This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

CM 3 - Meeting Islanders All Over the World


[CM:] Calum MacNeil (Calum Dhòmhnaill Eòis a’ Phosta)
[ZW:] Zachary Wallace

[ZW:] Ga thòiseachadh a-rithist, ma tha. Agus a-nist’ tha sibh ann an Lunnainn, agus dè rinn sibh an uairsin?
[CM:] Uill, a’ chiad rud a rinn mi… feadh an latha, chaidh mi a-staigh dhan phub, of course, fhuair– leig mi orm gun robh airgead gu leòr agam, cha robh agam ach a dhà neo trì notaichean air fhàgail on chollection a thug iad dhomh sa… sa phrìosan ann am Boston. So, thug mi a-mach, cheannaich mi pint ris a’ bharmaid a bha seo, oh, bha mi a’ bruidhinn rithe, fhios agad, car laghach is snog so… bha, bha triùir air a’ chòrnair air bòrd, pumped up, real winos, a’ chiad char sa mhadainn. Agus iad a’ coimhead… agus, tha mi dìreach daonnan a’ smaointinn mun deidhinn. Chunnaic iad an còta, tha mi a’ smaoineachadh gun do dh’aithnich iad an còta because, thaobh, am fear aig an robh an còta, ’s e bum a bh’ annsan cuideachd. ’S esan a land anns a’ mhall, fhios agad, no claim, no nothing. Agus dh’aithnicheadh iad an còta, tha mi smaointinn, agus fon chòta chìtheadh iad na khaki pants agus an t-aodann mòr, garbh, dearg [XX], agus bha mi gan watcheadh. Bha iad a’ bruidhinn ri chèile agus a’ coimhead orm. So anyway, thuirt mise ris a’ bharmaid, arsa mise:
“Is it alright if I take my coat off and leave it here, and I’ll be back in the afternoon?”
“Oh, no problem sir.”
’S gun do wrap i i. Cha do thill mise gu bràth tuilleadh son a’ ghalair còta a bha sin. Thaobh, thachair mi ri dhà neo trì Bharraich a b’ aithne dhomh ann an, bhiodh iad a’ tighinn a’ chall-adh orm ann an New Zealand, nuair a bha iad a’ ruith sìos an New Zealand. Agus bha iadsan an uairsin, fhios agad an tè, an cogadh a bh’ aca sa Suez Canal, bhloc iad an Suez Canal, uill, bha tè dha na Starboards glaiste ann a shin, so dh’fheumadh iadsan a bha a’ chriutha aca, a h-uile trì mìosan, bha iad a’ dol a-mach a’ relieveadh na daoine– son na generators, agus am fruit ’s a h-uile sgath riamh a chumail fresh gus am fosgladh an canal. Bha iad bliadhnaichean ann a’ dèanamh sin. So of course, bha airgead gu leòr aca, so, còig notaichean, dà nota. An ath rud, a bhalaich, bha a dhà neo trì… cha robh mi a’ dèanamh cho dona. Agus bha mi ag ràdh riutha:
“Na toir dhomh sin idir. Bheir dhomh ceud not, tha e nas fheàrr dhomh an uairsin, pàighidh mi air ais thu.”
“Oh no, cha leig thu leas. Seo còig, seo dhut a dhà, seo an aon fhear.”
An uairsin, feumaidh gun do dh’fhòn cuideigineach mo mhàthair ann am Barraigh, a dh’fhòn cuideigin. An ath rud, a laochain, thàinig am fear leis an robh an hotel. Ars esan:
“Your mother is on the phone, she wants to talk to you.”
’S thuirt mis’:
“Dè? Dè mar an diabhal a fhuair ise sin a-mach?”
So, a’ chiad trup ann an ceithir bliadhn’ deug a bhruidhinn mi rim mhàthair. Holy shit.
“A Chaluim, feumaidh tu tighinn dhachaigh.”
Cha robh even seacaid agam… an dèidh a bhith air falbh an ùine a bha sin. So thuirt mi rithe:
“A mhàthair, feumaidh mi a dhol a dh’obair an toiseach oir chan eil even aodach agam.”
