This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Tòmas MacDhòmhnaill (1)

E[airdsidh] C[aimbeul]―00:04: Mòran taing airson bruidhinn rinn an-diugh, am b’ urrainn dhut beagan innse dhuinn mu dheidhinn cò às a tha thu agus beagan mun teaghlach agaibh cuideachd?

T[omaidh] M[acDhòmhnaill]―00:15: Tha, uill, tha mi à Uibhist a Deas ach, tha…cha chreid mi gu bheil duine dha na…dha na daoine againn…tha…a’ dol air ais à Uibhist a Deas, ’s ann à Beinn na Faoghla a thàinig na Dòmhnallaich dom buin mi an toiseach, agus tha deagh sheansa ’s dòcha gun tàinig à-san a-null às an Eilean Sgitheanach, agus roimhe sin ’s dòcha gun robh iad ann an Gleann Garaidh, sin cho fad ’s a nì mi a-mach. Is tha e coltach gur h-e grùdairean a bh’ annt’, is tha an t-ainm sin air a bhith a’ leantail as an teaghlach o chionn ginealach no dhà is mar sin, sin na…sin na grùdairean. Bhiodh iad a’ dèanamh…bhiodh iad a’ dèanamh leann, ’s ann a…dìreach a bhiodh iad a’ dèanamh uisge-beatha mì-laghail cuideachd aig àm air choreigin.

EC―01:10: Agus bha bùth aig d’ athair, nach robh? Bha e gu math ainmeil ann an Uibhist.

TM―01:13: Bha, bha bùth aige ann an…ann an Tobha Mòr. Tha…bha bùth aig athair, Ailein Mòr, ann an Dalabrog agus tha…nuair a phòs m’ athair, thòisich esan bùth bhos ann an…ann an Tobha Mòr, so tha…bha, bha bùth aige agus bhiodh a’ bhan aige a’ dol air feadh, feadh an eilein…na h-eileanan…Uibhist a Deas agus Beinn na Faoghla.

EC―01:43: Agus bhiodh tu fhèin air a’ bhan, nach robh, nuair a bha thu nad dhuine òg?

TM―01:47: Nuair a dh’fhàg mise an sgoil thàinig mi dhachaigh agus chuir sinn bhan eile air an rathad, agus aig an àm sin bha…bha cabhsair a-null dhan Cheann a Tuath an uair sin, so bhithinnsa a’ dèanamh an Ceann a Deas, Beinn na Faoghla agus Eilean Ghriomasaigh. Bhithinn ann an Griomasaigh dà...dà uair san t-seachdain, air Dimàirt agus Dihaoine bhithinn a’ dol a Ghriomasaigh, is Diluain bhithinn aig Deas, a’ dèanamh suas toiseach aige, Lù…Gleann Dail ’s Cille Bhrìghde ’s Geàrraidh na Mònadh.

EC―02:27: Agus dè bhithear a’ reic as a’ bhan, am biodh a h-uile rud a bhiodh as a’ bhùth as a’ bhan cuideachd mar gum biodh, no…no an robh diofar, diofar sam bith ann?

TM―02:35: Cha mhòr, cha mhòr nach biodh. Bhiodh, bhiodh m’ athair…bha esan, bhiodh e…bha miann aige air a bhith a’ reic mar a chanas iad hardware. Tha…gnothaichean air feum aig a h-uile duine ach, tha…mar a bha gnothaichean ag obrachadh a-mach dhomhsa, ’s e biadh bu mhotha a bha…bha mi a’ reic, bhithinnsa a’ falbh na bu tràithe ’s e na…’s e na boireannaich is na cailleachan a bhiodh aig taigh, ’s e biadh is groceries bu mhotha a bhithinnsa a’ reic.

EC―03:19: Agus dè dh’èirich dha na bhanaichean? An robh…an robh riaghailtean a’ tighinn a-mach nach b’ urrainn daoine rudan a reic annta, no an e dìreach gu bheil càraichean aig a’ mhòr-chuid an-diugh? Dè...dè mar gum biodh a chuir...a chuir às dhaibh?

