This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

CM 1 - Leaving Barra and heading for Australia

Calum MacNeil (Calum Dhòmhnaill Eòis a’ Phosta)
[ZW:] Zachary Wallace

[ZW:] So, dè an t-ainm no an sloinneadh a th’ oirbh?
[CM:] ’S e Calum Dhòmhnaill Eòis a’ Phosta, sin agad an t-ainm a th’ agam ann am Barraigh. A thaobh, Dòmhnall, uh, am posta, ’s e a’ chiad, chan e, bha e na phosta ann am Barraigh, agus Dòmhnall Eòs, sin agad an gille aige agus, uh, sin m’ athair-sa. Ach ann am Beurla, a thaobh, cha robh againn, cha b’ urrainn dhuinne an t-ainm ùisideadh ‘Calum’ an uair sin idir, is mosach a bha an charge, air uh, social services no dè an uair a bh’ ann, uh, bha, dh’fheumadh iad fear Beurla a chur air, so, sin as adhbhar a tha Malcolm orm, Malcolm Andrew MacNeil an àite ‘Calum’. And uh, agus mo phiuthar an aon rud, Mòrag, ’s e Marion a th’ oirre, agus cha lugha e, an diabhal, cha toil leatha idir e, ach siud agad a chuireadh sìos iad, sin mar a fhuair mi, so, fhios agad, Calum Dhòmhnaill Eòis a’ Phosta, sin agad, sin agad cò th’ annamsa. Malcolm Andrew MacNeil air an taobh eile.
[ZW:] Glè mhath. Agus, mar sin, ’s e MacNìll a th’ annaibh. Um, cuin a rugadh sibh?
[CM:] A Dhia agus a Mhuire, chan eil cuimn’ am! Ah, ann an 1935.
[ZW:] Agus càite?
[CM:] Ann an Eòlaigearraidh. Air Stupid Street. Sin far an deach mo thogail, na Stupid Streets.
[ZW:] Agus uh, dè seòrsa dòigh-bheatha bh’ agaibh san àit’ agus san àm sin? Ciamar a bha sin, nuair a bha sibh beag, agus a’ fàs- beag is piollach?
[CM:] Nuair a bha sinn beag, naoi cheud, uill, thaobh bha m’ athair a’ falbh tàilleabh a’ chogaidh, ’s a, dh’fheumadh iad a dh’fhalbh, fàgail Barraigh co-dhiù airson a dhol a dh’obair. Dh’fheumadh sinn èirigh sa mhadainn, ’s dòcha a dhol dhan tobar a dh’fhaighinn bucaid uisge, airson, am bainne, no airson, uh, brochan a dhèanamh, no ge b’ e dè rud ri ith… a’ bleoghann nam beathaichean, a’ faighinn maidean air a’ chladach airson an teine, cha robh, bha thu, bha thu daonnan ag obair, daonnan, nuair a bha thu beag, actually, gus an do dh’fhàg mi, eadhon an dèidh dhomh Barraigh fhàgail, bha mi- bidh mi daonnan ag innse naidheachd: theann mi air steamboat aon trup, agus bha mi oirre airson, uh, naoi mìosan. Agus bha còrr is ceud not agam nam phòca. An uair sin ’s e airgead mòr, mòr a bha sin. Agus, heh, chaidh mi dhachaigh, tha cuimn’ am gu bràth air, agus a’ chiad rud a thuirt mo mhàthair rium:
“Thalla a m’ eudail dhan tobar a dh’iarraidh uisge.”
Bha mi ag ràdh rium fhìn:
“Dè an saoghal a shiubhail, an tèid mise ri ceud not nam phòca, chan fhaighinn-sa diabhal duine sam bith a dh’fhalbhadh dhan tobar dhomh!”