Bha dùil aice gun robh mi dearg-rùisgte. Oh uill, a Dhia. Anyway, chuir ise thugam, oh, trì neo ceithir cheud not, ge brith dè chur i thugam, chun a hotel a bha siud, seo mar a fhuair mi e. Ach, an oidhche ud, a’ chiad oidhche, rachaidh mi leis na Barraich. Thuirt mi:
“Càite bheil thu fuireach?”
“Oh,” ars iadsan, anns an Seaman’s Mission.”
“Oh cho snog ’s a tha ùr ’s… Càit’ bheil e?”
So suas chun a’ Mhission a chaidh mi, a bhalaich, cò bha a’ tighinn a-nuas às a’ Hall ach an sagart? Arsa mis’:
“Calum MacNeil à Barraigh.” Arsa mise: “Any… a bheil rùm agad ann a sheo?”
“Oh tha, tha.”
Arsa mise: “Chan urrainn dhomh do phàigheadh an-dràsta, chionn, cha do rinn mi ach a dheportadh à Boston,” arsa mise, “is chùm iad m’ airgead, a thaobh bha mi a’ demonstratadh còmhla ris an fheadhainn dhubha.”
Fhios agad, thionndaidh mi na cards mun cuairt.
“Oh, you’ve done the good Christian thing.”
Ah so, thug e dhomh e, ’s bha rùm a bh’ agamsa na b’ fheàrr ’s na bu mhotha na bh’ aig na balaich, ’s iad a’ pàigheadh air a shon. Bha dithis sa rùm eile, fhuair mise fear dhomh fhìn! Oh God, a’ smaointinn.
“I’m– bheir dhomh seachd latha, pàighidh mi air ais thu.”
Uill, air an t-siathamh latha, thachair rudeigineach do Chaluim. Cha robh sgeul air. Theich e. Chan fhaca [XX]. Ach roimhe sin, bha [XX] agam ri dhol a Bharraigh, chionn thug mo mhàthair thugam an t-airgead a bha seo. So a-niste feumaidh mi seacaid. Uill, cha mhòr nach robh seacaid a’ cosg an aon uidhir ’s a bh’ agam de dh’airgead. So dh’fhaighnich mi dhan bharman, arsa mise:
“Bheil seacaid agad a faod thu toirt dhomh?”
Agus bha… bha e uabhasach coltach ris, mise bhith sa bhàr agus bha a h-uile duine a’ tighinn a choimhead orm a b’ aithne dhomh, Sasannaich ’s a whole lot. B’ aithne dhomh [XX] Communism [XX] waterfront a bhiodh daonnan a’ distributeadh pamphlets ’s a h-uile sgath riamh. Seo nuair a bha iad a’ formadh na Unions, na British Unions, so fhios agad, bha support agam às a sin. Cha robh, oh God, tha mi a’ smaointinn mu dheidhinn. So, thuirt mi:
“Bidh adhraidhean an-seo, fhios agad.”
“Oh bidh,” ars esan, “tha againn a h-uile madainn.”
“Oh, dìreach sin an rud a tha a dhìth orm.”
Cha robh mi anns an eaglais son bliadhnaichean, but anyway, that’s what I need. Uh, agus an uairsin, thug e dhomh an rùm a bha seo. My God, bha bathroom agam dhomh fhìn, self-contained. Chaidh mise dhan phub an oidhch’ ud. Uill, bha [XX] air na Barraich.
“A Mhic an Diabhail, ’s gun sgillinn agad. Coimhead air an rud a fhuair thu.”
Bha mi, aig ceann na sia latha, dh’fhalbh Calum. Ach mum falbhainn e, dh’fheumainn seacaid fhaighinn. So chaidh mi chun a’ bhàrman is thuirt mi:
“Bheil seacaid agad?”
Uill thug e a-nuas trì dhiubh, blazers. So, feuchainn, is choisichinn suas a’ bhàr, oh God, nuair a smaointicheas tu an [XX] a bh’ agam, ’s ann orm a bha an aghaidh. Choisichinn suas is:
“Ciamar a tha siud a’ coimhead?”