TM―03:32: Uill, tha mi cinnteach…nuair a...nuair a thòisich mise bha mi... bha deagh chuid de na seann daoine cha robh càraichean aca is cha robh e furasta dhaibh faighinn a bhùithtean, agus bha iad an urra leis na bhanaichean a bha a’ tighinn mun cuairt airson a h-uile…a h-uile sian fhaighinn. Ach an uair sin mar a, mar a bha gnothaichean a’ tighinn air an aghaidh, is daoine òga a bha…càraichean a’ fàs nas bitheanta is bhiodh…mu dheireadh bhiodh càr...bhiodh càr aig a h-uile taigh cha mhòr is bhiodh…bha e na bu shaoire a dhol dha na bùithtean eile, o chionn ’s tha…a’ dol mun cuairt le...le bhan mu chosgais aig bhan is a’ dol mun cuairt leis, bha…cha b’ urrainn dhut an stuth a’ reic aig an aon…aig an aon phrìs.

EC―04:20: Bha diofar phrìs eadar stuth as a’ bhùth agus stuth as a’ bhan.

TM―04:24: Aidh, dh’fheumadh tu na cosgaisean aig a’ bhan a thoirt a-staigh a bharrachd...a bharrachd air na phàigheadh air an diofar air an dol mun cuairt leatha. So, tha aye, beag air bheag chaidh na…chaidh na bhanaichean…chaidh iad…stad iad.

EC―04:43: ’S e call a th’ ann nach e ann an dòigh, bha sibh a’ fàs…bha daoine eòlach orra, nach robh?

TM―04:48: Oh, bha, bha daoine eòlach orra bha, bha is bhiodh…gu math tric bhiodh a’ bhan dh’fhaodte mun cuairt bhiodh e…tha mi dìreach caran coltach ris a...coltach ris a’ phost, cuid de...cuid de sheann daoine…’s e…is dòcha an aon duine a chitheadh iad fad an latha is…tha…gu math tric dh’fheumainn a dhol a-staigh a thaighean agus ’s dòcha bulb-solais ùr a chur a-staigh dhaibh no…tha…bha mi, bha mi uabhasach trang nuair a chaidh na radios gu VHF, bha…is thòisich a’ Ghàidhlig…bha…bha tòrr de na seann daoine cha robh iad ag amas air an…air an stèisean air an radio, so…tha…gnothaichean mar sin.

EC―05:37: Tha sin math. Is a thaobh foghlaim agus sineach, an robh thu as an sgoil anns an sgìre seo fhèin, no cà’ an deach thu dhan sgoil?

TM―05:46: Chaidh mi dhan sgoil dìreach ann a sheo far...far a bheil sinn nar suidhe an-dràsta, nuair a bha i na, na sgoil bheag seo, rud beag a bha seo agus na clasaichean a h-aon gu, gu ceithir tha mi a’ smaointinn, no…no trì, agus an tidsear a bh’ againn ’s e bean Thormoid Eòghainn, agus bha…bhiodh i na suidhe anns an oisean ann a shin agus bha stòbh’ bheag ann cuideachd. Uair san t-seachdain bhiodh...bhiodh ise a’ dol gu…bhiodh bhan a’ Choop a’ stad aig an sgoil is bhiodh ise a’ dol…a’ faighinn na messages aice ann a shin, so, an uair sin na clasaichean bu shine a bha iad sna rùman eadar…so bha mi ann a shin gus an robh mi aona bliadhna deug agus an uair sin chaidh mi a Dhalabrog.

EC―06:44: Agus an robh thu a’ fuireach shuas an Dalabrog nuair a bha thu as an sgoil, an robh thu ann an loidseadh shuas an sineach no an robh thu a’ tilleadh gach latha?

TM―06:51: Uill, bha piuthar m’ athar, Ceiteag, a’ fuireach an Dalabrog is gu math tric bhithinn a’ fuireach shuas an sin, ach bha, bha bus a’ tighinn a-nuas cho fada le Staoinebrig, agus tha…uaireannan gheibhinnsa dhachaigh na bu trice na feadhainn eile a bha ann an loidseadh shuas aig deas, mar…agus bha mi a-staigh aig tha…aidh, aig deireadh-sheachdain co-dhiù, aidh.

EC―07:29: Agus an uair sin dè rinn thu an dèidh sineach, an robh thu air falbh às an sgoil?