Dh’fheumainn mi fhìn a dhol. Ge b’ e dè cho beartach ’s a bha thu, dh’fheumadh tu fhèin a dhol dhan tobar! So tha cuimhn’ am air sin. So sin airson togail, àidh, bleoghann, bhiodh sinn a’ bleoghann bheathaichean, ’s uh, a’ togail na srùbain a chunnaic thu air uh, air uh, a’ phostair tha siud. Bhiodh sinn a’ reic an t-srùbain ris an… tourists, agus ga chur air falbh dhan bhaile mhòr.
[ZW:] Agus, ciamar a bha an dualchas Gàidhealach san àm sin mar gum b’ eadh, an robh taighean-cèilidh ann? An robh cèilidhean a’ tachairt, an robh…?
[CM:] Bhiodh, uill, bha taigh an ath dhoras dhomh, agus, um, uh, Leòdhasaich a th’ annt’, bidh iad a’ gàireachdainn mu dheidhinn, rin can iad ‘Taigh a’ Chlibein’. ’S e taigh-tughaidh a bh’ ann. Agus bha… ’s iad an aon fheadhainn a b’ aithne dhomh-sa aig an robh rèidio, agus aig àm a’ Chogaidh, as a’, bhiodh sinn ag èisteachd ris a’, [XX], tha cuimhn’ am air sin nuair a bha mi gu math beag, a’ dol, bhiodh na bodaich a’ dol a chèilidh a Thaigh a’ Chlibein, sin a thaobh is sin far an robh uh, an r-, an robh rèidio aca. Agus cha robh batteries no sgath, bha… um, so, liquid, uh, liquid, um, batteries a bh’ aca… chan eil cuimhn ’am uh… a Dhia, chan eil cuimhn ’am dè an t-ainm a bh’ orra ach bha ainm orra co-dhiù, dh’fheumadh tu dhol suas a Bhàgh a’ Chaisteil airson an recharge-adh an-dràst ’s a-rithist. A-accumulators! Sin an rud a bh’ air!
[ZW:] Accumulators?
[CM:] Yeh.
[ZW:] Agus uh, tha mi ’n dùil, ma-tha, nach robh ach a’ Ghàidhlig ri cluinntinn an uair sin? San àm a bha sin, is cha robh – cha robh mòran den a’ Bheurla!
[CM:] Uill, ah, innsidh mi dhut, uh, naidheachd a-niste mu dheidhinn Beurla. Nuair a thàinig na ‘homers, shin agad an fheadhainn, uh, à Glaschu ’s am baile mhòr, fhios agad, bha iad an [Northwoods/?] an dèidh a’ Chogaidh, thàinig a dhà no trì aca, oh an t-uabhas aca a Bharraigh actually, ach thàinig dithis aca dà thaigh bhuainn ann, agus bha mo phiuthar, an tè bha thu a’ bruidhinn rithe air a’ fòn an-dràst, bha i gu math beag an uair sin, agus tha cuimhn’ am oirre a dhol a-null, chun an tobair, bha, bha, far an robh iad, agus bha iadsan a-muigh, agus thill i air ais a chluinnteil:
“Stop this! Come here!”
Thòisich i air ionnsachadh Beurla! Tha, tha cuimhn’ am, cuimhn’ am air siud gu bràth! Cha chuala sinne facal Beurla ach san sgoil.
[ZW:] Agus, cuin a chaidh sibh dhan sgoil, an toiseach?
[CM:] Ò mu, an dèidh, bha thu, bha thu barrachd is còig bliadhna mun tigeadh tu dhan sgoil, eh. Agus chaidh mi dhan sgoil, bha thu d-, fhathast ag obair, dh’fheumadh tu tighinn dhachaigh a dh’obair is uh, really cha-, an sgoil, an aon rud a b’ aithne, bha deagh thidsears againn, ach cha robh m’ inntinn idir san sgoil. Bha m’ inntinn daonnan-, gu sheachd àraid am feadhainn dhan taigh againn a thigeadh air chèilidh air chuideigin, am feadhainn tha sin air muir, na balaich òga. Agus bha iad sin am Montreal ’s an Hong Kong, bha mi ag ràdh rium fhìn:
“A Mhuire mhàthair, tha mi ’n dòchas gum faigh mi siud!”