Thuirt mi seo ris an audience, gam watchadh.
“Bit tight, Calum.”
“Oh,” ars mise, “tha e car teann dhomh an-siud.”
So, feuch– anyway, dh’fheuch mi trì dhiubh, so fhuair mi fear, dìreach fit me uabhasach math.
“Tha am fear-sa glè mhath.” Thuirt mi: “I’ll tell you what,” arsa mise, “within two weeks, dà sheachdain, gheibh thu an còta sin air ais.”
“Oh, ceud taing, a bhalaich.”
Anyway, Calum… dh’fhalbh e ’s chan fhaca an sagart tuilleadh mi na duine, dh’fhalbh… bha mi am Barraigh. Of course, a’ chiad rud rinn mi, thòisich mi air ràcadh srùbain ’s gan reic, cha robh sgillinn agam. Agus thug cuideigin eile dhomh còta, a bha ann am Barraigh, cousin dhomh, thaobh bha i, bha an t-uisge ann, sileadh, so fhuair mi còta [XX]. Anyway, dh’fhan– dh’fhuirich mise airson greiseag bheag, thill mi air ais. Fhuair mi, tha cuimhn’ am, bha a h-uile duine ag ràdh nach– bha e doirbh job fhaighinn ann… san Alba aig an àm sin. Fhuair mi dà jhob, fhuair mi fear anns an shipyard agus fhuair mi fear as engineer air a’… air a’, tè dha na MacBraynes a tha siud. Chionn forge me fear dha na ticeadan, chuir mi ‘second engineer’ orra, fhios agad, [XX]. Cha robh mise nam engineer.
“Oh we haven’t– we haven’t got a job as an engineer, but we want the likes of you,” ars esan, [...].
Ars esan:
“Would you take a fireman’s job for–”
“Ah, not a problem. Willing worker, you know.”
So fhuair mi job nam engineer. Agus Donnchadh a’ Ghobha– Donnchadh [XX], tha e beò fhathast ann am Barraigh, bha esan a… ag obair air deic an-sin, fear uabhasach steady, twenty-odd years na deck-hand neo rudeigin crazy mar sin. Agus, dh’fhaighnich e, chunnaic e mi shìos sa vessel còmhla ris a’ fireman.
“A Chaluim, dè an diabhal a tha thu a’ dèanamh an-sin?”
“Oh,” arsa mise, “dùin do bheul!” [laughs]
So nuair fhaca e mi anns a’ phub an oidhche, dh’inns mi dha dè bha mi a’ dèanamh. So, sin far an do dh’fhuirich mi ann a shin. Oh… oh, actually, bha e furasta, bha, thaobh an uairsin fhuair mi job machinery chun an I.I. An uairsin, after, an dèidh– seo an dèidh dhomh an garaids– oh feumaidh mi an tè sin innse dhut, mu dheidhinn a’ chù. Fhuair mi job… no, dà jhob, fear dhiubh anns an shipyard, agus fear an Longannet Power Station. Agus ghabh mi am fear sin an toiseach, a thaobh bha mi a’ startadh an làrna-mhàireach, the job, so job eile a’ tòiseachadh, seachdain ann. So my idea was, ma gheibhinn an sack an-seo, bha job eile agam gun tiginn, fhios agad, feumaidh tu bhith air thoiseach air a h-uile sgath riamh. So, anyway, chaidh mi a-staigh is thòisich mi air an shipyard a bha seo. ’S e fear eile à [XX] a bh’ ann, agus bha e uabhasach fhèin keen air, air New Zealand. Agus thòisich mi ri innse dha mu dheidhinn rudan a bha mi a’ dèanamh an-sin, cho snog ’s a bha e ’s a h-uile sgath riamh. Thug e dhomh, a laochain, job in charge shuas gu h-àrd a’ dèanamh pìoban mòr, gan cuir ri chèile. So, thuirt e:
“You’ll get a labourer with it.”
