This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Iseabail NicAonghais (tro TeacherTube)

’S mise Iseabail NicAonghais, ’s tha mi à Staoinebrig ann an Uibhist a Deas. Tha triùir chloinne agam agus ’s e an nighean agam, Sarah, a bha gabhail pàirt ann am Pàrlamaid na Cloinne.

Fhuair sinn a-mach mun phàrlamaid, em, tron sgoil. Thàinig bileag dhachaidh às an sgoil ag iarraidh air clann an t-ainm aca a chur air aghaidh airson gabhail pàirt sa phàrlamaid. Agus mar a thig bileagan a-staigh do thaigh dh’fhàg sinn e ’s cha do rinn sinn sìon mu dheidhinn agus, seachdain mun do thòisich e, bhruidhinn mo charaid rium, eh, ’s i gus a bhith ag obair còmhla ris a’ phàrlamaid ’s thuirt i rium gu robh iad goirid de chloinn agus gu robh iad ag iarraidh dithis à Sgoil Staoinebrig, agus am feuchadh Sarah? ’S thuirt mi rithe “Well bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn ’s cha robh i cho, em, keen air fàs – keen air a dhol ann, ach bruidhnidh mi rithe a rithist agus canaidh mi rithe a dhol ann air a’ chiad seachdain agus chì sinn ciamar a thig i.”

’S dh’fhalbh i air a’ chiad Disathairne, agus chòrd e leatha cho math gun do chùm i oirre a’ dol ann. Em, bha i – bha am pàrlamaid a’ tachairt a h-uile mìos airson trì bliadhna. Bha iad a’ tachairt ann an diofar àiteachan air feadh na h-eileanan. Bha iad ann an Èirisgeidh, ’s bha iad ann an Hall Staoinebrig, ’s bha iad ann an Càirinis, ’s bha iad ann an Loch nam Madadh, ’s bha iad ann am Barraigh, so bha a’ chlann a’ faighinn cothrom a dhol air feadh na h-eileanan air fad. ’S bha sin cuideachd math dhan chlann nuair a bha iad a’ fuireach san sgìre aca fhèin.

Nuair a bha iad a’ falbh a h-uile Disathairne bha iad a’ gabhail pàirt ann an rudan gu math diofraichte a h-uile triop a bha iad a’ tachairt. Bha, bha ealan ann a h-uile seachdain, tha mi a’ smuaintinn. Bha iad a’ dèanamh rudeigin le ealan a h-uile seachdain. ’S bha iad an uair sin a’ gabhail pàirt ann an dràma, ’s bha ceòl ga chluich ’s bha iad a’ seinn ’s bha iad a’ dèanamh tòrr diofar rudan. Chòrd, chòrd a’ chuid as motha dheth le Sarah. Tha mi a’ smuaintinn gun e an rud a b’ fheàrr a chòrd leatha ’s e an ealan. Dh’ionnsaich i tòrr agus bha iad ag useicheadh ealan airson toirt air a’ chlann bruidhinn is smaointinn mu dheidhinn rudan, agus cuideachd a’ sealltainn dhaibh diofar dhòighean air rudan a dhèanamh.

Bha iad ag obair air an àrainneachd. Bha, bha iad daonnan a’ bruidhinn air recycladh is ag useicheadh, em, rudan a-rithist – cardboard ’s a’ falbh chun a cladach – cladaich ’s a’ cruinneachadh stuth ’s a’ dèanamh ealan le rudan a bha iad a’ faighinn mar sin. Em, cuideachd am biadh a bha iad ag ithe, bha, uile, “organic” – dè a’ Ghàidhlig a tha air “organic”? “Organic” a th’ ann, an e? – bha iad ag ithe, bha, a h-uile, bha am biadh a bha iad ag ithe a h-uile seachdain fallain. Um, agus bha tòrr mun àrainneachd ann.

An rud a b’ fheàrr a chòrd le Sarah, tha mi a’ smuaintinn gun e, gun d’ fhuair i falbh còmhla ris a’ phàrlamaid. Chaidh iad gu Fife airson ceann-seachdain. Bha iad fad na weekend ag obair mun àrainneachd agus a’ fuireach ann an dòigh a bha math dhan àrainneachd agus chòrd a’ weekend a bha sin leatha math. Dh’fhalbh, tha mi a’ smuaintinn, triùir no ceathrar aca à Uibhist thuige ’s chòrd sin gu mòr leatha.

