This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Puirt-à-beul

Innis dhomhsa cài’l thu cadal

Innis dhomhsa cài’l thu cadal, cài’l thu cadal, cài’l thu cadal,
Innis dhomhsa cài’l thu cadal, 's cò tha cadal còmh' riut

Leabaidh àrd an taobh an teine, leabaidh àrd an taobh an teine,
Leabaidh àrd an taobh an teine, còmhla ri mo sheanmhair

Nam biodh agam trustar bodaich

Nam biodh agam trustar bodaich, bhogainn anns an allt e! (x3)
’S mur biodh e glan nuair bheirinn às e, chuirinn rithist ann e.

Gum bogainn e, ’s gun togainn e, ’s gum bogainn anns an allt e (x3)
’S mur biodh e glan nuair bheirinn às e, chuirinn rithist ann e

Traditional

Short url:   http://multidict.net/cs/849