Fhuair mi labourer còmhla rium, bha fhios aige, barrachd knowledge aig an labourer ’s a bh’ agamsa. Bha mi dìreach… chan eil fios ’am dè bha mi a’ dèanamh. Ach bha mi– fhuair mi math ann an uair neo dhà, dh’ionnsaich mi dè bh’ agam ri dhèanamh a thaobh, chan eil sgath dha doirbh really. So, bha mi uabhasach, uabhasach fhèin bragail, b’ aithne dhomh a h-uile sgath mu dheidhinn. Ach, a h-uile h-ochd seachdainean, chuireadh iad dhachaigh mi ann am Barraigh on holiday paid. Mhaireadh sin, a h-uile seachd gu ochd seachdainean. Oh my God, this is great. Bhiodh i– cha deach mi riamh a Bharraigh, chaidh mi suas chun a… chun a’ phub ann an Glaschu… the Bhroomielaw, that was my ceala-deug, seachdain ann am Barraigh, ann an Glaschu.
“Ach bidh thu,” thuirt mo mhàthair, “A Chaluim, feuch am faigh thu cù–”
Bha, dh’eug, chaidh an cù a mharbhadh neo rudeigin, aig mo mhàthair.
“Feuch am faigh thu cù mura tig thu dhachaigh.”
So, an labourer a bh’ agam, oh ’s ann a bha an diabhal air. Bhiodh esan, a laochain, a h-uile trì seachdainean, ghabhadh e seachdain dheth, a thaobh gheibheadh e an uairsin coupons son a’ chloinne son an sgoil, biadh, fhios agad, food coupons. Ma bha e dheth an t-seachdain ud, gheibheadh e na coupons. So, ghabhadh e seachdain dheth airson na coupons a bha seo fhaighinn. Thuirt mi ris:
“Eil seans,” ars mise, “gum faigheadh tu cù dham mhàthair? Tha mo mhàthair air a bhith ag iarraidh cù.”
“Chì mi dè nì mi.”
Uill, bha mi a’ dol dhachaigh, an trup-sa bha mi a’ dol a Bharraigh, tha cuimhn’ am b’ e Dihaoine a bh’ ann. Aig an aon àm a bha mise ri ag iarraidh enquireadh son job eile, a’ reic… rudeigin mu dheidhinn steel neo rudeigin, chan eil fhios ’am dè an diabhal a bh’ ann. Ach, my Christ, nach robh mi, chaidh mi son dà interview agus seo agad am final interview aig dithis againn, dol– bha aon fhear againn dol a dh’fhaighinn an job ann an Dùn Èideann shuas goirid dhan a’ railway station, shuas gu h-àrd. So, a-niste bha bogsa agam far an robh an cuilean a bha seo a bha mi a’ toirt dom mhàthair. So thug mi leam an cuilean a Dhùn Èideann.
“Ìosa, chan urrainn dhomh an cù a thoirt suas dhan an interview. Saoilidh an duine gu bheil mi crazy.”
So bha am fear a’ reic a’ phàipeir:
“Times, please, read all about it.”
Thuirt mis’:
“Excuse me, sir. Can I leave my box here?” Arsa mise, “bidh mi air ais ann an leth-uair an uaireadair.”
“Oh aye, fàg e.”
So chùm e a’ dol, a bhalaich, a’ reic. Chaidh mise suas dhan a’ hotel agus bha mise feitheamh ris, bha fear romham ’s an uairsin bha mise a’ feitheamh son an interview. Agus bha uinneag mhòr ann. Chìthinn shìos far an robh am balach a’ reic a’ phàipeir. Laugh! Chunnaic mi e agus e a’ coimhead air a’ bhogsa, agus a’ coimhead a-rithist air a’ bhogsa. Laugh! Thòisich e– cha robh fhios aige gun robh cù anns a’ bhogsa idir, fhios agad. [laughs] Thòisich am bogsa air gluasad… when I think of the laugh! An uairsin dh’fhosgail e agus ’s e cù a bh’ ann, bha e a’ feuchainn ris a’ chù a thoirt air falbh. [...]