Is tha ciumhn’ am gu bràth, daonnan a’ bruidhinn mu dheidhinn Joe Beef’s, sin agad pub ann am Montreal, agus air m’ onair a Dhia, fad mo bheatha, bha mi daonnan airson a dhol a Joe Beef’s. M’ onair a Dhia! Co-dhiù-
[ZW:] An d’ fhuair sibh riamh ann?
[CM:] Fhuair mi ann! Fhuair mi ann, a m’ eudail, uh, an dèidh ùine mhòr, mhòr, bha iad uh, bliadhnachan an dèidh sin, bliadhnachan an dèidh, an dèidh dhomh, an, an na States fhaighinn, deport mi out na states, shin a land mi ann am Montreal ann a… Joe Beef’s. Cuimhn’ am siud gu bràth.
[ZW:] An robh an sgoil an uair sin gu tur sa Bheurla, no an robh a’ Ghàidhlig ann cuideachd?
[CM:] Dè rud?
[ZW:] An robh, an robh an sgoil an uair sin, an robh, an robh a h-uile càil bha sin sa Bheurla, no an robh…?
[CM:] Uh, bha iad ag ionnsachadh Beurla dhut, ach bha… nuair a dh’fhàs thu na bu shine, mar… ’s dòcha deich bliadhna, aon deug no rudeigin, bha sgoil special, bha uh, clas ann an Gàidhlig. Dh’fheumadh tu sgrìobhadh Gàidhlig ’s a h-ionnsachadh. Ach na boireannaich, bha iad uabhasach math gu sgrìobhadh Gàidhlig. Is, uh, chan eil càil a chuimhn’ agam ach… bhiodh sinne daonnan a’ dol gu navigation class… sin a dh’ionnsaich iad dhuinne, ròpannan, knots, is, is, bidh mi [XX] daonnan, nuair a dh’fhàg mise an sgoil, dh’fhaodainnsa an Queen Mary fhaighinn agus ga toirt a dh’àite sam bith air an t-saoghal, le chart, chionn ’s b’ aithne dhuinn na charts… magnetic north neo magnetic… whatever, various, h-uile sgath mu dheidhinn sin. Mag- dè na rudan eile, chan eil cuimhn’ am orra a-nist’, mu dheidhinn an iarainn san sgoil agus a’ bhàta agus an compass, dh’ionnsaich thu a h-uile sgath mu dheidhinn sin mun do dh’fhàg thu. B’ aithne dhut a h-uile sgath.
[ZW:] A’ bruidhinn air a sin, an do dh’ionnsaich sibh fhèin riamh leughadh neo sgrìobhadh sa Ghàidhlig?
[CM:] Cha… cha do bhodraig mi ris, air dòigh air choireigin, chionn bha mi daonnan ga bruidhinn, ge brith càit’ an deach mise, ge brith càit’ an tiginn, bhithinn daonnan còmhla ri Gàidheil. Agus sin rud nach- daoine, nach eil iad a’ tuigsinn, bha mi air falbh son ùine, bha mise leth-cheud- uill, dh’fhàg mi chionn còrr is dà– trì fichead bliadhna on dh’fhàg mi Barraigh, ach cha do chaill mi riamh a thaobh bha mi daonnan còmhla ri Barraich na Leòdhasaich. Sin agad an aon dhaoine a b’ aithne dhomh fad an t-saoghail, ge brith an– agus gu sheach àraid Leòdhasaich, chionn bha iad air feadh an àite. Air m’ onair a Dhia!
[ZW:] Tha, tha iad air feadh an àite.
[CM:] Chan fhaigh thu rid dhan an diabhal a tha siud!
[ZW:] Chan fhaigh idir. Agus, cuin– cuin a dh’fhàg sibh an sgoil?