TM―07:34: Bha mi ann an...ann an Inbhir Nis airson dà bhliadhna agus tha…nuair a bha an dà bhliadhna suas an sin, tha…cha robh, cha robh fhios a’m dè bha mi airson a dhèanamh, so cha, cha do rinn mi ach tighinn dhachaigh. Fhuair mi licence dràibheadh fhad ’s a bha mi ann an Inbhir Nis, so thàinig mi dhachaigh is mar sin, bha bhan eile air an rathad is bha mi a’ dol mun cuairt a’ reic, ach sin, sin a…cha do rinn mi feum mòr dhan fhoghlam a bha sin tha mi cinnteach, ach siud…sin a bha mi airson a dhèanamh aig an àm, bha mi gu math faighinn dhachaigh, tha…agus tha mi air a bhith an seo on uair sin.

EC―08:30: An robh tòrr à Uibhist còmhla riut ann an Inbhir Nis nuair a bha thu ann?

TM―08:32: Cha robh an t-uabhas mar sin idir, cha robh…cha chreid mi gun robh duine ann à Uibhist a Deas. Bha…bha duine no dhà ann às Griomasaigh is an Ceann a Tuath, ach cha bhithinn a…cha bhithinn a’ faicinn an t-uabhas dhiubh, bha mise ann an…bha mise ann an loidseadh agus bha…bha na gillean eile a bha sin, bha iad anns a’…bha iad sa hostel, ’s dòcha chithinnsa orra san sgoil ach, chan fhaicinn mòran dhiubh air an, air an fheasgar ann, a bharrachd air a…nuair a bha sinn a’ deanamh ar rathad air ais às an sgoil feasgar.

EC―09:13: Tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn. Is nuair a bha thu fhèin òg, dè na cosnaidhean a bhiodh aig muinntir an àite seo, ciamar a bhiodh daoine a’ dèanamh beò-shlaint’ dhaibh fhèin?

TM―09:24: Ah…an ann nuair a bha mi a’ dol mun cuairt leis a’ bhan?

EC―09:32: Uill dìreach…dìreach nuair a bha thu a’ fàs suas nad bhalach òg, an robh…an robh daoine ag obair mun an range, ’s dòcha no an e croitearachd a bh’ aca, no an robh diofar…?

TM―09:40: Tha mi dìreach a…bha a’ chuid as motha aig an robh deagh, deagh obair’ s ann ag obair aig an range, obair ceàird is sin. Bha, bha cus a bharrachd dhaoine as a’ bhaile an uair sin a bha ri croitearachd so…bhiodh…aidh na…na…bhiodh iad…caoraich aca is crodh, is bhiodh iad ag obrachadh an fhearainn is a’ buan mhòine, is bha…bha gnothaichean gu math…gu math trang, ach, ach cuid mhòr dheth sin air falbh a-nist. Chan eil fhios ’am an robh mòran de, de dh’obraichean eile, dìreach na…dìreach mar a tha e an-dràsta, na companies bheaga, agus daoine a bha nan nursaichean is nan dotairean is mar sin air aghaidh.

EC―10:37: Agus dè mu dheidhinn cur-seachadan nuair a bha thu òg, an robh thu…an robh ùidh agad ann an rud sam bith, am biodh tu a’ cluiche spòrs no…dè…no beagan ùine a bharrachd, agus ’s dòcha nach biodh cus ùine agad leis a h-uile rud ach…an robh rudan ann a bha a’ còrdadh leat?

TM―10:53: Cha robh. Cha robh, cha robh mòran ùine againn mar sin, bhiodh…mach air a…mach air a’ bhan agus uaireannan, uaireannan ’s dòcha gum biodh e aon uair deug a dh’oidhche ma faigheadh tu air ais dhachaigh. Cha robh, cha robh an t-uabhas tha…ùine ann airson gnothaichean…gnothaichean, gnothaichean eile a dhèanamh. Bha dìreach…’s e…bha an obair a’ toirt suas cha mhòr a h-uile mionaid dha...dha do bheatha, ach aidh, ma dh’fhaodte airson ’s dòcha Disathairne, oh, uill, bhithinn a-mach air a’ bhan Disathairne cuideachd, Didòmhnaich nuair a gheibheadh sinn sìos...sìos dhan chladach no falbh air cuairt a dh’àiteigin.

EC―11:44: Is a bharrachd air ag obair as a’ bhùth, bha thu ag obair aig…an robh thu ag obair aig companaidh bradain cuideachd, son…?

