nuair a dh’fhalbhas e tha fios aig Eairdsidh gu bheil stuth gu leòr aige airson dà dhuilleag a lìonadh san ath iris dhen Phàipeir.

Tha oifisean a’ Phàipeir ann am Baile a’ Mhanaich, ann am Beinn na Faoghla. Tha Eairdsidh an dùil seirbheisean a’ Phàipeir a leudachadh, agus tha e ag obair air làrach-lìn ùr. Tha an trèanadh air a thoirt seachad air a’ fòn le companaidh a tha stèidhichte ceudan de mhìltean air falbh ann am Brighton, ann an Sasainn. Bidh tòrr rudan diofraichte san làrach ùr, a’ gabhail a-steach roinn far an tèid aig daoine naidheachdan mu dè tha a’ dol san sgìre a chur ann, agus gailearaidh airson dealbhan. Bidh seo a’ sealltainn obair bho iomairt ùr eile – Gailearaidh an Trannsa. An seo bidh luchd-ealain a’ taisbeanadh an obair aca fhèin gach mìos.

Aig an aon àm, tha an latha airson an ath iris a chur ann an clò a’ teannadh faisg, agus tha tòrr obair aig Eairdsidh ri dhèanamh airson fhaighinn deiseil. Tha sanasan gu leòr ann airson gnìomhachasan ionadail, ach tha fichead ’s a h-ochd duilleag ri lìonadh. Bheir pìos Thormoid suas a dhà dhiubh.

Tha am balla air culaibh Eairdsidh a’ sealltainn na staite sa bheil gach duilleag airson iris na mìos seo. Ach aon uair ’s gu bheil aon phìos deiseil feumaidh e dèanamh cinnteach gu bheil fear eile mar is còir – sgeul mu dheidheinn pròiseact Tobar an Dualchais ann an Loch Baghasdail agus an naidheachd gun deach obraichean a shàbhaladh le bhith a’ leudachadh na tha iad a’ dèanamh an sin. Feumaidh a h-uile sgeul a bhith ceart, agus tha Eairdsidh gu math toilichte gach rud a dhearbhadh air a’ fòn le Shona NicDhòmhnaill, manaidsear a’ phroìseict, mus cuir e ann an clò e.

Bidh iad a clo-bhualadh a’ phàipeir a-màireach. Mar sin ’s e oidhche fhada a bhios aig Eairdsidh a-nochd, agus e a’ cur crìoch air gach duilleag. Gu dearbh, ’s dòcha nach fhaigh e dhan leabaidh aige idir.

An ceann latha no dhà, nuair a thig na pàipearan a-mach ann an clò, thèid aige air coimhead air an obair a rinn e. Gu dearbh, tha coltas toilichte air Tormod air an dà dhuilleag aige. ’S e naidheachd air leth a th’ ann cuideachd mu na h-obraichean ann an Loch Baghasdail, agus cuiridh sin ri misneachd ann an coimhearsnachd a tha airson buannachd fhaighinn a-mach às an teicneòlas ùr. Bidh sanasan agus sgeulachdan bhon choimhearsnachd a’ toirt gu aire a h-uile duine na seirbheisean a tha ri fhaighinn, agus na h-adhbharan eile a th’ aca airson fuireach an seo. Chan ann gun adhbhar a bhios Eairdsidh a’ smaoineachadh gu bheil an obair a tha e ris a’ cluich pàirt chudromach ann am beatha coimhearsnachd Uibhist.

Short url:   http://multidict.net/cs/771