[CM:] Oh dh’fhàg mise- dh’fhàg mise aig còig-deug… neo… bha mi còig-deug, tha mi smaoineachadh, mu chuairt air, agus mun a robh mi ceithir-bliadhn’-deug, chaidh mi gu muir. Actually, bha mi ag iarraidh a dhol gu George Brown, ach cha robh mo Bheurla cho math na sgrìobhadh na sgath, so… dh’fhalbh- chaidh mi gu muir. So, son faighin gu muir, nuair a smaointicheas tu, gheibh thu fishing discharge, agus sin agad pàipear, mar a tha thu a’ faighinn Masters degree, gheibheadh tu fishing discharge, pìos pàipeir agus ‘standard’, fhios agad, ‘this man has served on the…’ ah, Dhia, actually [XX] a bha siud eh, am [Pòl/?], ’s ann leis a bha i, sgoth-iasgaich. Agus chan eil fhios ’am cia mheud ceud gille bha ag iasgach còmhla ris an dèidh sin, cha deach mise riamh goirid air, ach sgrìobhadh iad- sin an rud, sgrìobhadh iad sin, agus gheibheadh tu an tackle san litir, agus shoidhneadh esan e. Chionn bha esan taghta, gheibh e maitheanas a h-uile latha. Shoidhneadh esan e, gheibheadh tu sin a Ghlaschu, ’s bheireadh tu dhan shipping master e, dhan pool master. Right away, bha thu a’ faighinn OS air bàta. Bha thu- bha thu air thoiseach, bha thu dà- bha thu bliadhna air thoiseach air truaghan a’ tighinn a Ghlaschu. Thaobh, agus bha iad ceart ann an dòigh, a thaobh, dh’ionnsaich iad a h-uile sgath mu dheidhinn bàtaichean, agus bha thu mun cuairt sgothan agus, fhios agad, an cladach ’s a… bha thu eòlach air a h-uile sgath mu dheidhinn sin, sin agad carson.
[ZW:] Agus ciamar a chòrd sin ribh… a bhith air a– air a’ mhuir?
[CM:] Dè mar a chòrd rium càite?
[ZW:] Dìreach a bhith air muir.
[CM:] Uill, innsidh mi sin dhut, a’ chiad trup a chaidh mi gu muir– a’ chiad rud a thachair rud ma fàg thu Barraigh, chan fhaca tu sgath ann am Barraigh. Chan fhaca mi bus, neo electricity, neo uisge-ruith… neo toilet! A Mhuire mhàthair, chlisg mise a’ chiad trup a flush mi an toilet, cha robh fios ’am dè an diabhal a thachair, bha dùil ’am gun do thuit an t-ùrlar, thaobh, chan fhaca mi toilet a-riamh. Agus, bhiodh daonnan cuideigin gad toirt a-mach neo, roimhe sin, aig àm a’ Chogaidh nuair a bha daoine [...], bha iad air falbh air fad, neo aig toiseach a’ Chogaidh, b’ àbhaist dhaibh pìos pàipeir a chur air beulaibh an fheadhainn òga, agus a chur air: ‘Please put this man on the train to Glasgow’. No, bhiodh iad a’ dèanamh sin, no no, that was… sin an rud a rinn iad. Ach nuair a dh’fhàg– mun do dh’fhàg mise, thàinig m’ uncail a-staigh, Ruairidh a’ Phosta, bràthair m’ athar. Thàinig esan dhachaigh agus thug e a-mach sinn, sin thu a chantail, thug e a-mach mi fhìn is mo chousin a-mach. Agus a Mhic an Diabhail, anyway, cha bodraig mi sin ri ràdh, agus chaidh sinn a Ghlaschu. Sin mar a fhuair sinn a-mach. An uairsin thug e sìos dhan a’ phool sinn, of course, ghabh mise tè bheag nach bu chòir dhomh, chaill mi am Fishing Discharge. B’ fheudar dhomh sgrìobhadh air ais a-rithist. Sgrìobh an [XX] an àireamh dhomh, sgrìobh esan i, agus stamp e, chan eil fhios ’am dè brith bh’ ann ’s an uairsin, is fhuair mi an litir a-rithist, sin mar a fhuair mi gu muir.

