This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Dhan Chamara: Tormod MacGill-Eain

Is mise Tormod MacGill-Eain, agus tha mi a’ fuireach ann an Dalabrog ann an Uibhist a Deas. Ged a tha mo chuideachd - ’s ann à tuath a tha iad – tha mise an-lùib nan Deasach an-dràsta, agus bidh mi a’ leughadh a’ Phàipeir.

Agus nam bharail fhìn – agus, uh, ’s ann agam fhìn a tha deagh bharail orm fhìn – tha mi a’ smaointinn gur e sin an rud a b’ fheàrr a tha mi a’ leughadh fad na bliadhna. Chan eil mi a’ faighinn ach dà phàipear – Guardian, agus Am Pàipear. Uh, agus tha mi a’ smaointinn gur e nàdar de dh’urram a tha siud dhan a’ Phàipear – thoradh tha sgrìobhadh math ann, tha na cuspairean dhomhsa inntinneach, agus tha fhios agam taghta gu bheil daoine air feadh an t-saoghail, feadh ceithir ranna ruadha an t-saoghail ga leughadh cuideachd.

’S math sin, thoradh air an t-seachdain sa chaidh thàinig balach – à Cille Pheadair a bha - ’s e Eairdsidh mac Sheumais Eairdsidh Sheumais a chanas iad ris – MacAoidh. Agus bha e a’ bruidhinn rium mun Phàipeir, agus mun leabhar a sgrìobh mi fhìn, air a bheil “The Leper’s Bell: Reflections of a Changeling” – eachdraidh mo bheatha a bha sin.

So thig sin am bàrr uairegin, ’s dòcha ann an ùine nach bi fada, anns a’ Phàipear, agus tha mi a’ gabhail fadachd gus an toir mi sùil air.

Um, glè mhath, agus tha mi a’ smaointinn airson àite beag – well, uair air an robh saoghal bhithinnsa a’ ceannachd pàipearan eile, uh, a dh’fhalbh leis a’ ghaoith, à Steòrnabhagh, à Port Rìgh, well à Breacais, uh à badan eile, às an Òban fhèin. Ach chan eil gin dhiubh cho taitneach ’s a tha Am Pàipear, nam bharail-sa.

Short url:   http://multidict.net/cs/774