TM: Bha. Aidh, rinn mi còig bliadhna air a…dol mun cuairt leis a’ bhan, agus an uair sin thòisich mi air obair a’ bhradain, is bha...bha i dìreach a’ tòiseachadh aig an, aig an am sin, bha mi…dìreach a’ chiad hatchery a bh’ ann an Uibhist a bh’ aig Mingearaidh far an robh an t-seann mhuileann agus bha na cèidsichean airson na...na bradain fhàs as a’ mhuir ann an...ann an Loch a’ Chàrnain, so cha robh...cha robh ann ach, cha robh ann ach chan eil fhios a’m, mu deich no dusan cèids’ no mar sin an toiseach, so tha, tha an gnothach air fàs gu mòr às an sin, is bha mi, bha mi còig bliadhna fichead ag obair aig obair a’ bhradain gus an tàinig gnothaichean gu…tha…tha…thug iad an obair a bha mise a’ dèanamh, thug iad e…chuir iad, chuir iad a-mach gu companaidh eile e, so…tha…mar sineach, bha mise deiseil air…aig obair a’ bhradain an uair sin.

EC―13:13: Seadh dìreach. Agus tha thu, tha thu an sàs ann an tòrr rudan, tha fhios a’m gu bheil thu a’ dèanamh iomadach rud le…toirt daoine a-mach air chuairtean, ag innse stòiridhean, ag obair le coimpiutairean is sineach. Ciamar a dh’ionnsaich thu na sgilean a th’ agad a thaobh, a thaobh sineach, agus is coimpiutaireachd is a h-uile rud? An d’fhuair thu trèanadh sam bith no an e dìreach rud a thog thu, thu fhèin, mar gum biodh?

TM―13:37: Cha robh, cha robh an còrr agam…cha robh an còrr agam air ach ionnsachadh nuair a bha mi aig a…aig a’ fish farm…tha…rinn iad suas as a…an fheadhainn a bh’ air tìr-mòr rinn iad suas gum feumadh sinn…a tha…an stoc a bh’ againn uileadh gun robhar ga chur air, air coimpiutair. Bha mise an uair sin…aig an àm sin bha mi ag obair san stòr a’ cumail a h-uile…gnothaichean a bhiodh feumach air bho latha gu latha, agus rinn iad suas gun robh seo ri dhol air coimpiutair, so fhuair mi cuireadh a dhol a…bha an oifis ann an Clydebank an uair sin, cha chreid mi. So, dh’fhalbh mi a-mach le bhan agus fhuair mi latha ionnsachadh air computers, ’s e an t-seann fhear a bh’ ann an uair sin, cha robh, cha robh Windows a’ dol an uair sin ann, dh’fheumadh tu na…thu fhèin na commands uile a ghabhail a-staigh, agus fhuair mi aon latha sealltainn dhomh mar a dh’obraicheadh an siostam a bha seo is an uair sin ‘tha siud a-mach à seo is air ais dhachaigh’, so cha robh agam ach…dìreach a’ chuid a’ b’ fheàrr a dhèanamh dheth, so aidh, ghabh mi, ghabh mi ùidh ann an obair a’ choimpiutair gun teagamh, is thòisich mi air leughadh suas mu dheidhinn ’s a…aidh bha e a’ còrdadh rium a bhith ag obair air.

EC―15:09: Is, is bidh thu gan càradh cuideachd, nach bi?

TM―15:12: Aidh, bhiodh, bha, bha…tha…thàinig e gu…thàinig e gu ìre far an robh sinn feum...gun robh mise feumach air coimpiutairean ùr airson, airson obair, ach cha robh iad airson an t-airgead a chosg, so tha…thòisich mi air ceannach na bìdeagan a dh’fheumainn beag air bheag, agus an uair sin chuir mi fhìn fear ùr na chèile is tha…cha robh sian a dh’fhor aca gun robh fear, gun robh fear ùr agamsa. O bha e caran cealgach, ach ’s e an aon dòigh a bh’ ann air an gnothach a dhèanamh.

EC―15:21: Ciamar a bha e ag obair air do cheann fhèin, an dèidh a bhith ag obair ùine mhòr aig companaidh, an robh e doirbh an toiseach no…?