So an rud a rinn e, fhuair e fear eile a-mach, Gioban, Iain Ghiobain, bha e aig– bha e caran an aon aois, an aon aois riumsa, ach bha e aig muir romham-sa, aon trup romham-sa. ’S fhuair… cha faigheadh e, Ruairidh a’ Phosta, chan fhaigheadh e air bòrd a’ bhàta a bha esan ag obair air idir, a thaobh, b’ àbhaist dhaibh daonnan cuideigin a thoirt còmhla riutha air a’ bhàta airson ’s gun ionnsaicheadh iad rudeigin, fhios agad. Ach bha am bàta làn [XX] ’s cha b’ urrainn dhaibh sgath a dhèanamh. So chuir e a-mach Gioban, Ruairidh Dhòmhnaill, agus mi fhìn air a… air am… British Realm, sin agad a’ chiad trup, a’ chiad trup a rinn i, maiden voyage, agus ’s i an tanker a bu mhotha am Breat– a bh’ ann am Breatainn aig an àm, believe it or not. Oh, spick and span! Sin agad a’ chiad trup, agus tha cuimhn’ am gu bràth, oh a Mhuire mhìn, bha e a’ tighinn son am Mediterranean son a’ chiad latha, neo an dàrna latha, agus thug iad dhuinn curry sa mhadainn, fhios agad, son breakfast. Uill, nuair a chunnaic mise an rud buidhe a bha siud, a laochain, air an truinnsear, oh! Mach à taobh a’ bhàta, the rail, gun do chuir mi a-mach mo mhionach. Oh tha, dìreach an coltas air, tha cuimhn’ am gu bràth air, dh’fhàs mi eòlach air curry an uairsin, ach roimhe sin, a Mhuire mhàthair, bha e coltach ri rud a chìtheadh tu anns a’ bhàgh, fhios agad. Oh, Dhia air m’ onair, bha e grannda a’ coimhead.

So, sin agad mar a thachair an-sin, so… bha na triùir againn, chaidh sinn air am British Realm, so Iain Ghiobain, sheall e dhomhsa, feumaidh tu siud, ionnsaichidh tu is… so, bha thu ann an sia seachdainean ullamh mun till sinn air ais gu leth-thàmh. Bha, dh’ithinn an uairsin e, dh’fhàs mi eòlach air. An uairsin thill sinn air ais agus, tha cuimhn’ am gu bràth, bhiodh na… feadhainn air a’ bhàta à Glaschu neo Sasainn neo cò às an robh iad, thuirt iad rium:
“[...]”
Thug iad an Arab à… Sheikh air choireigin, agus a dhà neo trì aige mun cuairt e ’s le gunnaichean, a choimhead air a’ bhàta chionn bha i ùr. Bha iad ag ràdh nach creideadh gun dèanadh i– 29,000 tonnes neo rudeigin ann an latha, 24– bha sin unheard of, an-dràsta, shin agad an uair an uaireadair, ach an uair ud, that was unheard of. Thàinig e nuas a choimhead, is thuirt iad rium:
“Tha airgead gu leòr aig an fhear ud, a Chaluim, thalla is dh’iarr air– faighnich dha an toir e dhut sgath.”
So chaidh mi sìos an gangway. By gosh, cha robh mi riamh [XX] mun do land mi shìos. Bha dà [veil/?] air, no kidding you, b’ fheudar dhomh a dhol suas an gangway a-rithist. Chan fhaighinnsa goirid dhan a sin, a bhalaich, chan fhaighinn goirid dha. Sin agad, sin [Amene/?] Al-Ahmadi a bha sin.