“No, no, no!”
Cha b’ urrainn dhomhsa sguir a ghàireachdainn. Thàinig an duine is:
“Your turn to come in.”
Cha b’ urrainn dhomhsa sguir a ghàireachdainn. Arsa mi:
“Look down there.”
No, chaill mi an job right there and then. So, thug mi an cù dhachaigh gum mhàthair, ah gosh. Oh, carry-on, cha robh mionaid againn mu dheidhinn.
[ZW:] Cuin a bha sin? [XX]
[CM:] Uill bha sinn, an dèidh sin, cho luath ’s a fhuair mi– chaidh mi air a chur dhan I.I. Actually, a thaobh gun do dh’fhàg mi sin, bha pàrtaidh agam, fhuair mi an uairsin a Chanada. Ach cha b’ urrainn dhomh a dhol a Chanada a thaobh chaill mi m’ airgead aig… aig a’ chasino. So, fhios agad, bha pàrtaidh agam dhaibh, chuir iad air pàrtaidh mhòr dhomh ann an Glaschu, ach cha do thionndaidh mise airson na pàrtaidh idir, thàinig mi chun na pàrtaidh aig mu thrì neo ceithir uairean sa mhadainn. Bha a h-uile duine air falbh a chadal. So b’ aithne dhomh am fear aig an robh an taigh, fhios agad, an taigh, an apartment, so dh’fhuirich mise aigesan. Dh’fhaighnich e:
“Gu càit’ an diabhal an robh thu?”
So dh’inns mi dha. Arsa mise:
“An toir thu dhomh dà not, ach an tèid mi sìos a Ghreenock?”
Sin far a fhuair mi job as an engineer, fhios agad, dùil ’am gun gabhainn job an uairsin. Dh’fhuirich mi an-sin son greiseag, so… bha mi, from one engineer to another, an uairsin sin nuair land mi, a chaidh mi suas a Chanada. Land mi ann an Canada, bha thu supposed to a bhith– airgead a bhith agad mun d’ ruig thu Canada. Of course, the old casino got the money. Dh’obraich mi son ceala-deug neo trì seachdainean air [XX] an I.I., quit that. Oh, cha b’ urrainn dhomh seasamh an-sin. So fhuair mi ticead son a dhol a Chanada. A’ landadh ann am Montreal, tha cuimhn’ am gu bràth, baga mòr agam, làn mar seo. Chaidh mi air bus, Mac an Diabhail, chuir e air– dh’inns mi càit’ robh mi ag iarraidh stad, càit’ robh mi ag iarraidh stad, bha mi ag iarraidh stad sa Mhission, a thaobh, bha mi eòlach air am Mission a thaobh am Mission ann an Lunnainn, bha fhios ’am dè dhèanainn, fhios agad. Bha mi… mar, ins and outs. Anyway, dh’fhàg e aig an stop ceàrr mi agus e cho teth, July. Theab mi bàs fhaighinn a’ tarraing a’ ghalair. Agus cha robh rolan anns na bagaichean an uairsin idir, feumaidh tu an tarraing. Bha sin mun robh rolan neo rud beag, a’ lioftadh an galair rud a bha siud. So fhuair mi suas chun a’ Mhission, chunnaic mi am fear in charge dhen a’ Mhission. A’ chiad rud a dh’fhaighnich mi:
“Bheil sibh– bheil sibh a’ dol dhan eaglais? Am bi eaglais an-seo?”
