This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Tormod MacGill-Eain

I said, “Och, I’ll get a smoke at Cill-Amhlaigh.”

“Oh, Dhia, you’re not going to Cill-Amhlaigh, a Thormoid.”

“What? Where am I going?”

“You’re going to the hospital.”

So, sin far an do land mi mu uair sa mhadainn. Baile a’ Mhanaich, anns an ospadal.

“Well, you can stay tonight. You’re obviously…” Bha dà bhata agam.

“…You can stay tonight, but we must get in touch with Social Services in the morning.”

“Fine, fine. Leig leam chadal.”

Chaidil mi. Sa mhadainn, thàinig an tè mhòr a bha seo, is ars ise:

“Right, Thormoid, ’s e DP a th’ annad a-nist.”

“Dè tha sin a’ meanigeadh?”

“Displaced Person.”

“Displaced Person? Story of my life. Yeah, right, I am.”

Um, ars ise, “So, tha mi gad chur ann am B&B, mu dheas.”

“Oh, Dhia, no, na cuir gu deas mi. Dhia, nach eil B&B ann an Càirinis, no Ceann a’ Bhàigh, no Paibeil, no badeigin mar sin?”

“Ah, chan eil. Tha iad cho pailte mu thuath, ach tha tòrr dhiubh mu dheas, agus tha thu a’ dol a Ghearraidh Bhailteas.”

Agus land mi còmhla ri Màiri Belle. Agus sin far an robh mi. Bha mi ann – chan eil fhios agam co mheud seachdain. Cha robh mi uabhasach math a’ chiad sheachdain. Uh, ’s ann eadar an teine ’s an leabaidh a bha mi. Uh, bha mi fhathast a’ gabhail na morphine tablets, ach co-dhiù, beag air bheag dh’fhàs mi na b’ fheàrr, agus latha brèagha air choiregin as dèidh mìos a bhith seo – that’s right about 20th of June – dh’fhalbh am fòn, ’s cò tha seo, dh’aithnich mi gur ann à tuath a bha:

“Hello, a Thormoid. Seonaidh Ailig a tha seo às Hebridean Housing Association.”

“Seadh, seadh, dè nì mi riut?”

Ars esan, “Tha taigh againn dhut.”

“Càite?” arsa mise.

“Shuas mu dheas. Shuas ann an Dalabrog a tha an taigh.”

“Oh no, bother, no, I don’t think so. The only Rangers supporter in South – no, I don’t fancy that. Get me, get me into Columba Place, or some place I know.”

“Oh, taighean beaga seasgair, blàth…”

Ars mise, “Am bi e blàth sa gheamhradh?”

“Oh, bithidh. Bidh iad snog a Thormoid. Tha iad snog.”

So, thuirt mi “yes” on the spot, gun an taigh fhaicinn. Agus thug Màiri suas mi, agus bha e na mhess, you know, mar a h-uile taigh falamh, you know. Cha robh dad ann. Co-dhiù, tha mi airson fantail an seo.

Agus beag air bheag, ged a tha e a’ coimhead gu math ropach an-dràsta, tha - ’s toil leam an taigh a tha seo. Tha e seasgair. Tha e blàth. Uh, cha robh mi, even – cuimhne agad, bha reothadh cruaidh ann, an uair ud, bho chionn coladeug, trì seachdain? Cha do dh’fhairich mi sradag gaoithe. Tha iad really air an deagh dhèanamh.

So, chan iarrainn an saoghal fhàgail. Mar a tha thu fhèin, tha mi ann an àite as toil leam a bhith ann. Agus tha e an urra rium fhìn dè tha mi a’ dol a dhèanamh lem bheatha.

Tha roghainn agam fhìn, you know. ’S tha sin prìseil. Tha sin really prìseil.

Short url:   http://multidict.net/cs/773