[ZW:] Agus ciamar a chòrd am baile mòr riut?
[CM:] A Dhia, but, roimhe– actually, [XX], dè mar a chòrd rium, an aon rud a bha mi ag ionndrainn gun do dh’fhàg mi Barraigh, ’s e an t-uisge. Oh, a Mhuire, Mhuire, nam faighinnsa deoch-uisge às an tobar, bheirinn dhut not. Chionn bha, an t-uisge a bha sa bhaile mhòr, fhios agad, na bàtaichean, och bha e grod an taca ri, fhios agad, nuair a bha thu ag òl an t-uisge às an tobar, cho glan ’s cho fuar ’s a tha e, fhios agad. Oh my gosh I’m, sin an aon rud a bha mi really a’ misseadh. Agus thug mo mhàthair dhomh long johns son mo chumail blàth, agus sa Mhediterranean, fhios agad, bha mi… bha fear, seann bhodach ann am Barraigh, bhiodh iad a’ gabhail, bhiodh daonnan còta mòr air as t-samhradh. So:
“Carson a tha sin ort sa samhradh, nach eil thu blàth?”
“Tha,” ars esan, “agus cumaidh e am blàths a-muigh e, ’s sa Gheamhradh cumaidh e a-staigh e.”
[laughs] Ah, seadh a-niste, so.
[ZW:] Agus, thuirt thu seo roimhe co-dhiù, gun robh sibh ag obrachadh ann an caochladh dhùthchanan, mar bum b’ eadh, air feadh an t-saoghail, agus ciamar a thachair a h-uile càil a bha siud?
[CM:] Uill, an dèidh an tanker fhàgail, chaidh mi air… feumaidh gun deach mi suas [XX], chaidh mi, chaidh mi suas chun na States agus Canada. Agus bha antaidh agam a’ fuireach ann am Vancouver, agus chòrd Vanc– oh, an taigh agus, a bhalaich, an steam ’s an corn, corn on the cob, and oh Mhuire mhìn, ’s e saoghal math tha seo, chan eil mise dol a thilleadh air ais tuilleadh. Uill, dh’fhalbh mi, a laochain, agus an do chuir i air bòrd a’ bhàta mi, son a’ [chlaiming/?] agus chaidh i sìos a Los Angeles far an robh an nighean aice, thaobh bha mi a’ dol a choimhead oirre son nach cumadh iadsan mi ann an Los Angeles. Thaobh bha iadsan ag iarraidh orm fuireach ann an Los Angeles, thaobh bha ise, ’s e nurs– tè dhe na nursaichean, dithis nursaichean a bh’ annta, ach bha tè dhiubh ag obair airson dotair a bha a’ toirt an aire dhan Mhafia, agus b’ aithne dhi am Mafia, fhios agad, connections. So thuirt i:
“Gheibh mise job dhut uair sam bith.”
Neo… ach cha leigeadh a màthair leatha mo chur air a’ bhàta. Ach nuair a thill mis’ air ais a Ghlaschu, bha mi ag ràdh rium fhìn:
“That’s it, tha mise a’ dol a dh’ àiteigin, chan eil mi dol tuilleadh-”
Chionn bha diofar mòr san t-saoghal an uairsin, diofar diofar mòr. So fhuair mi bàta a dhol sìos gu dh’Australia. Uill, a Chrìostaidh, a’ ghrian ’s am blàths ’s a’ snàmh ’s a… oh, bha mi ag ràdh rium fhìn:
“That’s it.”
Agus, bha Barrach còmhla rium, Ailean Mhol agus, oh, an toiseach chaidh mi a [XX], sin nuair a chaidh mi sìos, agus nuair a chunnaic mise an t-àite seo canaidh mi:
“By gosh, tha mise dol a dh’ fhuireach an-seo, tha mi a’ dol a dh’fhaighinn an-seo air dòigh air choireigin.”