No problem, fhios agad, right off the bat. Bha mi a-staigh an-sin, bha. Fhuair mi job, a laochain, a’ glanadh nan taighean-chachd, nan taighean-beaga dhan a… fhios agad, nuair dh’fhalbh iad air an oidhche. O aon uair ’s– o aon uair ’s deug gu seachd uairean sa mhadainn. Uill suit mise glè mhath chionn cha robh àit’ agam air an caidlinn. So chùm mi– rinn mi, fàg mi am baga ann a sheo, dh’fhàg mi… fad, bhithinn ag obair fad na h-oidhche agus bhithinn a’ cadal rè na h-oidhche, agus a’ glanadh na… Ach a’ chiad oidhche a bha mi ann, bha acras an diabhail orm, agus chaidh mi dhan chidsin. Agus bha, fhios agad, a h-uile sgath fosgailte. So ghabh mi, hamburgers, fhuair mi trì hamburgers, bhruich mi iad ’s dh’ith mi a h-uile diabhal a bh’ ann. Thàinig an galair Frangach, an searbhant a bh’ ann sa mhadainn, a’ complaineadh cò ghoid na, dè thachair dha na hamburgers. Ghlas iad a h-uile diabhal sgath às dèidh sin. An aon rud nach do ghlas iad ’s e an ice-cream, agus bhiodh an ice-cream agus an t-uisge, sin an rud a bha mi ag òl. Agus nan seallain-sa dhut an dealbh an dèidh ceala-deug ann am Montreal, chan aithnicheadh tu mi. Cha– bha mi cho caol ri caol, m’ onair a Dhia. Bha mi cho caol riutsa, honestly. I was 245, bha mi shìos gu 180 or something. Chaill mi a h-uile diabhal punnd a bh’ orm, my gosh. Ach an uairsin, aig an aon àm, cha do stad mi a choimhead. Chuir mi an uairsin m’ ainm sìos airson an S.I.U, son seòladh, agus chaidh mi chun a’ waterfront. Ach bha mi uabhasach lucky, nuair a bha mi ag obair ann an Auckland air a’ waterfront, bha Communists eile nach robh supposed a bhith ann a bha na head gaffer there, President. Agus bha e ann am Montreal. So chaidh mi sìos chun an fheadhainn chearta, dh’fhaighnich mi:
“A bheil Mr Isby there?”
“Just left, why?”
“I know him personally, he’s–” agus a h-uile sgath. “Got a job, tòisich a-màireach.”
Dè an job a fhuair mi? Oh, cooper. Uill, cooper, cha chuala mise riamh e. Bha fios ’am dè bh’ ann an cooper a’ dèanamh, bhiodh iad a’ dèanamh bharailtean. Chaidh mi:
“Diabhal, cha d’ rinn mise barailtean… Och! I’ve done that plenty of times.”
Taing do Dhia gun tuirt mi siud, chaidh mi sìos. Fhios agad dè bh’ ann an job a bh’ agam? A’ cur boltaichean ri chèile nuair a bha iad briste, dìreach tàirnean ’s a’ cur– oh, had it made. So dh’obraich mi an-sin son greiseag mòr. An ath rud, a laochain, fhuair mi air tè dha na bàtaichean. And that was the start of that. Theab mo… theab iad am shoot-adh an-sin cuideachd a thaobh thòisich mi ri sabaid ri fear a bha uabhasach [XX], galachan an-seo, a laochain, fhios agad, tha iad uabhasach… politically… uill, chaidh actually, am fear a bha mi a’ support-adh, chaidh an càr aige na theine is chaidh a mharbhadh ann a– ann am Vancouver am bliadhna ud, oh Dhia. So, actually, ’s e fear eile à Ceap– à Newfoundland a thuirt sin rium:
“Calum,” arsa e, “’s fheàrr dhutsa sguir neo bidh thusa a’ falbh cuideachd. Bidh iad gad thìodhlacadh.”