TM―15:57: Bha, bha mi air mo chlisgeadh an toiseach an dèidh ’s dhomh a bhith còig bliadhna fichead a’ falbh às an seo, a’ falbh dhan aon obair, ach tha, tha…bha mi, bha mi a’ faighinn obraichean beaga thall is a-bhos, cha robh, cha robh mi nam thàmh idir idir, bha...bha obair computers bha mi, bha iad…rud sam bith a thigeadh nam rathad, bha mi greis a’ postachd nam biodh daoine dheth is ag obair ann a…bha scheme shìos an Lionacleit an sin, OFTTI, a bha ag obair còmhla le daoine a bha feumach air cuideachadh, agus bhithinn a...bhithinn a’ seasamh a-staigh an sin an-dràsta ’s a-rithist agus tha…treis ag obair air a’…bàta a bh’ air…a bha aig an range airson dol a-mach a thogail na plèanaichean beaga, na targaidean nan leigeadh iad, nan leigeadh iad a-nuas, nan leigeadh iad a-nuas sa mhuir iad. Bha mi a’ dèanamh bliadhna siud, bha…ach bha, an dèidh ’s dhomh a bhith a’ dèanamh an aon rud airson còig bliadhna fichead, an uair sin na bliadhnaichean mu dheireadh tha mi air…tha mi a’ dèanamh an t-uabhas diofar ghnothaichean. Tha mi cuideachd ag obair air càradh, càradh bhicycles is a’ cur, a’ toirt bicycles a-mach air iasad de dhaoine airson…son siubhal tro na h-eileanan is chuirinn, chuirinn bicycles dhaibh an Èirisgeigh is dh’fhàgadh iad an Leòdhas iad. Bha mi a’ dèanamh sin, bha mi a’ dèanamh sin suas gun a...gun an-uiridh, tha daoine eile ga dhèanamh a-nis. Agus, aidh, an uair sin thòisich obair nam busaichean, a’ dèanamh…daoine ag iarraidh tour guides is ’s ann caran an aghaidh mo thoil e. Thòisich mi air an sin ach…

EC―18:10: Dè...so dè as coireach, dè nach...dè nach robh tighinn riut, mar gum biodh?

TM―18:16: ’S e Kennag shuas an rathad an seo, ’s i…bhiodh ise a’ dèanamh nam busaichean…tha…na, na guide, agus bha i ag obair, bha i ag obair sa cholaiste air, air làithean…agus o, gabh mo leisgeul…tha…corra latha nam biodh tour ann bha i…aidh, aon latha thàinig i thugam is dh’fhaighnich i an seasainn a-staigh air a shon is cha robh mi air a shon idir idir, is thuirt i ‘oh, bheir mi dhut an stuth a dh’fheumas tu’ is…

EC―18:48: Is a-niste tha thu ga dhèanamh cho nàdarra ’s a th’ ann! Tha e dìreach furasta, cho furasta dhut tha mi a’ creidsinn.

TM―18:52: Sin agad e, aidh, a’ chiad latha bha mi dìreach air mo chlisgeadh, bha, bha.

EC―18:58: A bheil e rud beag mì-nadarra ’s dòcha a bhith a’ seasamh aig, aig toiseach a’ bhus agus bruidhinn gun…le do chùl le daoine, no a bheil thu a’ faireachdainn cofhurtail a bhith, a bhith ga dhèanamh a-nist, a bheil e a’ fàs nas fhasa?

TM―19:09: A-niste ’s toil leam ga dhèanamh, aidh tha…uill…’s toil leam an cothrom innse dha na daoine a h-uile sian mun, mun àite seo fhèin agus gu h-àraid mun, mun a’ chultair againn, o chionn ’s tha…tha mi a’ smaointinn gu bheil tòrr dhan fheadhainn Ghallta, tha beachd uile gu lèir eadar-dhealaichte aca air beatha san àite seo bho latha gu latha, so...

EC―19:45: Ciamar a tha thu a’ cumail suas air, air a h-uile fiosrachaidh airson a bhith…son dh’fhaodadh daoine a bhith a’ faighneachd ceistean tha mi a’ creidsinn air cuspair sam bith, nach biodh? Am bi iad a’ faighneachd ceistean dhoirbh uaireannan, no…?