…Hallo! Sin agad a’ bhean agam. Seo [...].
[ZW:] Hi.
[CM:] Agus, nuair a chunnaic mi Australia is New Zealand, neo dìreach Australia bha sinn an trup sin, bha mi dol a dh’fhuireach ann. So, nuair a thill mi air ais a Ghlaschu, chaidh mi dhachaigh, bha mi– bha fhios ’am fhìn nach robh mi dol a thilleadh, car, tuilleadh a Bharraigh. That was the end of it. So, chaidh mi a Ghlaschu, fhuair mi bàta a’ dol sìos gu Australia a-rithist. Uill, leum mi am bàta ann an Sydney, mi fhìn agus Guc a’ Chlachair, dithis Bharraich. Agus bha Barrach eile, tha e beò fhathast am Barraigh, Ailean Mhol, agus bha dà bhràthair aigesan aig muir romhamsa, fhios agad, na bu shine na esan.

So nuair a chaidh esan gu muir bha, b’ àbhaist dhuinne poc a bhith againn a’ tarraing an aodaich, bha case aigesan! Agus chuir e sa locker e, dh’fhalbh mise is ghoid mi am baga aige… son a dhol air tìr, chionn, cha b’ urrainn dhut a dhol air tìr le puicean agad air do… bhiodh tu air a dh’arrestadh right away. Dh’aithnicheadh iad gun do leum thu bàta. Ach ma tha baga agad ann a sheo a bha a’ coimhead gu math spaideil, fhios agad, bhiodh tu– emigrants a’ landadh. So ghoid an– ghoid sinn am baga aig Ailean. So a’ chiad job a fhuair sinn, oh tha cuimhn’ am gu bràth air, thachair mi ri Èireannach agus ri fear à Wales, agus thuirt iad:
“Oh, thalla sìos an t-sràid a bha seo, jobs gu leòr shìos an-siud.”
So choisich sinn sìos, fhuair sinn, oh, ceithir neo còig jobs a’ chiad latha, labouring. So, bidh– startadh a-màireach, a h-uile gin aca, ‘start tomorrow’. So phick sinn am fear a bha a’ pàigheadh a… am pàigheadh a b’ fheàrr, so thionndaidh sinn suas sa mhadainn. Fhios agad dè bha sinn a’ dèanamh, a laochain? Dh’fhaodadh, oh, a bhith a’ smaoineachadh – crann nam beathaichean, fhios agad, bhiodh na buidsearan ga fhàgail na crann air, tha thu gan cuir ann am poit mhòr ’s ga ghoil, a’ dèanamh tallow, oh my gosh, oh my. An t-àileadh is, oh jeez. Anyway, mhair sin son ceala-deug neo rudeigin. Chaidh mi sìos chun a’ waterfront, chionn bha mi air an waterfront nuair a bha mi air a’ bhàta roimhe sin. Thachair mi ri dhà neo trì dhe na… top notches an-sin is… so, chaidh mi sìos gan coimhead. So, an ath rud, fhuair mi job air a’ waterfront. ’S fhuair mi Gug a’ Chlachair air a’ waterfront, ’s fhuair mi an uairsin dà Shasannach air a’ waterfront. So bha ceathrar againn air a’ waterfront.
[ZW:] Agus dè cho fad ’s a bha sibh ann an Astràilia?
[CM:] Oh, b’ fheudar dhomhsa fhàgail, tha mi a’ smaointinn, dìreach beagan an dèidh bliadhna, a thaobh, bha iad às mo dhèidh… roimhe sin, ghoid mi crog mòr de dh’uisge-beatha às a’ charago, agus dhòrt air a’… air a’ charago, agus cha b’ urrainn dhan long showman a dhol a dh’obair ann leis an àileadh, so thàinig na poileasman air bòrd. So ruig iad air a’ Ghuc ’s nuair a ruig iad–

Short url:   http://multidict.net/cs/7948