This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Test of Tobar an Dualchais 3 - Am Prionnsa, an Sagart agus an t-Amadan

If at first this video does not play, then visit www.tobarandualchais.co.uk, then return back to here and refresh the page.

This is told by Angus John MacLellan, Hàclait, Benbecula - “Am Prionnsa, an Sagart agus an t-Amadan”.

Deiseil?
Tha.

Bha prionnsa mór ann (sin), agus bha e a’ smaointinn nach robh a leithid riamh ann, cho glic ris, cho beachdach ris, ’s cho fòghlamaichte ris.

Dé a thachair ach gun robh eaglais Chaitligeach faisg air a’ ..?.. aige. Agus an sagart a bh’ann, aig an àm, bha cunntais air gun robh e uabhasach fhéin gléasta fiosrachail, math anns a h-uile dòigh.

Agus dé a thachair, ach gun robh bràthair aige, a bha còmhla ris ag obair, agus bha iad daonnan ..?.. uabhasach coltach ri chéile.

Agus, chuir e seo, am prionnsa, chuir e fios air an t-sagairt. Cha robh fios aige fon t-saoghal, aig an t-sagart, dé an gnòthach a bh’aige ris. Chuir e iongnadh uabhasach air.

Dh’fhalbh e co-dhiù, agus ràinig e fad ris a’ phrionnsa. Thogadh e a-stigh dhan t-seòmar, far an .. am prionnsa.

“Tha thu air tighinn”, ars am prionnsa.

“Tha”, ars an sagart.

“Tha mi cinnteach”, ar am prionnsa, “gu ’eil iongnadh mór ort (gu dé) carson a chuir mise gad iarraidh.”

“Ba tha”, ars an sagart.

“Bha sin an gnòthach a th’agam riut”, ars am prionnsa. “Tha agad ri trì cheistean a fhuasgladh dhomhsa”, ars esan, “Agus cuiridh mise fios ort air an ré seo latha, airson tighinn ann an seo. Agus feumaidh tu na ceistean fhuasgladh. No mur am fusgladh cha bhi an corr saor agad.”

“Glé mhath”, ar an sagart. Agus dh’fhalbh e dhachaigh.

Bha e a’ dol mun cuairt mar a b’ àbhaist dhà, agus bha Alasdair, a bhràthair .. (a’ coimhead) .. (mar) daonnan còmhla ris. Agus chuir e uimhreachd air an t-sagart, nach robh e idir mar a b’ àbhaist dhà. Agus dh’fhaighnich e dheth, gu dé a bha ceàrr air.

“Chan eil sian”, ars an sagart.

“Ó tha”, arsa Alasdair

“A-nis! Chan eil ...”

’S a h-uile duine a bha timcheall, an fheadhainn a bha timcheall..nach robh Alasdair cho glic .. ’s bu chòir dhà. Agus is e ‘An t-Amadan’ a bh’ aca air.

“Ó chan e an aon duine a th’ ann”, arsa Alasdair, “on latha a bha sibh a’ coimhead air a’ phrionnsa. Feumaidh gun robh rudeiginich t-sònraichte eadaraibh, nach robh fiadhaich math.”

“Ó coma leat”, ars an sagart, “dé a bh’ ann.”

Short url:   http://multidict.net/cs/95