TM―19:56: Aidh, bidh iad a’ faighneachd ceistean gu math neònach uaireannan gun teagamh ach…aidh, tro, tro na bliadhnaichean tha mi air a bhith a’ cruinneachadh fiosrachadh is stuth is tha e uileadh agam air notepad beag a-nis, is rud…gnothaichean nach eil, gnothaichean nach eil agam nam cheann mar is trice, thig agam air coimhead suas is freagairt a thoirt, thoirt dhaibh mar…tha, aidh, daoine à, daoine à Alba, às an dùthaich seo is às na, na bailtean, tha à-san, tha fhios aca mar a tha gnothaichean is tha iad furasta gu leòr, ach daoine às a’ cheann eile dhan dùthaich, gu h-àraid dhaoine às na, às na bailtean mòra, tha…tha iad a’ smaointinn gum faodadh daoine a bhith gu math fada air ais an seo fhathast. Bidh iad a’ faighneachd a bheil uisge sna taighean, is a bheil dealan againn agus cùin a fhuair sinn rathaidean, rathaidean teàrr, is…aon duine a’ faighneachd dhomh dè, dè a bhios a’ tachairt do dhaoine an seo nuair a bhios iad a’ bàsachadh, is…bha mi a’ faighneachd dha dè bha e a’ minigeadh is bha e a’ ràdh ‘Uill, chan eil dotairean agaibh is chan eil, chan eil tha…undertakers an sin…’ is thuirt mise ‘Uill, tha idir…tha feadhainn dhiubh air a h-uile eilean, so bidh, aidh bidh thu a’ faighinn ceistean neònach mar sin ann.

EC―21:36: Ach ’s e rud math a th’ ann nach e, ’s e obair inntinneach a th’ ann nach e, am measg diofar dhaoine is…?

TM―21:39: Oh, ’s e aidh ’s e, aidh ’s e, och aidh.

EC―21:43: Agus an robh, an robh duine, an robh duine ainmeil a-riamh an seo? An robh thu a-riamh a’ toirt duine ainmeil timcheall an eilein, no airson fiosrachadh fhaighinn is eòlas air an àite, no…?

TM―21:55: Chan aithne dhomh gun robh. Cha chreid mi gun robh.

EC―22:01: Prionnsa no rìgh no cuideigin no leithid sin no…?

TM―22:04: Cha chreid…no, cha robh. Tha…agus no, no, cuideachd tha, tha,..thòisich mi air obair…coimhead às dèidh obair sloinnearachd an sin is tha…thòisich mi a’ dèanamh a’ chraobh agam fhìn an dèidh ’s nuair a bhàsaich m’ athair, agus thòisich sin a’ fàs nas motha is nas motha is a-nist tha…bidh, bidh daoine tighinn a’ faighneachd mu...mu...mu ghnothaichean a dhèanamh le obair teaghlaichean.

EC―22:48: Tha iad a’ tighinn bho iomadach àite tha mi a’ creidsinn, am bi iad a’ faighneachd dhut…?