Tha, bha cothroman eile a chòrd le Sarah cuideachd ann. Bha i, um, bhruidhinn i anns a’ Phàrlamaid ann an Dùn Èideann còmhla ri feadhainn dhan chlann. Agus cuideachd dh’fhalbh iad, eh, air a’ weekend triop a Heisgeir, chun an eilein a-muigh far na h-eileanan seo. Agus tha cuimhne agam cho clear nuair a bha iad a’ bruidhinn air falbh gu Heisgeir. Bha mi fhìn eagalach mu dheidhinn agus tha cuimhne agam a dhol a bhruidhinn le Isabel aig a’ phàrlamaid ag ràdh, you know, gu robh uallach sgràthail orm mu dheidhinn Sarah a’ falbh air a’ weekend a bha seo ’s gu robh mi a’ smuaintinn nach còrdadh e idir rithe, agus nach tigeadh i air a’ bhàta, agus, you know, gu robh mi a’ smuaintinn nach robh còir aice idir falbh. Agus dh’innis Iseabail gu math ceart dhomh gun e na h-eagalan agamsa a bha sin ’s nach e na h-eagalan aig Sarah a bh’ ann idir. Agus chòrd a’ weekend gu mòr leatha, agus cha robh eagal sam bith oirre falbh air a’ bhàta. Agus bidh i a’ bruidhinn air fhathast, um, cho math ’s a bha e falbh.

Tha i, tha i math air bruidhinn co-dhiù. Chan eil fhios agam an robh i gus a bhith mar sin co-dhiù, ach chanainn gun do chuidich am Pàrlamaid rithe. Em, tha i gu math fiosrachail mu dheidhinn ceart is ceàrr. Um, tha i air tòiseachadh a-nist air leughadh anns an eaglais air beulaibh a’ choimhearsnachd san eaglais air fad, agus ’s e rud a bha sin nach dèanadh Sarah roimhe seo. Em, tha i gu math stràiceil, tha mi cinnteach, ach ma dh’fhaoidte gu robh i gus a bhith mar siud co-dhiù, ach tha, tha mi a’ smuaintinn gun do rinn e feum mòr dhi a dhol ann.

Um, aon rud a thachair anns na trì bliadhna anns a’, anns a’ phàrlamaid ’s e, tha mi cinnteach, mun dàrna bhliadhna, nuair a thòisich an dàrna bhliadhna dhen phàrlamaid, nuair a bhiodh Sarah a’ tighinn dhachaidh bhiodh i ag innse dhuinn, you know, gu robh feadhainn dhe na h-igheanan nach robh a’ dol ann a-nist, gu robh iad air sgurr a dhol ann, agus am faodadh ise sgurr a dhol ann? Agus tha cuimhne agam, bhruidhinn sinn mu dheidhinn ’s you know, bha mi ag ràdh rithe gu robh fhios agam gu robh i, gu robh i ag innse dhomh gu robh feadhainn a’ stad ach gu robh mi fhìn a’ faireachdainn gun tuirt i riutha gun dèanadh i às, gu robh e airson trì bliadhna agus gu robh aice cumail a dhol ann airson na trì bliadhna a bha sin, you know, gu bheil rudan ann a dh’fheumas tu dhèanamh agus ma chuireas tu fhèin aghaidh air, aghaidh airson rud, gu robh còir agad cumail ris gus an robh thu deiseil. Agus chùm i a’ dol ann, ’s chòrd e rithe, ach a’ coimhead air ais, you know, bhithinn fhìn a’ smaointinn ma dh’fhaoidte gu robh trì bliadhna ro fhada airson feadhainn dhan chlann, co-dhiù na h-igheanan. Bha na n-igheanan air fàs gu math nas motha, ’s um, gu robh na gillean still caran òg seach na h-igheanan so chuir sin trioblaid dha na h-igheanan.

Short url:   https://multidict.net/cs/2039