Thaobh bha mise uabhasach fhèin làidir an uairsin, dheidhinn, dheidhinn suas a bhruidhinn ri crowd, cha robh eagal orm, anything, I just… aye. So, sin agad mo shaoghal an-seo, so an dèidh sin gabhaidh– oh, dh’fhuirich mi sin airson dà thrup. Thàinig mi an uairsin… an uairsin chaidh mi suas a Vancouver, bha mi a’ dol– actually, bha mi a’ dol gu Vietnam, thaobh bha deagh jhob ann am Vietnam air an S.I.U, ach chan fhaighinn an job anns na States idir a thaobh, bha mi barred airson dà bhliadhna. So, ach nan tiginn à Tokyo, gheibhinn an uairsin air American boat an-sin. Agus an uairsin dh’obraichinn mun cuairt Vietnam and Tokyo and all, agus nuair a landas i back ann an, ann an… America ’s na h-uisgeanan ann an America, an uairsin dh’fheumainn a fàgail. Uill, cha robh sin a’ dol a chur dragh orm. Fhuair mi cho fad ri Vancouver, an diabhal mise, thachair mise ri fear a b’ aithne dhomhsa, [Mahedi Glenny/?], that was… [laughs]. Chaidh Tokyo air aghaidh an diabhail leat, ’s cha d’ fhuair mi riamh a Tokyo so… fhuair mi job an-sin a-rithist, oh, ag obair ann an assembly shop or whatever. Dh’fhuirich mi sin, an uairsin chaidh mi, an uairsin fhuair mi air ais air a’ waterfront ann an shop… air na docaichean, a’ caradh na bàtaichean. An tè seo, feumaidh mi innse dhut, chionn bha Leòdhasach ann… bha trì neo ceithir Leòdhasaich aig an àm còmhla rium ann a… ann am Montre– ann am Vancouver. Ach an trup-sa, fhuair mi job anns an shipyard, bha mi ann son a dhà neo trì sheachdainean, thuirt iad:
“Oh ’s aithne dhutsa an t-uabhas mu dheidhinn bhàtaichean, seo agad job agad.”
Agus sgoth, fhios agad na bàtaichean a tha siud a bhios a… a’ pushadh an fhiodh ann am Vancouver? Fhios agad, na floats, bidh iad a’… an t-uabhas floats mhòr de, de chraobhan aca, bidh iad gam putadh, you know? An fhaca tu iad? They– bidh iad, self-unloadadh ’s cuiridh iad caran an toiseach, tuitidh iad dhan abhainn, ’s an uairsin tha iad a’ putadh nan craobhan. Uill, tè dha na sgothan a bha siud, tha iad uabhasach beag, ach tha einnsean mòr, diabhalta annta, tha iad uabhasach làidir. Ach an rud a bha a’ tachairt, bha, bha rudeigineach ceàrr air… air an lann aig a’ phropeller far an robh, fhios agad, bha e a’ leakadh, so bhiodh iad a… first of all, cuiridh iad air bòrd a’ bhàta i, a’ dol suas, tha float mhòr ga toirt suas gu Northern Canada somewhere. An uairsin tha iad a’ pushadh na, na rudan a tha seo, na, na craobhan ’s a h-uile sgath riamh mun cuairt, ’s an uairsin cuiridh iad air bòrd a-rithist i. So thug iad am fear air bhòrd e, so, chuir iad sìos i, so, thuirt na Union stewards:
“I hope this is not going to,” fhios agad, bha iad daonnan having trouble, a h-uile trup riamh a bha i a’ faighinn tuilleadh ’s a chòrr de dh’uisge, dh’fheumadh iad stad ’s a bail-eadh a-mach. Chuala mi seo, mun èiginn seo:
“Don’t worry,” ars esan, “a guy from back home fixed it.”
Seo agad mise. Bha mi fhìn agus Tormod a bha seo. An rud a thachair, a laochain, start na h-einnseans ’s a h-uile sgath riamh. An ath rud, a laochain, cha robh cuimhn’ agam riamh, the [...], cha robh sgath ann, thàinig an t-uisge, poured right– dh’fhalbh i drrr, right into the bottom, chaill iad i. Chaill iad i, bha i right down the bottom! Chaill iad a h-uile sgath, b’ fheudar dhaibh tè ùr a thoirt suas. Of course, nuair a chuala mise sin air a’… fhios agad, iad a’ bruidhinn mu dheidhinn, agus iad enquireadh cò lìon e, chan fhaca iad Calum tuilleadh, off to Alaska, a Chaluim [XX].
[ZW:] [laughs] Ok, fuirich.

Short url:   http://multidict.net/cs/7950