TM―22:51: Bithidh, bithidh. Aidh, is bidh, bidh a’ chuid mhòr aca, bidh iad fhèin air an rannsachadh mòr a dhèanamh mun tàinig iad, is tha fhios aca dè tha iad a’ coimhead air a shon. Ach, uaireannan bidh duine no dhà ann, tha…thàinig duine às na Stàitean agus ’s e duine ionnsaichte à…à fear dha na h-oilthighean a bh’ ann, agus bha e a’ ràdh gun tàinig a shinn-sheanair às na h-eileanan agus gun e, gur h-e John MacDonald a bh’ air is saoil an robh tuairmse sam bith agam cò bh’ ann. Tha…tha…bha…aidh, cha robh e dìreach…esan air rannsachadh sam bith sam bith a dhèanamh, so tha cuid de dhaoine ann nach dìreach…nach urrainn dhut sian a dhèanamh dhaibh, gun tòiseachadh aig an toiseach is ùine mhòr a chur seachad. Aidh, bha…tha…bha mi a’ dol tron leabhraichean aig Iain…John Francis Campbell, na West Highland Tales, agus as an treas leabhar bha, bha e a’ bruidhinn air tè de na sgeulachdan a bha e air a thogail, agus bha e a ràdh ‘chuala mi an sgeul seo aig cuideigin…aig boireannach eile cuideachd’; bha, bha e ann am Poll a’ Charra ann an 1860 agus bha e a’ ràdh gun robh…gun do thachair e air a’ bhoireannach a bha seo, boireannach caol, falt dubh is sùilean glas agus bha i dìreach air tighinn à…às a’ chùirt ann an Loch nam Madadh. Bha i air a dìteadh airson a bhith a’ reic uisge-beatha mì-laghail agus tha…a-rithist, chuala e am boireannach seo a’ seinn as a...as a’ chidsin is chaidh e sìos agus bha i ann a shin na suidhe le leanabh beag is a’ seinn dha, agus bha…as na faclan aige fhèin, bha tribe de nighnean as a’ chidsin cuideachd, uileadh le falt fada dubh, agus iad uileadh mun cuairt air an teine is an làmhan mun cuairt air a chèile is cas-rùisgte. Agus tha, feumaidh gun tug am boireannach dha a…tha…an sgeulachd dha, coltach leis an tè a bha...a chuireadh e dhan leabhar. Agus bha, bha e follaiseach gun do rinn e…nuair a chuir e seo san leabhar gun robh e…gun do chòrd…tha…mar a bha an suidheachadh a bha seo leis, agus bha, bha mi fhìn a’ smaointinn tha, oh, bhiodh e inntinneach fhaighinn a-mach cò…cò an teaghlach a bha seo, agus dìreach…o chionn ’s bhiodh a’ census ann, ann am bliadhna às a dhèidh sin 1861, bhiodh e…bhiodh e...gheibheadh tu a-mach cò bha ann an Poll a’ Charra an uair sin is bha mi air tìr-mòr, bha mi ann an Glaschu, is chaidh mi dhan Mhitchell Library agus bha iad uabhasach cuideachail an sin, is thug iad dhomh na census, is bha, bha iad gan cur air na machines a tha sin far a bheil iad a’ ruith air ais is air aghaidh, agus bha mi, bha mi a’ smaointinn ged a bhiodh e furasta gu leòr Poll a’ Charra fhaighinn, ach ged a bhithinnsa siud fhathast, bha, bha film ann cha robh e uabhasach math agus tha mi a’ smaointinn na pàipearan a bha aca le na dealbhan no dhà leotha, cha robh iad math san toiseach is bha, bha e doirbh a leughadh agus dh’fhàilig e orm, thug mi suas agus thàinig mi dhachaigh. Agus an uair sin bha mi a’ smaointinn oh gheibh mi e anns na leabhar na ‘Croft Histories’, gheibh mi a-mach cò bh’ ann’, ach bha mi a’ smaointinn feumaidh mi a bhith caran cùramach, ’eil fhios agad, cò dh’innseas tu mu dheidhinn seo o chionn ’s dòcha nach biodh daoine uabhasach toilichte nan innseadh tu dhaibh gun robh cuideigin de na daoine a bha iad càirdeach dhaibh, gun robh iad air an dìteadh airson a bhith a’ reic uisge-beatha mì-laghail. So, ach bidh thu…choimhead mi suas as na Croft Histories agus theab mi dìreach, theab mi dìreach tuiteam, ’s e mo shinn-shinn-sheanmhair fhìn am boireannach a bha seo leis a’ ghruaig dhubh is na sùilean glasa, agus tè de na nigheanan beaga a bha sin, bha ochdnar, ochdnar chloinne aca, so sin agad an tribe of girls a bha John Francis Campbell a’ bruidhinn mu dheidhinn. So, bhiodh tè de na nighnean beag a bha sin aig trì bliadhna dh’aois, sin agad mo shinn, mo shinn-sheanmhair, phòs i mo shinn-sheanair Dòmhnall Dòmhnallach a bha à Beinn na Faoghla, so sin agad stòiridh bheag mu na…mu na daoine dhan bheil sinn càirdeach. ’S e Camshrònaich a bh’ annta sin, ’s e Camshrònaich uile, bha Poll a’ Charra gu math…

EC―28:50: ’S e ainm caran…caran annasach airson Uibhist a th’ ann an Camshron? Cò às a thàinig e saoil nad…an ann à..?

TM―28:57: Thàinig esan…tha mi a’ smaointinn gun tàinig e ann à Barraigh an toiseach, agus aig aon àm bha bùth aige ann an Togh ann a sheo, agus an uair sin fhuair e…fhuair e, fhuair e Poll a’ Charra, agus tha mi a’ smaointinn às deaghaidh de…dh’fhalbh iad à Poll a’ Charra gun robh an Càrnan aca, an taigh-òsta.

EC―29:17: Taigh-òsta a’ Chàrnain?

TM―29:18: Aidh, aidh, ’s e…agus…tha…chan eil fhios a’m a bheil ceangal sam bith eadar am boireannach seo a bhith a’ reic uisge-beatha mì-laghail agus an teaghlach agamsa a bha uaireigin ga dhèanamh…so chan eil fhios an ann, an ann ’s dòcha mar sin a thàinig iad còmhla.

EC―29:44: Beagan, beagan co-obrachaidh mar a chanas iad.

TM―22:51: Biodh, aidh.

Short url:   http://multidict.net/cs/7853